Dè cho math ’s a tha càileachd ar slighean ionnsachaidh curraicealaim airson Foghlam Gàidhlig?
NO INTRO TRANSLATED
Foir-shealladh air toraidhean sgrùdaidh airson slighean ionnsachaidh curraicealaim
Tha luchd-obrach ann am bun-sgoiltean deatamach ann a bhith a’ stèidheachadh shlighean bogaidh thar nan sgoiltean 3-18 uile. Chan eil slighean bogaidh airson 3-5 air an stèidheachadh gu cunbhalach. Ann an àrd-sgoiltean, tha obair chudromach ri dhèanamh gus daoine òga a chumail ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig, agus aig an aon àm a’ leasachadh an cuid fileantachd. Tha slighean airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) cugallach agus feumar an ath-bheothachadh.
A’ cruthachadh shlighean curraicealaim buntainneach
Tha àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ nochdadh tuigse a tha a’ sìor fhàs air buannachdan shlighean ionnsachaidh curraicealaim a chruthachadh tro dhòighean-obrach èifeachdach làn-bhogaidh agus bogaidh. Ann an cleachdadh èifeachdach, bidh àrd-stiùirichean a’ leasachadh shlighean ionnsachaidh gus am bi clann is daoine òga a’ leasachadh fileantas sa Ghàidhlig agus ùidh ann an cultar, ceòl, traidiseanan agus feartan co-aimsireil a’ chànain.
Bidh a’ mhòr-chuid de thidsearan aig ìrean na bun-sgoile a’ dealbhadh raon farsaing de dh’ionnsachadh de dh’àrd-chàileachd thar a’ churraicealaim, agus ann an coimhearsnachdan ionadail agus Gàidhealach. Tha clann a’ togail fileantas, eòlas agus sgilean sa Ghàidhlig thar ùine tro chothroman airson coileanadh, buileachadh, eòlasan beairteach stèidhichte air fìor bheatha agus ceanglaichean ri saoghal na h-obrach.
Tha clann is daoine òga ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean a’ faighinn eòlas air raon a tha a’ sìor fhàs de chothroman airson coileanaidhean a choileanadh tro mheadhan na Gàidhlig. Feumar barrachd feum a dhèanamh de dhuaisean agus teisteanasan tro mheadhan na Gàidhlig, far a bheil sin iomchaidh.
Tha frèamaichean adhartais curraicealaim stèidhichte aig a’ mhòr-chuid de sgoiltean airson litearrachd is Gàidhlig, litearrachd is Beurla, àireamhachd agus slàinte is sunnd. Ann an cleachdadh èifeachdach, bidh luchd-obrach a’ cur prògram cànain labhairteach sònraichte an gnìomh gus structaran, gnàthasan-cainnt agus gràmar na Gàidhlig a thoirt a-steach, a neartachadh agus a dhaingneachadh.
Bu chòir do luchd-obrach an co-obrachadh agus an neo-eisimeileachd a mheudachadh ann a bhith a’ leasachadh cho-theacsan ionnsachaidh agus chuspairean thar-churraicealaim a tha cudromach do Ghàidhlig agus bogadh sa chànan.
Anns cha mhòr a h-uile bun-sgoil agus àrd-sgoil, tha luchd-obrach ag aithris gu bheil clann is daoine òga a’ faighinn an làn chòrach air dà uair a thìde de fhoghlam corporra gach seachdain. Chan eil e soilleir bhon chruinneachadh nàiseanta den dàta seo a bheil seo air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig no na Beurla.
Anns cha mhòr a h-uile bun-sgoil Foghlaim Meadhan Beurla, tha comas deatamach ann airson barrachd chloinne is dhaoine òga Gàidhlig ionnsachadh agus eòlas cudromach fhaighinn air a’ Ghàidhlig. ’S e seo a’ chiad no an dàrna cànan a bharrachd aca a tha a’ leantainn gu teisteanas nàiseanta san ìre as àirde.
Slighean curraicealaim àrd-sgoile airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
Ann an àrd-sgoiltean, feumaidh barrachd àrd-stiùirichean agus luchd-obrach adhbhar agus dòigh-obrach a leasachadh airson slighean ionnsachaidh curraicealaim a leasachadh airson Gàidhlig, Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Bu chòir seo an ùine teagaisg a tha air a riarachadh do litearrachd, àireamhachd agus slàinte is sunnd a mheudachadh mar dhleastanas air a h-uile duine thar foghlam 3-15 a-steach don ìre as àirde.
Bu chòir brosnachadh a thoirt do thidsearan barrachd feum a dhèanamh de chuspairean, ionnsachadh eadar-chuspaireil (IDL) agus cùrsaichean preantasachd bun-ìre gus cur ris a’ cho-chuid den churraicealam a tha air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.
Chan eil e an-còmhnaidh comasach do dhaoine òga ann am Foghlam Meadhan na Gàidhlig cànan a bharrachd a ghabhail ann an AS1-3. Tha seo a’ lùghdachadh buannachdan an dà-chànanais. Faodaidh com-pàirtichean airson na Gàidhlig barrachd cuideachaidh a thoirt seachad le slighean ionnsachaidh.
Thar Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus Foghlam Meadhan Gàidhlig, tha an àireamh de dhaoine òga a tha a’ gabhail chùrsaichean a tha a’ leantainn gu teisteanasan agus duaisean na adhbhar dragh mòr leantainneach do dh’Alba. Tha droch bhuaidh aige air cruthachadh luchd-obrach fileanta mar phàirt de chearcall mairsinn cànain sheasmhach. Tha dealbhadh curraicealam na h-àrd-sgoile fhathast neo-leasaichte gu nàiseanta. Chan eil feartan dealbhaidh curraicealaim nas ùire, leithid preantasachdan bun-ìre, air an cruthachadh gu sònraichte gu leòr airson beàrnan ann am planadh luchd-obrach airson raon na Gàidhlig a dhùnadh, a’ gabhail a-steach teagasg.
A’ neartachadh shlighean le com-pàirtichean
Ann an eisimpleirean làidir de chleachdadh, tha clann is daoine òga a’ faighinn buannachd mhòr bho bhith ag obair còmhla ri com-pàirtichean aig a bheil deagh sgilean cànain sa Ghàidhlig. Bidh seo an uair sin a’ neartachadh am buileachaidh agus fileantachd sa Ghàidhlig. Ach, chan eil sgoiltean agus com-pàirtichean gu tric fhathast a’ tomhas agus a’ meudachadh na h-ìre gu bheil com-pàirtichean a’ toirt buaidh air buileachadh agus fileantas chloinne is dhaoine òga.
Bidh com-pàirteachasan a’ togail mothachadh chloinne is dhaoine òga air a’ Ghàidhlig gu h-ionadail agus gu nàiseanta. Ann an cleachdadh èifeachdach, bidh tidsearan a’ meudachadh eòlas chloinne is dhaoine òga air cothroman cosnaidh. Bidh tidsearan a’ roinn fiosrachadh mu dhreuchdan le daoine òga agus a’ brosnachadh dhaoine a bhith an làthair aig fèilltean airson dreuchdan sònraichte do Ghàidhlig. Mar thoradh air sin, tha tuigse nas làidire aig clann is daoine òga air cho cudromach ’s a tha dà-chànanachas agus raon farsaing de sgilean airson am beatha san àm ri teachd, an eaconamaidh ionadail agus coimhearsnachd na Gàidhlig.
Feumaidh clann is daoine òga a bhith nas soilleire air mar a gheibh iad cothrom leotha fhèin air clubaichean, gnìomhachdan agus lìonraidhean sònraichte do Ghàidhlig taobh a-muigh na sgoile mar dhòigh air uallach a ghabhail airson am fileantachd a neartachadh.
A’ toirt sùil nas mionaidiche air co-dhùnaidhean sgrùdaidh airson slighean ionnsachaidh curraicealaim agus chom-pàirteachasan
A’ leasachadh shlighean àrd-sgoile
Feumaidh cha mhòr a h-uile àrd-sgoil barrachd planadh a dhèanamh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha seo mar leantainn air adhart ann an ionnsachadh le coileanaidhean dhaoine òga air an aithneachadh le teisteanasan agus duaisean a-steach don ìre as àirde. Tha an ùine a tha air a toirt do litearrachd agus Gàidhlig ann an AS1-3 ag atharrachadh cus thar sgoiltean. Feumaidh àrd-stiùirichean ann an sgoiltean agus com-pàirtichean coimhearsnachd planadh a dhèanamh airson àrdachadh ann an àireamh de luchd-ionnsachaidh a tha a’ dol air adhart gu bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tron Gàidhlig, agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ann am foghlam 3-15 agus anns an ìre as àirde. Le bhith a’ dèanamh feum as fheàrr de na goireasan a th’ ann mar-thà, agus le bhith a’ brosnachadh a h-uile tidsear teisteanasaichte gu teagasg ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig agus ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh, feumaidh àrd-stiùirichean agus com-pàirtichean barrachd oidhirpean a dhèanamh gus leantainneachd a mheudachadh le teagasg chuspairean a tha a’ leantainn gu teisteanas.
Bu chòir taic a chumail ri clann is daoine òga aig a bheil beàrnan nan ionnsachadh thar raointean curraicealaim is chuspairean tron Ghàidhlig gus am briathrachas speisealta sna raointean sin a chumail suas agus a leudachadh.
A' toirt goireasan don churraicealam
Thar cha mhòr a h-uile sgoil, tha e fhathast na phrìomhachas àrd gum bi raon de ghoireasan aig tidsearan gus an curraicealam a lìbhrigeadh. Tha seo a’ gabhail a-steach goireasan airson teicneòlas didseatach, feumalachdan taic a bharrachd, co-ionannachd agus iomadachd, agus teacsaichean airson leughadh agus matamataig a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh eadar-theangachaidhean ghoireasan dìreach bhon Bheurla a’ call amasan cudromach ionnsachaidh is co-theacsail. Tha fada nas lugha de ghoireasan ùr-nodha is tarraingeach ann an Gàidhlig na tha ann am Beurla gus clann is daoine òga a bhrosnachadh gu bhith a’ leughadh is ag èisteachd ri teacsaichean airson tlachd agus ann a bhith a’ leasachadh neo-eisimeileachd nan ionnsachadh. Chan eil cothrom chloinne is dhaoine òga air seirbheisean leabharlainn tron Ghàidhlig faisg air a bhith co-ionann ris a’ chothrom a tha ri fhaighinn dha na co-aoisean aca tro mheadhan na Beurla. Bu chòir do thidsearan làn-fhiosrachadh a thoirt do cho-dhùnaidhean mu phrìomhachasan ghoireasan agus cothrom a bhith aca air eadar-theangairean gus goireasan ionadail a thoirt seachad.
Pàrantan mar chom-pàirtichean curraicealaim
Tha eòlasan Gàidhlig chloinne is dhaoine òga air an neartachadh le com-pàirteachasan. Tha iad sin a’ gabhail a-steach com-pàirteachasan leis a’ choimhearsnachd ionadail, agus buidhnean nàiseanta, ionadail agus Gàidhlig.
Anns a’ chleachdadh as èifeachdaiche, tha luchd-obrach air ìomhaigh na Gàidhlig a thogail sa choimhearsnachd tro chom-pàirteachasan èifeachdach agus ceanglaichean eadar ginealaichean. Ann an cuid de chùisean, tha teicneòlas air a chleachdadh gu math airson an adhbhair seo. Tha leudachd ann cothroman a leasachadh do chlann agus pàrantan/luchd-cùraim ionnsachadh còmhla. Tha a’ mhòr-chuid de phàrantan/luchd-cùraim air an comhairleachadh mun taic air-loidhne airson obair-dachaigh, ‘Gaelic4Parents’ agus goireasan air-loidhne co-cheangailte. Bu chòir do luchd-obrach cumail orra a’ roinn fiosrachadh ann an deagh àm le teaghlaichean mu dhà-chànanas, bogadh sa chànan agus buannachdan ionnsachadh na Gàidhlig. Thar nan sgoiltean uile, bu chòir do thidsearan cumail orra a’ meudachadh agus a’ brosnachadh cleachdadh phàrantan de ghoireasan eile a tha rim faighinn air-loidhne airson na Gàidhlig.
Buaidh an Stiùiridh Reachdail air Foghlam Gàidhlig, 2017
Ann am mòr-chuid de sgoiltean 3-18, feumaidh àrd-stiùirichean an eòlas agus an cleachdadh den Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig, 2017 a mheudachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach leasachadh a dhèanamh air dòighean-obrach ro-innleachdail a thaobh foghlam bogaidh gus an ùine a bhios clann is daoine òga ag ionnsachadh tron Ghàidhlig a làn-mheudachadh. Tha teagasg chuspairean speisealta agus còmhdach airson ùine neo-chonaltraidh thidsearan/luchd-cleachdaidh ro thric tro mheadhan na Beurla agus mar sin, tha e a’ lagachadh eòlasan bogaidh.
Ceistean gus taic a thoirt do leasachadh leantainneach ann an slighean ionnsachaidh curraicealaim agus com-pàirteachasan
- Dè cho math ’s a tha na slighean adhartais againn a’ leasachadh eòlas, sgilean agus tuigse luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh, a bharrachd air a bhith a’ leasachadh a’ chultair agus na dearbh-aithne co-cheangailte ris? Dè na h-ath cheumannan?
- Dè cho math ’s a tha clann is daoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ faighinn an còrach air foghlam farsaing coitcheann, le adhartas gu duaisean agus teisteanasan san ìre as àirde?
- Dè cho math ’s a tha clann is daoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig an sàs ann am farpaisean is tachartasan nàiseanta is ionadail? Dè na duaisean agus na teisteanasan a thathas a’ cleachdadh gus na soirbheasan aca aithneachadh, mar a bhios iomchaidh?
- Gu dè an ìre gu bheil tuigse cho-roinnte aig an sgioba luchd-obrach againn air mar as urrainnear ionnsachadh agus teicneòlas eadar-chuspaireil a chleachdadh gus Foghlam Meadhan Gàidhlig adhartachadh?
- Dè cho math ’s a tha an curraicealam againn a’ leasachadh eòlas is ionnsachadh chloinne is dhaoine òga air Gàidhlig is Albais, agus cultaran co-cheangailte riutha, gus àm ri teachd seasmhach a dhèanamh tèarainte dha na cànanan?
- Dè cho math ’s a tha an sgoil againn a’ comharrachadh, a’ conaltradh agus ag ath-sgrùdadh gu h-èifeachdach le com-pàirtichean Gàidhlig gus eòlasan curraicealaim a mheudachadh gus fileantachd luchd-ionnsachaidh a leasachadh?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ brosnachadh na Gàidhlig aig amannan clàraidh agus gluasaid? Dè na ro-innleachdan soirbheachail againn?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ comasachadh phàrantan/luchd-cùraim agus teaghlaichean agus a’ choimhearsnachd ionadail gus cur ri beatha na sgoile agus a bhith an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig san sgoil?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ toirt taic do phàrantan/luchd-cùraim gus pàirt a ghabhail ann an ionnsachadh an cuid chloinne, cur ris agus tuigse fhaighinn air mar a tha iad ag ionnsachadh? Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ conaltradh mu adhartas, buileachadh agus coileanadh?
- A bheil Comhairle nam Pàrant againn a’ riochdachadh a h-uile pàrant is neach-cùraim san sgoil agus an cùl-raointean sòisealta, eaconamach, cànain is cultarail? A bheil co-chuid iomchaidh de luchd-labhairt na Gàidhlig agus aig nach eil Gàidhlig? Mura h-eil, dè tha sinn a’ dèanamh gus dèiligeadh ris a seo?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ beachdachadh air agus a’ brosnachadh riatanasan reachdail airson na Gàidhlig taobh a-staigh na sgoile againn?