A’ Luachadh Càileachd Foghlam na Gàidhlig
Ro-ràdh le Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam
Tha e na urram dhomh facal-toisich a chur air adhart san aithisg sgrùdaidh seo, a tha a’ toirt taic do leasachadh ann am Foghlam Gàidhlig. Tha am foillseachadh seo ann an deagh àm a rèir amasan reachdas ùr, Achd nan Cànan Albannach, 2025 agus Achd an Fhoghlaim (Alba), 2025, agus tha an dà chuid a’ comharrachadh gealltanas nàiseanta do fhàs na Gàidhlig.
Bidh Luchd-sgrùdaidh Foghlaim an Rìgh ann an Alba (HMIE) ag aithris gu poblach air càileachd Foghlam Gàidhlig. Bidh iad a’ luachadh buaidh poileasaidh agus stiùiridh nàiseanta agus a’ dèanamh bhreithneachaidhean proifeasanta mu chàileachd ionnsachadh, fileantas, buileachadh agus coileanadh chloinne is dhaoine òga. Bidh HMIE a’ comharrachadh dè tha ag obair gu math agus dè a dh’fheumar a leasachadh ann am Foghlam Gàidhlig ann an Alba. Bidh an co-chur de thoraidhean sgrùdaidh a’ toirt buaidh air a’ chomhairle phroifeasanta a thèid a cho-roinn leis a’ phroifeisean theagaisg, Ministearan na h-Alba agus an oifigearan gus poileasaidh agus cleachdadh nàiseanta a leasachadh.
Tha dreuchd chudromach is urramach aig tidsearan Gàidhlig ann a bhith a’ lìbhrigeadh deagh thoraidhean do chlann is dhaoine òga. Tha seo cuideachd a’ cur ri coileanadh thargaidean gus àm ri teachd na Gàidhlig a ghlèidheadh agus a dhèanamh tèarainte. Rè na h-ùine a tha air a chòmhdachadh leis an aithisg seo, sheòl àrd-stiùirichean, tidsearan agus luchd-cleachdaidh tro shuidheachaidhean air leth dùbhlanach, a’ gabhail a-steach faighinn seachad air a’ ghalar mhòr-sgaoilte. Tha an aithisg seo ag aithneachadh cruthachalachd agus dealas thidsearan ann a bhith a’ dùnadh bheàrnan ann am buileachadh agus bogadh, a’ leasachadh làthaireachd[1], a’ toirt taic do shlàinte is sunnd, agus ag àrdachadh buileachadh, gu h-àraidh an fheadhainn air a bheil a’ bhuaidh as motha bho chosgais bith-beò.
Tha raon na Gàidhlig dòchasach agus àrd-amasach gun stad airson àm ri teachd a’ chànain. Sheall Cunntas-sluaigh Nàiseanta 2022 gun robh àireamh de luchd-labhairt le beagan Gàidhlig ann an Alba air a dhol suas bho 87,000 gu 130,000 eadar 2011 agus 2022. Tha an àireamh de dhaoine a tha comasacha air Gàidhlig a bhruidhinn gu fileanta mòran nas ìsle—mu 69,710 neach-labhairt air feadh na dùthcha, àrdachadh de 21% bho 2011. Taobh a-muigh na sgoile, tha daoine òga agus luchd-ionnsachaidh inbheach a’ gabhail ri dòighean-obrach ùra leithid teicneòlas airson Gàidhlig ionnsachadh. Tha an dòigh san do chleachd luchd-foghlaim toraidhean sgrùdaidh a rinneadh roimhe air cuideachadh le bhith ag àrdachadh inbhean agus dùilean ann am bogadh. Tha an aithisg ùr seo, A’ Luachadh Càileachd Foghlam na Gàidhlig: gnìomhan gus inbhean, càileachd agus co-ionannachd àrdachadh ann am Foghlam Gàidhlig 3-18 air a dhealbhadh gus tuilleadh leasachaidh a bhrosnachadh agus càileachd Foghlaim Meadhan Gàidhlig agus Foghlaim Luchd-ionnsachaidh a neartachadh.
Tha buileachadh fhathast deimhinneach san ìre as àirde airson daoine òga a tha a’ cumail orra le Gàidhlig[8]. Tha an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig, 2017 a’ leantainn gu atharrachaidhean feumail, leithid sgìrean-sgoile sònraichte a shuidheachadh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha pàrantan nas soilleire mu rèiteachaidhean a thaobh àiteachan a ghlèidheadh nuair a bhios iad ag iarraidh Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha planaichean Riaghaltas na h-Alba airson Foghlam Gàidhlig ag àrdachadh dùilean agus follaiseachd na Gàidhlig ann am foghlam. Anns an fhreagairt a thug Riaghaltas na h-Alba do dh’aithisg an Ollaimh Coinneach Muir, 'A’ cur Luchd-ionnsachaidh aig Cridhe Chùisean: A dh’ionnsaigh Lèirsinn airson an Ama ri Teachd', dhearbh iad gu bheil a’ Ghàidhlig mar phrìomh adhbhar atharrachaidh ann am foghlam. Anns na dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba mu Fhoghlam Alba ath-fhòcasaichte, san Ògmhios 2024, thathar a’ dearbhadh raon-obrach na buidhne nàiseanta airson curraicealam Foghlam Meadhan Gàidhlig agus na Beurla a leasachadh. Tha seo a’ soilleireachadh beàrn thar ùine a thaobh cò a tha a’ stiùireadh a’ churraicealaim airson Foghlam Gàidhlig. Ach, chan eil e soilleir fhathast cò a chuireas air adhart an ro-innleachd a tha a dhìth gus solar curraicealaim airson na Gàidhlig a chur an gnìomh agus a leudachadh ann an Alba. Tha an reachdas ùr, Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Corpachadh) (Alba) 2024 - Achd UNCRC (Corpachadh) (Alba) 2024, air còraichean chloinne a’ toirt prìomhachas àrd do chànanan Dùthchasach agus an luchd-labhairt. Tha dleastanasan ro-innleachdail aig an luchd-sgrùdaidh gus Gàidhlig a thoirt a-steach don obair againn gus cuideachadh le bhith a’ leasachadh na Gàidhlig ann am foghlam na h-Alba. Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh dealasach a thaobh na dleastanasan reachdail seo airson na Gàidhlig a choileanadh gu mionaideach agus gu cunbhalach.
A dh’aindeoin adhartas, tha raon na Gàidhlig fhathast cugallach. Tha an àireamh ìosal de dhaoine a’ gabhail chùrsaichean curraicealaim san ìre as àirde mar chùis fhìor-chudromach, gu h-àraidh airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Ann an sgìrean far a bheil iarrtas mòr airson Foghlam Meadhan Gàidhlig, feumaidh stiùirichean ro-innleachdail ann an ùghdarrasan ionadail a bhith nas for-ghnìomhaiche ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan gu leòr ann an sgoiltean Gàidhlig. Far a bheil ro bheag de dh’àiteachan ann airson Foghlam Meadhan Gàidhlig, tha seo a’ cur bacadh air fàs agus leantainneachd airson luchd-ionnsachaidh fhad ’s a bhios iad a’ gluasad tro fhoghlam 3-18. Ann an sgìrean cruinn-eòlasach eile, tha comas ann àireamhan ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig agus ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh a mheudachadh taobh a-staigh nan goireasan a th’ ann mar-thà. Am measg nan cnapan-starra a tha a’ cur bacadh air fàs na Gàidhlig tha cuideaman buidseit, dùbhlain ann am fastadh luchd-obrach foghlaim agus beachdan àicheil aig cuid sa chomann-shòisealta a thaobh spèis chànanach a nochdadh don Gàidhlig. Is iad sin raointean cudromach ris am feumar dèiligeadh.
Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ toirt seachad teachdaireachd shoilleir san aithisg seo mu cho cudromach ’s a tha atharrachadh aig astar math airson na Gàidhlig. Tha feum ann air uallach agus cunntachalachd, gu coitcheann agus fa leth, gus dèanamh cinnteach gum bi an siostam foghlaim a’ dèanamh diofar làidir do mhairsinneachd a’ chànain. Is e seo ar n-amas cumanta.
English version
The English version of Evaluating the Quality of Gaelic Education: actions to raise standards, quality and equity in 3-18 Gaelic Education is available.