Geàrr-chunntas Gnìomhach air Toraidhean Sgrùdaidh

Planadh ro-innleachdail

Tha inbhe na Gàidhlig a’ sìor fhàs nas làidire agus nas daingne mar phàirt shònraichte agus chudromach de shiostam foghlaim na h-Alba. Tha co-dhùnaidhean Luchd-sgrùdaidh an Rìgh air Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ nochdadh gu ìre mhòr neartan cudromach a tha a’ toirt buaidh mhath air eòlasan càileachdail a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga. Chan eil seo cunbhalach thar gach ùghdarras foghlaim. Tha co-dhùnaidhean Luchd-sgrùdaidh an Rìgh cuideachd a’ sealltainn gum bu chòir do luchd-foghlaim cumail orra a’ gabhail cheumannan gus dèiligeadh ri raointean airson leasachadh, leithid curraicealam na h-àrd-sgoile. Thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an 1985. Airson fàs leantainneach, tha feum ann air dealbhadh nàiseanta soilleir agus sònraichte agus goireasan air leth bho fhoghlam tro mheadhan na Beurla.

Tha co-dhùnaidhean Luchd-sgrùdaidh an Rìgh air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig nan cùis-iomagain, agus feumar gnìomh sgiobalta agus dealbhaichte a dhèanamh. Anns cha mhòr a h-uile sgrùdadh againn, tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ moladh gum bi sgoiltean a’ meudachadh na h-àireimh de chlann is daoine òga a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd ann am Meadhan na Beurla. Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh cuideachd a’ moladh gum bi adhartas chloinne is dhaoine òga ann an Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) air a luathachadh. Bu chòir do thidsearan dèanamh cinnteach gu bheil barrachd chloinne a’ coileanadh an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) ro dheireadh BS7. Bu chòir do dhaoine òga cumail orra le Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) aig ìrean na h-àrd-sgoile. Tha astar dealbhaidh ro-innleachdail agus dealbhaidh churraicealaim nàiseanta airson na Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) fada ro shlaodach agus ro roinnte. Tha feum aig àrd-stiùirichean agus tidsearan air pròiseasan siostamach agus ionnsachadh proifeasanta gus an curraicealam a lìbhrigeadh.

Curraicealam seasmhach 

Tha cha mhòr a h-uile tidsear Gàidhlig na stiùiriche dìorrasach agus èifeachdach ann a bhith a’ cruthachadh àm ri teachd seasmhach airson na Gàidhlig. Tha àrd-stiùirichean a’ nochdadh neartan cudromach a thaobh ceannardas atharrachaidh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoiltean, gu h-àraidh nuair a thèid dòighean-obrach sònraichte a ghabhail os làimh gus Gàidhlig a leasachadh. Ann an sgoiltean-àraich agus àrd-sgoiltean, ged a tha neartan ann, tha dìth leantainneachd agus cunbhalachd sa churraicealam air feadh na dùthcha. Nuair a bhios clann is daoine òga a’ gluasad bho ìre gu ìre, bidh iad a’ coileanadh gu math ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bu chòir do phrìomh stiùirichean dèanamh cinnteach gum faigh barrachd dhaoine òga buannachd bho bhith a’ faighinn teisteanas agus/no duais ann an litearrachd labhairteach is sgrìobhte sa Ghàidhlig, agus ann an co-theacsan curraicealaim.

Far a bheil àireamh nas àirde de luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an sgiobaidhean sa mheadhan ann an ùghdarrasan ionadail, bidh iad a’ toirt taic shònraichte nas susbaintiche do sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chan eil ùghdarrasan ionadail ag aithneachadh gu cunbhalach gu bheil dleastanasan sònraichte orra a bhith a’ toirt taic do sgoiltean gus an solar Gàidhlig aca a leasachadh, air leth bho na tha air a thoirt seachad airson Foghlam tro Mheadhan na Beurla. 

Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, bidh luchd-foghlaim ann an sgoiltean a’ dealbhadh lèirsinn, luachan agus amasan a tha a’ stiùireadh na Gàidhlig gu math. Feumaidh seo a bhith na fheart nas làidire de chleachdadh sgoil-àraich agus àrd-sgoile airson leasachadh. Bidh a’ mhòr-chuid de sgoiltean a’ cleachdadh raon de dhòighean-obrach èifeachdach airson leasachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile neach-foghlaim, com-pàirtiche, neach-ionnsachaidh agus neach-ùidh eile an sàs gu gnìomhach ann an gnìomhan fèin-mheasaidh leantainneach. Feumaidh beachdan phàrantan a bhith air an cluinntinn barrachd ann am planadh ro-innleachdail.

 A’ planadh airson leasachadh leantainneach

Tha mòran comais ann airson gum bi na diofar ìrean de phlanadh am measg luchd-ùidh a bhios a’ toirt taic do fhoghlam sgoile agus com-pàirtichean co-cheangailte a bhith a’ ceangal ri chèile ann an dòighean nas èifeachdaiche. Tha seo gus barrachd buaidh a shealltainn a thaobh coileanadh amasan bhuidhnean nàiseanta is ionadail airson na Gàidhlig, agus amasan ùghdarrasan ionadail.

Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-2028 (Am Plana), a’ toirt mion-fhiosrachadh air na gnìomhan a dh’fheumar gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an Alba. Tha am Plana a’ cur taic ri miann Riaghaltas na h-Alba àrdachadh fhaicinn ann an àireamh de dhaoine a bhios a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic don Ghàidhlig ann an Alba agus ann an cuid den taic a tha a dhìth gus seo a choileanadh. Bu chòir planadh airson leasachadh a tha aig àrd-stiùirichean stèidhichte ann an sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail a bhith air a chur an cèill nas mionaidiche leis a’ phoileasaidh agus na h-amasan nàiseanta seo. Tha feum aig àrd-stiùirichean air ionnsachadh agus taic proifeasanta a bhios gu cunbhalach a’ toirt sùil air buaidhean airson na Gàidhlig. Bu chòir do Luchd-sgrùdaidh an Rìgh an taic a leudachadh a bharrachd do na h-ùghdarrasan ionadail agus do roinnean na sgoile le barrachd fhrèamaichean fèin-mheasaidh agus càileachd a tha sònraichte do Fhoghlam Gàidhlig.

Tha eadar-dhealachadh mòr eadar ùghdarrasan ionadail agus buidhnean nàiseanta taice a thaobh mar a tha a’ Ghàidhlig air a riaghladh, air a goireasachadh agus air a maoineachadh. Bu chòir do chom-pàirtichean Gàidhlig is cultair cumail orra a’ ceangal ri chèile agus a’ cur ri fileantachd luchd-ionnsachaidh a leasachadh agus na co-theacsan brosnachail anns a bheil ionnsachadh a’ gabhail àite a mheudachadh. Tha an neo-chinnt a thaobh maoineachaidh a’ cur bacadh air taic fhad-ùineach a ghlèidheadh airson sgoiltean. Chan eil cothrom co-ionann aig sgoiltean air na buannachdan a chuireas buidhnean Gàidhlig ris a’ churraicealam. Tha feum aig tidsearan air barrachd cothruim dìrich air, agus buaidh air, na goireasan a bhios buidhnean ionadail is nàiseanta a’ dèanamh agus as urrainn dhaibh a chruthachadh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Ann an ùghdarrasan ionadail far a bheil àireamh nas àirde de luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha cothroman aig tidsearan coinneachadh, beachdachadh agus dealbhadh airson na Gàidhlig. Bidh tidsearan ann an ùghdarrasan ionadail nas lugha ag obair còmhla agus a’ lìonrachadh le tidsearan Gàidhlig ann an ùghdarrasan ionadail taobh a-muigh an ùghdarrais aca fhèin. Leigidh seo le tidsearan coinneachadh, inbhean a chuimseachadh agus eòlasan a cho-roinn. Bhiodh ceannardan sgoiltean Gàidhlig agus sgiobaidhean sa mheadhan a’ faighinn buannachd bho bharrachd lìonraidhean agus ionnsachadh proifeiseanta air a’ Ghàidhlig. Bu chòir gum bi seo a’ cuideachadh le bhith a’ meudachadh eòlas air dleastanasan reachdail.

Anns a’ chleachdadh as èifeachdaiche, bidh sgiobaidhean sa mheadhan ann an ùghdarrasan ionadail a’ toirt fios air ais do sgoiltean air feartan sònraichte agus eòlas-teagaisg airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bidh àrd-stiùirichean agus tidsearan a’ cleachdadh raon de ro-innleachdan luachaidh, leithid tadhal air clasaichean, a’ mion-sgrùdadh obair chloinne agus dhaoine òga agus a’ measadh an adhartais aca tro bhuidhnean fòcais. Chan fhaigh tidsearan Gàidhlig fios air ais gu cunbhalach air an eòlas agus na sgilean speisealta a tha aca ann an ionnsachadh agus teagasg. A’ dol air adhart, tha comas ann do dh’ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean a bhith a’ co-obrachadh, a’ co-roinn agus ag ath-mhalairteachadh eòlas ann an Gàidhlig. 

Tha feum aig àrd-stiùirichean air cothrom nas fheàrr air dàta nàiseanta is ionadail càileachdail mu dhèanadas agus inbhean sa Ghàidhlig. Tha feum aca air barrachd taic ann a bhith a’ cleachdadh an dàta seo gus atharrachadh aig astar math a thoirt gu buil gus cnapan-starra a lùghdachadh. 

Bidh Measadairean Luchd-sgrùdaidh airson raon na Gàidhlig a dh’obraicheas còmhla ri Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ cleachdadh na dh’ionnsaich iad bho sgrùdadh gu math gus taic a thoirt do leasachaidhean anns na sgoiltean agus na h-ùghdarrasan ionadail aca fhèin. Bidh iad a’ roinn na dh’ionnsaicheas iad bho bhith air sgiobaidhean sgrùdaidh, taobh a-staigh teirmichean dìomhaireachd, agus bho bhith an làthair aig ionnsachadh proifeasanta air a stiùireadh le Luchd-sgrùdaidh an Rìgh. Bidh Measadairean Luchd-sgrùdaidh a’ doimhneachadh an eòlais air a’ Ghàidhlig agus a’ leasachadh an sgilean ann a bhith a’ luachadh cleachdadh agus a’ comharrachadh leasachaidhean bho sgrùdadh. Bu chòir barrachd den t-seòrsa seo de dh’ionnsachadh proifeasanta càileachdail a bhith ri fhaotainn do thidsearan Gàidhlig eile.

Ionnsachadh agus teagasg

Bidh tidsearan agus com-pàirtichean a’ dealbhadh raon de cho-theacsan brosnachail taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile. Tha seo air a bhith gu sònraichte cudromach ann a bhith a’ lùghdachadh bheàrnan ann an ionnsachadh chloinne is dhaoine òga. Anns a’ chleachdadh as fheàrr, bidh clann is daoine òga a’ cleachdadh a’ chànain le misneachd, agus a’ leasachadh an cuid briathrachais agus gràmar. Chan eil ach beagan chloinne is dhaoine òga a’ cleachdadh Gàidhlig gun iarraidh gu sòisealta san sgoil agus sa choimhearsnachd. Feumaidh com-pàirtichean an obair aca a dhealbhadh barrachd mar phàirt de ro-innleachd coimhearsnachd.

Anns na h-àrd-sgoiltean, chan eil daoine òga nach d’ fhuair bogadh làidir cho fileanta. Chan eil an curraicealam aca tron Ghàidhlig làidir no cunbhalach gu leòr airson buaidh gu leòr a thoirt air fileantachd dhaoine òga. 

Tha a’ mhòr-chuid de thidsearan mothachail air na ro-innleachdan as fheàrr a ghabhas cleachdadh gus taic a thoirt do chlann is daoine òga leis na feumalachdan ionnsachaidh is leasachaidh aca. Tha iad sin air an glacadh gu math ann am planaichean taic a bharrachd do chlann is daoine òga. Bidh inbhich a bharrachd sa chlasrum a’ toirt taic do chlann is daoine òga gus Gàidhlig ionnsachadh agus a’ coinneachadh ri feumalachdan taic a bharrachd ann an dòigh nas èifeachdaiche. Bidh inbheach a bharrachd còmhla ris an tidsear a’ leudachadh raon an teagaisg agus beairteas a’ bhogaidh a bhios tidsearan a’ cleachdadh. Tha feum aig tidsearan na Gàidhlig air barrachd comhairle phroifeasanta mu bhith a’ toirt taic do fheumalachdan ionnsachaidh leithid doille-fhaclan agus niùro-iomadachd. Feumaidh iad a bhith nas mothachaile cuideachd air na goireasan a th’ ann mar-thà airson taic a thoirt do fheumalachdan a bharrachd aig clann nuair a bhios iad ag ionnsachadh tro bhogadh.

Tha taic bho chom-pàirtichean aig a’ mhòr-chuid de sgoiltean ann a bhith a’ toirt air adhart iomlanachd a’ churraicealaim thar nan ceithir co-theacsan ionnsachaidh. Chunnaic Luchd-sgrùdaidh an Rìgh cleachdadh air leth èifeachdach nuair a bha àrd-stiùirichean, tidsearan agus com-pàirtichean ag obair còmhla gus fuasglaidhean fhaighinn air dùbhlain. Feumaidh com-pàirtichean, ann a bhith a’ toirt taic do sgoiltean, planadh le tidsearan gus ionnsachadh cànain adhartach a thoirt air adhart. Bu chòir dhaibh beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aca ann a bhith a’ toirt taic do chlann is daoine òga gus Gàidhlig a bhruidhinn san raon-chluiche agus ann an àiteachan sòisealta eile ann an sgoiltean. Tha seo a’ meudachadh an dreuchd ann a bhith ag àrdachadh buileachadh ann am fileantachd. Bidh grunn sholaraichean iar-16 a’ toirt seachad cothroman airson ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus barrachd fileantachd sa chànan a leasachadh. Bidh beagan dhiubh a’ toirt seachad preantasachdan bun-ìre tro mheadhan na Gàidhlig. Bu chòir barrachd foghlaim iar-sgoile agus foghlaim àrd-ìre, a’ gabhail a-steach preantasachdan bun-ìre agus nuadh airson Gàidhlig, a leasachadh gus buaidh a thoirt air dealbhadh luchd-obrach foghlaim agus gnìomhachasan coimhearsnachd ionadail.