Dè cho èifeachdach ’s a tha ar ceannardas agus ar dòighean air Gàidhlig a leasachadh?

Gheibhear san earrainn seo toraidhean sgrùdaidh a thaobh cleachdaidhean ceannardais agus dòighean leasachaidh.

Foir-shealladh air toraidhean sgrùdaidh a thaobh ceannardas agus dòigh-obrach airson leasachadh na Gàidhlig

Rinn Luchd-sgrùdaidh an Rìgh luachadh air ceannardas atharrachaidh ann an sgoiltean sa mhòr-chuid mar rud aig a bheil neartan. Tha cus neo-chunbhalachdan ann thar sgoiltean agus raointean. Tha feum ann air tuilleadh leasachaidhean far a bheil eòlasan chloinne is dhaoine òga air an lùghdachadh agus nach eil atharrachadh bliadhna an dèidh bliadhna air a phlanadh.

Dèanamh cinnteach gu bheil buaidh aig lèirsinn, luachan agus cuimsean air a’ Ghàidhlig

Ann an cleachdadh soirbheachail, tha an lèirsinn, na luachan agus na h-amasan a chaidh aontachadh a’ freagairt gu math ri Gàidhlig mar chànan, mar mheadhan, agus mar chultar is coimhearsnachd co-cheangailte. Tha tuigse shoilleir aig a’ mhòr-chuid den luchd-obrach air co-theacsa sòisealta, cultarail agus eaconamach an coimhearsnachdan, far a bheil a’ Ghàidhlig na pàirt. Ro thric san àrd-sgoil, feumaidh an lèirsinn, na luachan agus na h-amasan a bhith ceangailte nas soilleire ri Gàidhlig agus prìomhachasan nàiseanta. 

Co-obrachadh agus ceannardas luchd-obrach a thaobh na Gàidhlig 

Tha cha mhòr a h-uile neach-obrach speisealta airson Gàidhlig thar nan ìrean ag amas air na h-inbhean as àirde a ghabhas coileanadh. Ann a bhith a’ stiùireadh atharrachadh, tha luchd-obrach sònraichte airson na Gàidhlig nan tosgairean dìorrasach airson na Gàidhlig. Tha adhbhar co-roinnte aig sgioba an luchd-obrach speisealta gus taic a thoirt do fhileantas, adhartas agus buileachadh chlann is dhaoine òga. Bidh iad a’ co-obrachadh gu math ann a bhith a’ toirt leasachaidhean air adhart. 

Tha clann, daoine òga, luchd-obrach agus pàrantan dìorrasach mu bhith ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig airson a’ mhòr-chuid den ùine san sgoil. Tha buaidh mhath aig seo air cruthachadh cultar agus àrainneachd a tha fàbharach do bhith a’ coileanadh thoraidhean airson bogadh agus airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. 

Cnapan-starra

Tha beagan neo-shùim a thaobh na Gàidhlig fhathast ann an cuid de sgoiltean, agus tha eòlaichean a’ chànain den bheachd gu bheil seo na cnap-starra ro atharrachadh. Feumaidh tuigse nas fheàrr a bhith aig a h-uile neach-obrach air co-ionannachdan cànain.

Planadh ro-innleachdail airson leasachadh leantainneach Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh

Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, tha dealbhadh ro-innleachdail àrd-stiùirichean airson leasachadh agus aithris air inbhean soilleir aig ìrean na bun-sgoile. Ann an sgoiltean-àraich agus àrd-sgoiltean, chan eilear gu cunbhalach a’ glacadh feartan sònraichte Foghlam Meadhan Gàidhlig gu math gu leòr aig ìre ro-innleachdail, uile-sgoile. Chan eil àrd-stiùirichean fhathast a’ dèanamh luachadh de dh’àrd-chàileachd gu cunbhalach ann an Aithisgean Inbhean is Càileachd. Mar thoradh air an sin, tha seo a’ slaodadh astar atharrachaidh is leasachaidh ann an raointean leithid leasachadh curraicealaim bogaidh.

Tha àrd-stiùirichean ann am foghlam 3-18 a’ cumail cuideam mòr air buileachadh sa Ghàidhlig àrdachadh, rud a tha gu mòr a dhìth. Tha seo gu sònraichte cudromach do chlann agus daoine òga air an tugadh a’ bhuaidh as motha bho bhochdainn agus bho bheàrnan ann an ionnsachadh bhon ghalar mhòr-sgaoilte COVID-19 agus neo-làthaireachd. Ann an àrd-sgoiltean, tha àrdachadh buileachaidh air a chuingealachadh ri litearrachd agus Gàidhlig mar chuspair taobh a-staigh Curraicealam airson Sàr-mhathais seach mar a tha an curraicealam gu lèir a’ toirt taic do eòlas, sgilean agus fileantachd a tha air a mheudachadh. Fhad ’s a tha daoine òga a’ gluasad tro ìrean na h-àrd-sgoile, chan eil cothroman gu leòr ann sgilean litearrachd is àireamhachd a leasachadh air feadh a’ churraicealaim, a bharrachd air cuspairean.

Ann am beag-chuid de chùisean, chan eil Foghlam Meadhan Gàidhlig ri fhaighinn ann an sgoil-àraich. Mar thoradh air sin, chan eil pàrantan a’ faighinn buannachd bhon 1140 uair-a-thìde an-asgaidh de thràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne tro Ghàidhlig. Far a bheil seo fìor, chan eil ùghdarrasan ionadail a’ dèanamh deagh phlanadh ro-innleachdail airson leantainneachd ann an ionnsachadh no airson àrdachadh buileachaidh. Tha beàrnan ann an ionnsachadh chloinne aig ìre chudromach nuair a bhios iad a’ làn-bhogadh sa Ghàidhlig.

Tha àrd-stiùirichean a tha a’ stèidheachadh Foghlam Meadhan Gàidhlig às ùr a’ cur siostaman làidir an sàs gus an roghainn foghlaim ùr seo a thoirt a-steach. Bidh àrd-stiùirichean a’ tadhal a-rithist air stiùireadh ro-innleachdail na sgoile agus air a’ churraicealam gus dealbhadh a dhèanamh airson ionnsachadh sònraichte chloinne, iomadachd agus in-ghabhaltas sa Ghàidhlig. San fharsaingeachd, tha astar leasachadh solar ùr Foghlaim Mheadhan Gàidhlig air feadh Alba ro shlaodach. Tha dùbhlain shònraichte ann a thaobh luchd-foghlaim a thàladh gu sgìrean dùthchail. Mar thoradh air sin, tha ionnsachadh na Gàidhlig aig clann is daoine òga air a bhriseadh no air a stad ro thric.

Tha dealbhadh soilleir aig àrd-stiùirichean airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) thar ìrean ag adhbharachadh gu bheil clann is daoine òga a’ faighinn tlachd à bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an grunn sgoiltean. Aig ìrean na bun-sgoile, feumaidh a’ mhòr-chuid de thidsearan a bhith nas àrd-amasaich a thaobh nas urrainn do chlann a choileanadh. Bu chòir do thidsearan barrachd cleachdadh a dhèanamh de Chomharran-tomhais nàiseanta airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) thar ìrean. Aig ìrean na h-àrd-sgoile, tha feum ann air planadh nas mionaidiche le àrd-stiùirichean airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) sa churraicealam agus feumar a brosnachadh gus an àireamh de dhaoine a tha a’ gabhail Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a mheudachadh. Bu chòir barrachd sgoiltean ann an Alba a bhith a’ tabhann Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh), a’ gabhail a-steach tro dhòighean-obrach didseatach, leithid e-Sgoil.

Fèin-mheasadh èifeachdach airson buaidh

Bidh a’ mhòr-chuid de dh’àrd-stiùirichean a bhios a’ cleachdadh frèamaichean sònraichte, leithid Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig (2022), a’ meudachadh buaidh agus co-ionannachd do luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bidh iad cuideachd a’ cur gu deagh fheum dàta agus amasan nàiseanta airson na Gàidhlig.

Tha tidsearan glè dheimhinneach mu ionnsachadh aig ìre maighstireachd air bogadh. Bidh còmhradh beairteach aca le co-aoisean agus oidean gus taic a thoirt do leasachadh proifeasanta. Feumaidh còmhradh proifeasanta leantainneach, ionnsachadh agus fèin-mheasadh àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a bhith nas fhollaisiche air a’ Ghàidhlig gus barrachd buaidh a thoirt air càileachd cleachdaidh.

Fastadh luchd-obrach

Ann an cleachdaidhean soirbheachail, tha àrd-stiùirichean is ùghdarrasan ionadail air obrachadh còmhla gu sàr-mhath gus gabhail ri dòighean cruthachail airson luchd-obrach a thrusadh do dh’Fhoghlam Mheadhan na Gàidhlig. Cha d’ fhuair Luchd-sgrùdaidh an Rìgh mòran chleachdaidhean ùra a bha a’ toirt buaidh air fastadh bho phreantasachdan bun-ìre agus nuadh ann am foghlam agus cùram-chloinne. Dh’fhaodadh àrd-stiùirichean ann an ùghdarrasan ionadail feum nas fheàrr a dhèanamh de theicneòlas, de chom-pàirtichean agus den choimhearsnachd ionadail gus dèiligeadh ris na dùbhlain leantainneach a tha an lùib teagaisg agus dreuchdan bàna ann an ceannardas àrd-ìre. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean Gàidhlig taic agus fuasglaidhean leantainneach a thabhann.

A’ leasachadh sgilean ceannardais nan daoine òg

Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, chaidh èisteachd ri beachdan chloinne is dhaoine òga, agus chaidh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh. Bha mòran chloinne is dhaoine òga air comhairlean sgoilearan agus buidhnean eile. Bu chòir dha na buidhnean seo dèiligeadh gu cunbhalach ri leasachadh na Gàidhlig a bharrachd air taobhan coitcheann na sgoile. Bha mòran comais ann airson clann is daoine òga a cheangal ri buidhnean coimhearsnachd. 

Leasaich a’ mhòr-chuid de sgoiltean sgilean ceannardais chloinne is dhaoine òga tro thachartasan nàiseanta leithid Duais Iain Muir, Film G agus An Deasbad Nàiseanta. Cha robh luchd-obrach an-còmhnaidh a’ toirt seachad eòlas dealbhaichte, adhartach a bha a’ leantainn gu na tachartasan sin. Dh’fhaodadh iad barrachd feum a dhèanamh de chreideasachadh gus aithneachadh a thoirt do na sgilean ceannardais a tha daoine òga a’ faighinn bho bhith a’ gabhail pàirt anns na tachartasan seo. 

Tha prògram nan stiùirichean òga ag obair gu math mar dhòigh airson sgilean a leasachadh, cothroman a thoirt seachad airson co-dhùnaidhean a dhèanamh agus cothroman inntinneach a chruthachadh do cho-aoisean. Dh’fhaodadh clann, daoine òga agus pàrantan cur ri leasachadh ann an dòigh nas cunbhalaiche ann a bhith a’ leasachadh an eòlais air Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh.

A’ toirt sùil nas mionaidiche air co-dhùnaidhean sgrùdaidh a thaobh ceannardas agus dòighean-obrach gus Gàidhlig a leasachadh

A’ cruthachadh shuidheachaidhean airson leasachadh leantainneach

Bidh a’ mhòr-chuid de cheannardan sgoile a’ stèidheachadh cultar de cho-obrachadh colaisteach, far a bheil luchd-obrach a’ faireachdainn gu bheil luach ga chur orra agus misneachail gu bheil na measaidhean aca cudromach. Bidh ceannardan sgoile a’ toirt a-steach luchd-obrach, clann is daoine òga, pàrantan agus com-pàirtichean gu h-èifeachdach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach à càileachd taobhan Gàidhlig na sgoile tro lionsa sònraichte. Tha àireamh a tha a’ sìor-fhàs de luchd-obrach a’ leasachadh mar a bhios iad a’ cruinneachadh fianais airson fèin-mheasadh a tha stèidhichte air goireasan sònraichte don Ghàidhlig. Nuair a thèid seo a dhèanamh gu math thar ùine, tha buaidh shoilleir aige air càileachd agus inbhean. Ann an sgoiltean beaga, tha luchd-obrach for-ghnìomhach ann a bhith a’ sireadh cheanglaichean le buidhnean eile gus cultar de leasachadh a dhèanamh. 

Thar beag-chuid de sgoiltean 3-18, tha luchd-obrach a’ cleachdadh gu math, air stèidh uile-sgoile, Inbhean Proifeasanta aig Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba a tha sònraichte don Ghàidhlig. Feumar na h-inbhean a tha a’ buntainn ri Gàidhlig a chleachdadh nas fharsainge mar phrìomh chomasan agus dhleastanasan airson a h-uile neach-obrach. Bu chòir dha seo luchd-obrach ann am Foghlam Meadhan Beurla a bhrosnachadh gus barrachd chloinne is dhaoine òga a chomasachadh a dh’ionnsachadh Gàidhlig agus mun Ghàidhlig mar chànan dùthchasach na h-Alba. Bu chòir do chlann is daoine òga cumail orra a’ leasachadh bheachdan fiosraichte, tuigse agus ceanglaichean ri cultar, dualchas, buannachdan eaconamach is dà-chànanach, ceòl agus seasmhachd na Gàidhlig.

Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha ceannardan-sgoile a’ toirt chothroman cunbhalach do luchd-obrach conaltradh, ionnsachadh is sgrùdadh proifeasanta a thoirt air adhart, a’ cuimseachadh gu lèir air a’ Ghàidhlig. Anns a’ chleachdadh as èifeachdaiche, tha seo air aontachadh mar phàirt de dh’ùine ghnìomhachdan colaisteach, dha bheil amasan soilleir gan cur air dòigh. Tha seo a’ toirt deagh bhuaidh air misneachd an luchd-obrach a bhith a’ stiùireadh atharrachadh agus air càileachd ionnsachaidh agus teagaisg anns na h-ionadan seo. 

Ann am beagan chùisean, tha ceannardan-sgoile nach eil a’ bruidhinn a’ chànain dealasach a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig, còmhla ri beagan luchd-obrach. Leigidh seo le ceannardan-sgoile an cuid Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta agus ann an obair làitheil na sgoile. Ann am beag-chuid de sgoiltean, feumaidh ceannardan ùra cothrom fhaighinn air ionnsachadh proifeasanta air Foghlam Gàidhlig nas luaithe an dèidh dhaibh tòiseachadh san dreuchd. Bidh seo gan comasachadh gus an dreuchd airson na Gàidhlig a thuigsinn nas fheàrr. Bhiodh e cuideachd buannachdail do cheannardan-sgoile aig a bheil Foghlam Meadhan Gàidhlig mar rud ùr a bhith a’ gabhail pàirt ann am prògraman ceannardais nàiseanta a chaidh a dhèanamh gu sònraichte.

Ann an cuid de chùisean, tha àrd-cheannardan is ùghdarrasan ionadail air obrachadh còmhla gu sàr-mhath, a’ gabhail ri dòighean cruthachail gus luchd-obrach a thrusadh do dh’Fhoghlam Mheadhan na Gàidhlig. Tha seo a’ gabhail a-steach cùmhnantan làn-ùine a chleachdadh seach cùmhnantan pàirt-ùine, dreuchdan àrdaichte a chruthachadh, leithid prìomh thidsearan gus stiùireadh a thoirt do Fhoghlam Mheadhan na Gàidhlig, preantasachdan bun-ìre agus taic le taigheadas. Ann an cus sgoiltean 3-18, tha dreuchdan bàna ann an teagasg is àrd-cheannardas a’ toirt dùbhlain mhòra agus a’ cur stad air ionnsachadh chloinne is dhaoine òga tro mheadhan na Gàidhlig. Ann an cuid de na cùisean seo, dh’fhaodadh barrachd feum a dhèanamh de theicneòlas, sgeamaichean brosnachaidh gus tidsearan a thàladh agus le bhith a’ leasachadh dhreuchdan dealbhaichte airson chom-pàirtichean. Faodaidh tidsearan barrachd feum a dhèanamh de sgilean agus eòlas luchd-labhairt na Gàidhlig sa choimhearsnachd. 

Ann am beag-chuid de sgoiltean, faodaidh solar Gàidhlig 3-18 frithealadh ris an ùghdarras ionadail gu lèir no a bhith air an leudachadh thairis air grunn sgìrean-sgoile airson Foghlam Meadhan Beurla. Gu tric, dh’fhaodadh na sgoiltean seo a bhith nas cinntiche nan dealbhadh ro-innleachdail agus san dòigh sa bheil iad a’ brosnachadh na Gàidhlig, mar a nithear nuair a bhios acadamaidh speisealta aig sgoiltean, leithid airson ceòl is spòrs.

Planadh airson leasachadh leantainneach airson Foghlam Meadhan na Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh

Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, tha planaichean leasachaidh sgoiltean a’ cur fòcas air a’ Ghàidhlig. Thathar a’ sgrùdadh is a’ luachadh nam pròiseactan seo gus dèanamh cinnteach gum bi iad a’ leantainn gu builean nas fheàrr do chlann is daoine òga. Tha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ faireachdainn gun deach comhairle iarraidh orra a thaobh dè bu chòir phrìomhachas a chur air airson leasachadh. Anns a’ phlanadh as èifeachdaiche, bidh teamplaidean ùghdarrasan ionadail airson dealbhadh leasachaidh a’ ceangal na Gàidhlig ris an fhrèam-obrach leasachaidh nàiseanta, ris a’ Phlana Ghàidhlig aca agus ri prìomhachasan nan ùghdarrasan ionadail. Cuidichidh seo luchd-obrach gus co-obrachadh gu math air leasachaidhean. 

Feumaidh àrd-stiùirichean barrachd cothruim fhaighinn air dàta nàiseanta càileachdail agus amasan so-thomhais a thaobh na Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha barrachd den dàta a chaidh a chruinneachadh mu bhuileachadh dhaoine òga bhon Churraicealam airson Sàr-mhathais a’ tòiseachadh ri fhaighinn gu nàiseanta. Dh’fhaodadh an dàta ann an Insight, inneal shlatan-tomhais proifeasanta airson dàta buileachaidh a sgrùdadh ann an ìre as àirde ann an àrd-sgoiltean, a bhith air a bhriseadh sìos barrachd a thaobh Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bu chòir seo dealbh soilleir a thoirt seachad de chinn-uidhe dheimhinneach dhaoine òga às dèidh na sgoile gus taic a thoirt do phlanadh èifeachdach air prìomhachasan leasachaidh san àm ri teachd. Aig amannan, feumar barrachd cuideam nas dùmhaile, nas seasmhaiche a chur air pròiseactan leasachaidh gus am bi atharrachaidhean faicsinneach seach samhlachail.

Anns na h-àrd-sgoiltean, tha cha mhòr a h-uile neach-obrach speisealta airson Gàidhlig a’ stiùireadh atharrachaidhean gu math ann a bhith a’ lìbhrigeadh Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) mar chuspairean taobh a-staigh raointean curraicealaim. Bidh iad a’ cur an cèill sealladh reusanta airson leasachadh ro-innleachdail a dhèanamh air a’ Ghàidhlig taobh a-staigh an suidheachaidhean. Bidh dìth phròiseasan dealbhaidh ro-innleachdail airson na Gàidhlig gu tric a’ cur bacadh air an cumhachdachadh a bharrachd. Anns a’ mhòr-chuid de dh’àrd-sgoiltean, feumaidh àrd-cheannardan stiùireadh ro-innleachdail nas soilleire a thoirt do leasachadh leantainneach ceum air cheum nas luaithe, a tha ag aithneachadh dè cho cudromach ’s a tha e a’ Ghàidhlig ath-bheothachadh. Feumaidh àrd-stiùirichean planadh nas mionaidiche a dhèanamh gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh a bhith a’ gabhail Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) thar gach ìre. Tha crìonadh san àireimh de sgoilearan a tha a’ gabhail Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) na phàtran cudromach ann an cus sgoiltean. Feumaidh buidhnean nàiseanta is buidhnean Gàidhlig taic a thoirt do sgoiltean le ro-innleachd agus iomairtean adhartachaidh, gus am bi daoine òga mothachail air buannachdan ionnsachadh a’ chànain. 

Ann an sgoiltean le Foghlam Meadhan Gàidhlig is na Beurla, feumaidh àrd-stiùirichean barrachd deuchainneachaidh a dhèanamh gus a bhith soilleir mu bhuaidh atharrachaidh air bogadh ann an clasaichean foghlaim. Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bu chòir do phrìomh stiùirichean agus luchd-obrach na dòighean-obrach aca a thaobh bogadh sa chànan agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a chlàradh ann am poileasaidh agus mìneachadh mar a tha seo a’ buntainn ri gach raon air feadh na sgoile. Bheir seo stiùireadh do luchd-obrach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach à inbhean àrda ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig agus ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh. 

Ceannardas ann a bhith ag àrdachadh buileachaidh

Tha feumalachdan chloinne is dhaoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig gan toirt fa-near gu math a thaobh mar a tha àrd-cheannardan a’ cleachdadh maoineachadh cothromas nan sgoilearan. Ann an àireamh bheag de chùisean, thathar air tabhartasan sònraichte na Gàidhlig a thargaideachadh gus maoineachadh a thoirt seachad airson luchd-obrach a bhios a’ toirt taic do dh’eadar-theachdan do chlann a tha feumach air taic leis an cuid fileantais sa Ghàidhlig. Bu chòir do dh’àrd-cheannardan is com-pàirtichean cumail orra a’ planadh airson buidhnean cloinne nach d’ fhuair buannachd à làn-bhogadh aig sgoiltean-àraich ri linn a’ ghalair lèir-sgaoilte, agus daoine òga thar foghlam san fharsaingeachd nach d’ fhuair cothrom cunbhalach air a’ Ghàidhlig tron ghalar. 

Ceannardas a’ churraicealaim airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh

Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean 3-18, bu chòir barrachd cumhachd a thoirt do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach gus atharrachadh a bhrosnachadh no buaidh mhòr a thoirt air ceannardas a’ churraicealaim. Aig ìrean na bun-sgoile, bu chòir do phrìomh stiùirichean agus luchd-obrach barrachd feum a dhèanamh de chànan agus cultar na Gàidhlig mar cho-theacsa a’ churraicealaim. Aig ìrean na h-àrd-sgoile, bu chòir do dh’àrd-stiùirichean ro-innleachd shoilleir a leasachadh gus a’ cho-rèir den churraicealam a tha ri faighinn tro Ghàidhlig a mheudachadh. 

Tha astar lìbhrigeadh curraicealam na h-àrd-sgoile tron Ghàidhlig is dhan Ghàidhlig mar dhàrna cànan, fhathast gu math slaodach thar ùine. Tha dìth uallach ann airson cò agus ciamar a bhios a’ toirt taic do dh’àrd-stiùirichean ann an sgoiltean ann a bhith a’ dèiligeadh ris a’ phrìomhachas chudromach seo. Ann an cuid de chùisean, chan eil àrd-stiùirichean a’ cleachdadh thidsearan teisteanaichte aig a bheil fileantachd sa Ghàidhlig gus cur ri curraicealam na Gàidhlig. Gus ceannardan-sgoile aig ìrean na h-àrd-sgoile a chumhachdachadh ann a bhith a’ stiùireadh a’ churraicealaim airson raon na Gàidhlig, gheibheadh iad buannachd à ionnsachadh proifeasanta cunbhalach air dealbhadh curraicealam Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha seo a’ gabhail a-steach an Curraicealam airson Sàr-mhathais a chur gu feum barrachd airson buannachd a thoirt do luchd-ionnsachaidh ann an raon na Gàidhlig. Tha cuid de cheannardan-sgoile, a tha air cruthachalachd a nochdadh ann a bhith a’ dealbhadh a’ churraicealaim airson Foghlam Meadhan Beurla, an aon chruthachalachd a chleachdadh agus a ghluasad gu Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bu chòir dhaibh barrachd rannsachaidh a dhèanamh air mar a ghabhas Frèam-obrach Creideasan is Teisteanasan na h-Alba (SCQF) a chur an sàs ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach a thaobh chùrsaichean goirid agus duaisean.

Bu chòir do dh’àrd-stiùirichean thar sgoiltean 3-18 astar ionnsachaidh agus teagaisg a luathachadh airson Gàidhlig mar chànan a bharrachd do chlann is daoine òga ann am Meadhan Beurla - Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Bu chòir ionnsachadh tro theicneòlas agus àrd-ùrlaran didseatach a bhrosnachadh tuilleadh gus dèanamh cinnteach à leantainneachd a-steach don ìre as àirde. 

Thar cha mhòr a h-uile sgoil 3-18, tha clann, daoine òga, luchd-obrach agus pàrantan a’ sealltainn dealas làidir a thaobh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig. Bheir seo buaidh air cultar agus àrainneachd bogaidh sgoiltean airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. 

Tha aon ùghdarras ionadail a’ cur an gnìomh ‘Poileasaidh Gàidhlig mar Chiad Chànan’ far a bheilear a’ gabhail ris gum bi a h-uile pàiste a’ frithealadh sgoil-àraich agus a’ leantainn air adhart le Foghlam Meadhan Gàidhlig a-steach don bhun-sgoil. Bidh seo ag àrdachadh clàradh, ged nach eil e fhathast mar phàtran cunbhalach. Dh’fhaodadh àrd-stiùirichean Foghlam Meadhan Gàidhlig a bhrosnachadh barrachd san ùine mus feumar sgoilearan a chlàradh. Bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh ann mu bhuannachdan Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig, dà-chànanas agus tairgsean curraicealaim air làraichean-lìn agus leabhraichean-làimhe buntainneach na sgoile. 

Ann am beag-chuid de sgoiltean, bidh àrd-stiùirichean a’ dèanamh adhartas deimhinneach ann a bhith a’ stèidheachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig às ùr. Le seo a dhèanamh, bidh ùghdarrasan ionadail a’ dèiligeadh ri iarrtasan phàrantan airson Foghlam Meadhan Gàidhlig mar phàirt de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016. Ann am beagan sgoiltean 3-18, stèidhich ùghdarrasan ionadail sgìre-sgoile shònraichte do Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Shoilleirich seo do phàrantan ciamar agus càite am faigheadh iad cothrom air Foghlam Meadhan Gàidhlig. Ann am beagan sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean, tha luchd-obrach agus com-pàirtichean air obrachadh gu math còmhla gus na h-àireamhan de chlann-sgoile a tha gan clàradh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig a leasachadh agus a mheudachadh. Bu chòir na meudachaidhean seo a chleachdadh gus planadh san fhàd-ùine airson a’ churraicealaim aig ìrean na h-àrd-sgoile. 

Tosgairean Gàidhlig: Cleachdadh a tha a’ tighinn am bàrr

Thar a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, bidh a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga a’ cur gu h-èifeachdach ri beatha na sgoile agus na coimhearsnachd nas fharsainge. Tha seo gu tric tro dhreuchdan ceannardais, a’ gabhail a-steach seasmhachd, adhartachadh chòraichean chloinne, caraidean leughaidh is sgrìobhaidh, ceannardan didseatach is leabharlannaichean sgoileir. Tro na dreuchdan seo thathar a’ sireadh, ag èisteachd ri agus a’ dèiligeadh ri beachdan chloinne agus dhaoine òga. Mar thoradh air seo, tha clann agus daoine òga a tha a’ faighinn nan cothroman seo a’ leasachadh an cuid misneachd, sgilean sòisealta, is sgilean ceannardais. Bu chòir do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach cumail orra a’ dèanamh cinnteach gu bheil taic ga toirt do gach pàiste is duine òg gus atharrachadh is leasachadh a stiùireadh air feadh na sgoile ann an dòigh a bheir buaidh. 

Ceistean gus taic a thoirt do leasachadh leantainneach ann an ceannardas agus dòigh-obrach airson leasachadh na Gàidhlig

  • Dè cho soilleir ’s a tha an sgioba luchd-obrach air carson a dh’fheumar a’ Ghàidhlig a chumail suas? Dè cho math ’s a tha dealbhadh leasachaidh na sgoile againn a’ toirt buaidh gu leòr air cruthachadh àm ri teachd seasmhach airson na Gàidhlig?
  • Dè cho math ’s a tha lèirsinn, luachan agus amasan na sgoile a’ seòladh an stiùiridh ro-innleachdail agus astar atharrachaidh airson na Gàidhlig? 
  • Dè cho math ’s a tha dealbhadh ro-innleachdail a’ gabhail a-steach prìomhachasan dealbhaidh nàiseanta is ionadail airson na Gàidhlig? 
  • Dè cho math ’s a tha fèin-luachadh na sgoile a’ tarraing air raon farsaing de dhàta agus fianais agus a’ leantainn gu prìomhachasan comharraichte airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh? 
  • Dè an deagh bhuaidh a tha sibh air coileanadh gu ruige seo airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh? Dè tha sibh an dùil a choileanadh anns a’ bhliadhna a tha romhainn?