Geàrr-chunntas air molaidhean àrd-ìre
Chaidh na molaidhean a leanas a dheasachadh gus stiùireadh soilleir, practaigeach a thabhann mar thaic do cho-dhùnaidhean fiosraichte agus leasachadh maireannach.
Na bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ’s com-pàirtichean eile a dhèanamh
- Dèanamh cinnteach à cultar ceannardais a bhrosnaicheas agus a bheir urram don Ghàidhlig mar chànan dùthchasach na h-Alba agus a bhrosnaicheas a cleachdadh agus a fàs taobh a-staigh dhòighean-obrach in-gabhaltach, cothromach agus ro-innleachdail.
- An curraicealam agus ìre-gabhail luchd-ionnsachaidh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a leasachadh aig astar, le ionnsachadh proifeasanta co-cheangailte, goireasan agus ath-sgrùdadh is leudachadh leantainneach mar phàirt de bhith a’ leasachadh a’ churraicealaim. Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach sgoil dhidseatach uile-Ghàidhlig a leasachadh le tairgse làn churraicealaim airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh.
- Ionnsachadh proifeasanta agus goireasan a sholarachadh do luchd-obrach an fhoghlaim gus coinneachadh ri feumalachdan ionnsachaidh is leasachaidh a bharrachd aig clann is daoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig.
Na bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh
- obrach foghlaim air leasachadh reachdas, ro-innleachd, poileasaidh agus stiùiridhean stèidhichte air fianais a tha a’ toirt taic do Fhoghlam de dh’àrd-chàileachd tro Mheadhan na Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh. Bu chòir gum bi seo a’ dèanamh soilleir cò a nì dè agus cuin. Bhiodh e buannachdail cuideachd comharran fada na b’ fheàrr a bhith againn air astar an atharrachaidh a tha a dhìth gus stad a chur air crìonadh ann an àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig.
- Stiùireadh leasachaidh agus dealbhaidh ro-innleachdail a dhealbhadh gus taic a thoirt do sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus com-pàirtichean àm ri teachd seasmhach a dhealbhadh airson na Gàidhlig, le adhartas ann a bhith a’ coileanadh thargaidean ann an deagh àm mar phàirt den Fhrèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta agus inneal tomhas-measaidh nan ùghdarrasan ionadail.
- Slighean tùs-thrèanadh thidsearan ionadail, ruigsinneach agus tarraingeach a lìbhrigeadh gus feachd-obrach foghlaim fileanta agus de dh’àrd chàileachd a mheudachadh agus a ghlèidheadh.
- Obrachadh le com-pàirtichean riaghaltais ionadail gus leasachadh a dhèanamh air fastadh is glèidheadh thidsearan airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Foghlam Meadhan Gàidhlig tro riarachadh luchd-obrach a dhìonas luchd-obrach gu leòr airson Gàidhlig gus curraicealam bogaidh a lìbhrigeadh agus Gàidhlig ionnsachadh mar chànan a bharrachd aig àm sam bith fhad ’s a bhios daoine òga a’ gluasad tron sgoil.
Na bhios ùghdarrasan ionadail a’ dèanamh
- Oighreachd sgoile a tha làidir, dealbhaichte agus ag amas air toraidhean a leasachadh airson na Gàidhlig le eòlasan làn-bhogaidh[1] làidir, Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus cothroman airson Gàidhlig a chleachdadh airson raon de dh’adhbharan taobh a-muigh na sgoile.
- Dèanamh cinnteach gu bheil poileasaidh cànain, foghlaim agus curraicealaim ann an cròileagan,[2] sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean a’ toirt seachad adhartas agus a’ gabhail brath air buannachdan tràth-ionnsachaidh ann an cleachdaidhean bogaidh. Bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile pàiste air sgoil-àraich mar dhòigh chudromach air adhartas a luathachadh agus buileachadh a thogail. Bhiodh seo a’ dèiligeadh ri neo-ionannachd a th’ ann an-dràsta ann an solar.
- A dhol an sàs ann am fèin-mheasadh sònraichte don Ghàidhlig a bheir atharrachadh leantainneach ann an deagh àm, le luchd-foghlaim a’ faighinn ionnsachadh proifeasanta, còmhradh agus dùbhlan sònraichte don Ghàidhlig.
Na bu chòir do Luchd-sgrùdaidh an Rìgh ann an Alba a dhèanamh
- Leantainn air adhart a’ leasachadh fhrèamaichean is mhodalan sgrùdaidh sònraichte, a tha air an dealbhadh airson na Gàidhlig, seach a bhith a’ sgrùdadh na Gàidhlig a-mhàin mar phàirt de fhrèam sgrùdaidh meadhan na Beurla.
- Sgrùdadh a dhèanamh air a’ Ghàidhlig ann an dòigh a tha freagarrach don cho-theacsa aice mar chànan dùthchasach, cànan bogaidh agus cànan a bharrachd thar raon na sgoile, foghlam tùs-thrèanaidh, ùghdarrasan ionadail, foghlam adhartach, ionad nàiseanta sàr-mhathais airson teagasg agus Gàidhlig, ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd, agus ionnsachadh is iomairtean didseatach sònraichte.
- Dòigh-obrach stèidhichte air cunnart agus fiosrachadh a leasachadh airson sgrùdadh a dhèanamh air a’ Ghàidhlig ann am foghlam.
Na bu chòir do bhuidhnean ionadail ’s na buidhnean Gàidhlig a dhèanamh
- Taic shiostamach a thoirt do dh’adhartachadh na Gàidhlig aig amannan clàraidh agus fhad ’s a bhios clann is daoine òga a’ dol air adhart tron sgoil.
- Taic a thoirt do sgoiltean le bhith a’ lìbhrigeadh curraicealam 3-18 airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh, gus fileantachd làidir a thoirt gu buil.
Na bhios solaraichean Tùs-fhoghlaim Thidsearan a’ dèanamh
- Co-dhùnaidhean na h-aithisg seo a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil tùs-thrèanadh thidsearan a’ lìbhrigeadh trèanadh a bhios a’ cumhachdachadh feachd-obrach foghlaim de dh’àrd-chàileachd airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh).
- Fastadh feachd-obrach foghlaim a mheudachadh gu for-ghnìomhach, le ro-innleachdan agus iomairtean gus ceangal a dhèanamh ri roghainnean curraicealaim dhaoine òga anns an ìre as àirde.
- Taic a thoirt do fheachd-obrach foghlaim de dh’àrd-chàileachd le ionnsachadh proifeasanta fad-dreuchd a choinnicheas ris na h-inbhean proifeasanta a tha Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba agus buidhnean coltach ag iarraidh.
x
- Dèanamh cinnteach gun gabh iad brath air a h-uile cothrom gus Gàidhlig ionnsachadh agus ionnsachadh mun chultar aice anns an sgoil agus taobh muigh na sgoile.
- Dèanamh cinnteach gu bheil an guth air a chluinntinn agus air a chur an gnìomh, agus gu bheil iad a’ toirt rudeigin air ais don sgoil gus taic a thoirt do cho-aoisean, a’ gabhail a-steach cleachdadh na Gàidhlig gu sòisealta.
- Cur ri mairsinneachd agus seasmhachd na Gàidhlig mar dhearbh-aithne innte fhèin agus mar phàirt den fhoghlam aca, san dòigh sa bheil iad a’ cleachdadh na Gàidhlig gu sòisealta, sa choimhearsnachd agus tro ionnsachadh airson seasmhachd.
- Dìoghras fad-beatha airson na Gàidhlig agus tuigse shoilleir air còraichean a leasachadh mar luchd-labhairt Tùsanach na Gàidhlig.