Pàipear-taic 1

Mìneachadh air briathran co-cheangailte ri Gàidhlig mar a thathar gan cleachdadh san aithisg seo.

Briathar

Mìneachadh

Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig

Chuir Luchd-sgrùdaidh an Rìgh an cèill Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig gus comhairle phroifeasanta a thoirt seachad agus co-dhùnaidhean sgrùdaidh air an do rinneadh mion-sgrùdadh a cho-roinn air cùisean co-cheangailte ri Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh. Gu sònraichte, tha a’ chomhairle air dùilean a shuidheachadh airson dòighean-obrach bogaidh. Bidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ cleachdadh na Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig le frèamaichean leasachaidh càileachd gus luachadh a dhèanamh air feartan sònraichte Foghlaim Gàidhlig.

Bòrd na Gàidhlig

A’ phrìomh bhuidheann reachdail air a bheil uallach airson àm ri teachd na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte.

Comann nam Pàrant

Buidheann a tha a’ toirt taic do phàrantan le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Cròileagan

Solar bhuidhnean-cluiche tro mheadhan na Gàidhlig.

Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla, canar Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ris a’ phrògram airson daoine òga Gàidhlig ionnsachadh.

Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

Faodaidh clann Gàidhlig ionnsachadh mar dhàrna cànan ann an sgoiltean Beurla, gu tric còmhla ri cànan Eòrpach eile. Anns a’ bhun-sgoil, canar Ionnsachadh na Gàidhlig ris an seo. Canar Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ris a’ phrògram cho-ionann anns an àrd-sgoile. Nuair a thathar a’ toirt iomradh air an t-solar ann am bun-sgoil agus àrd-sgoil, tha an aithisg seo a’ cleachdadh Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Foghlam Meadhan Gàidhlig

In Gàidhlig Medium Education, all education takes place through the medium of Gàidhlig. This begins with a total Gàidhlig immersion phase until P4 and is followed by an immersion phase. The aim of Gàidhlig Medium Education is to enable children and young people to be bilingual and have equal fluency in both Gàidhlig and English. Young people who are fluent in Gàidhlig study literacy and Gàidhlig in S1-3 and Gàidhlig in the senior phase, along with other curricular contexts.

Bogadh - Làn-bhogadh agus Bogadh

Tha dà ìre ann am bogadh ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig – Làn-bhogadh sa chànan Gàidhlig gu toiseach BS4, agus às dèidh sin ìre bogaidh. Anns an ìre bogaidh, is i a’ Ghàidhlig fhathast cànan ionnsachaidh, teagaisg, measaidh agus sòisealachaidh. Is e am prìomh eadar-dhealachadh bho ìre làn-bhogaidh gu bheil a’ Bheurla air a teagasg gu foirmeil. Tha seo a’ tachairt tro mheadhan na Gàidhlig. Tha clann is daoine òga air an làn-bhogadh sa chànan le cuideam air sgilean gabhaidh agus an uair sin sgilean cinneasachaidh.  Ro dheireadh BS7, bidh buileachadh chloinne ann am Beurla glè choltach ri buileachadh chloinne ann am foghlam tro Bheurla. Bu chòir bogadh leantainn air adhart dhan àrd-sgoil le sgoiltean a’ toirt seachad adhartas bhon bhun-sgoil le bhith a’ lìbhrigeadh chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. 

Bidh bogadh ann an Gàidhlig a’ leantainn gu fileantas chloinne gu luath gus am bi e comasach dhaibh cothrom fhaighinn air a’ churraicealam gu lèir tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh tidsearan a’ taghadh eòlas-teagaisg gus sgilean gabhail chloinne a leasachadh, an toiseach far am bi iad a’ cluinntinn agus ag eadar-obrachadh leis a’ Ghàidhlig gu cunbhalach, agus an uair sin sgilean cinneasach. 

Tha ionnsachadh tro bhogadh air a chumail suas, air a bhrosnachadh agus air a neartachadh le àrainneachd bheairteach sa chànan far a bheil a’ Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a faicinn. Bidh clann is daoine òga an sàs ann an gnìomhachdan cultarail is cànain eile gus an cànan a chur ann an co-theacsa. Bu chòir do chlann is daoine òga a dhol an sàs ann an gnìomhachdan tro mheadhan na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile gus am fileantachd a leudachadh agus a dhoimhneachadh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh, Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig.

 

Bidh tidsearan a’ taghadh eòlas-teagaisg bogaidh gus sgilean gabhail chloinne a leasachadh, an toiseach far am bi iad a’ cluinntinn agus ag eadar-obrachadh leis a’ Ghàidhlig gu cunbhalach. Tha seo air a leantainn le sgilean gabhaidh. Tha eòlasan-teagaisg bogaidh a’ gabhail a-steach:

  • Cluich le eadar-obrachadh cunbhalach gus taic a thoirt do ionnsachadh na Gàidhlig. 
  • Tidsearan agus inbhich eile a’ modaladh agus a’ cleachdadh Gàidhlig fhileanta de dh’àrd-chàileachd. 
  • A’ cleachdadh teagasg cànain conaltraidh (dràma, òrain, rannan, sgeulachdan innse, geamannan, gnìomhan cruthachail agus fuasgladh-cheistean) 
    A’ toirt a-steach cànan sa churraicealam tro bhogadh taobh a-staigh ceithir co-theacsan a’ churraicealaim.
  • Ionnsachadh stèidhichte air gnìomhan, far am bi luchd-ionnsachaidh a’ crìochnachadh ghnìomhan is phròiseactan fhad ’s a tha iad a’ cluinntinn agus a’ cleachdadh na Gàidhlig.
  • A’ freagairt ri gluasad corporra gus ionnsachadh cànain a neartachadh. Bidh seo a’ brosnachadh co-obrachadh, smaoineachadh breithneachail agus cleachdadh cànain ann an suidheachaidhean fìor. 
  • A’ sgafallachadh gus tuigse a chuideachadh tro bhith a’ cleachdadh taic lèirsinneach, cleasachd, cuideam gus misneachd agus fileantachd a thogail le luchd-ionnsachaidh.
  • Ionnsachadh eadar-ghnìomhach agus co-obrachail le fòcas air deasbad, agus modaladh cànain. Gnìomhachdan ann an dithisean agus ann am buidhnean. 

Tha ionnsachadh tro bhogadh air a chumail suas, air a bhrosnachadh agus air a neartachadh le àrainneachd agus cultar beairteach sa chànan far a bheil a’ Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a faicinn taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh a’ chomhairle sgrìobhte le Luchd-sgrùdaidh an Rìgh, Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig.