Dè cho èifeachdach ’s a tha càileachd a’ bhogaidh is an fhoghlaim?
Lorgar san earrainn seo toraidhean sgrùdaidh mu ionnsachadh, teagasg is bogadh cànain, le cuideam air mar a tha cleachdaidhean èifeachdach a’ cur taic ri adhartas is coileantas chloinne is dhaoine òga.
Foir-shealladh air toraidhean sgrùdaidh
A’ cruthachadh cultar airson ionnsachadh agus bogadh
Tha cha mhòr a h-uile pàiste is duine òg comasach air labhairt gu math, dìorrasach, agus misneachail nam bogadh agus nan ionnsachadh. Bidh iad a’ nochdadh bheachdan stèidhichte air luachan gu math. Tha clann is daoine òga air leth moiteil às an comas dà chànan a bhruidhinn.
Tha mothachadh coitcheann aig clann is daoine òga air Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC). Feumaidh eòlas nas fheàrr a bhith aig clann is daoine òga air na còraichean aca a thaobh an dearbh-aithne mar luchd-ionnsachaidh cànain Dhùthchasaich.
Càileachd teagaisg, bogaidh agus measaidh
Anns a h-uile sgoil Ghàidhlig, tha cultar agus àrainneachd làidir ann airson làn-bhogadh. ’S e seo nuair a tha luchd-obrach ann a tha fileanta agus air an trèanadh gu h-iomchaidh. Bidh dùilean àrda chloinne, dhaoine òga agus luchd-obrach ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach a’ cruthachadh eòlasan bogaidh làidir.
Ann an sgoiltean far a bheil clann is daoine òga ag ionnsachadh ann an clasaichean còmhla ri foghlam tro mheadhan na Beurla, bidh barrachd bacadh is lagachadh bhon Bheurla air eòlasan bogadh chloinne is dhaoine òga. Anns na suidheachaidhean seo, bheir e ùine nas fhaide cuideachd a’ Ghàidhlig a bhith air a freumhachadh airson sòisealachadh agus cultar a chruthachadh airson bogadh.
Thar nan sgoiltean 3-18 uile, bidh cha mhòr a h-uile neach-obrach a’ leasachadh agus a’ cleachdadh dhòighean-obrach ionnsachaidh cruthachail.
Ann an sgoiltean-àraich, solaraichidh luchd-cleachdaidh raon farsaing de dh’eòlasan ionnsachaidh tarraingeach air a’ bhlàr a-muigh. Tha seo a’ toirt taic do fhileantas chloinne sa Ghàidhlig, a bharrachd air sgilean mac-meanmnach, fuasgladh-cheistean agus sòisealta. Aig ìrean bun-sgoile agus àrd-sgoile, bidh ionnsachadh a-muigh gu tric air a stiùireadh le com-pàirtichean gus eòlasan dian làn-bhogaidh a thoirt seachad. Bu chòir do thidsearan cumail orra a’ dealbhadh còmhla ri com-pàirtichean gus ionnsachadh cunbhalach agus brìoghmhor a bhith aca a-muigh.
Ann am faisg air cairteal de sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean, dh’iarr luchd-sgrùdaidh air an luchd-obrach dòighean-obrach a bharrachd a leasachadh airson ionnsachadh stèidhichte air cluich tro làn-bhogadh. Feumaidh luchd-obrach a bhith nas soilleire mu dhreuchd an inbhich ann an ionnsachadh stèidhichte air cluich tro làn-bhogadh. Feumaidh inbhich comhairle shoilleir air mar a tha eadar-obrachadh àrd-inbhe agus cunbhalach le clann riatanach do làn-bhogadh airson ìrean fileantachd a thogail.
Thar nan ìrean, bidh luchd-obrach a’ cleachdadh teicneòlas didseatach barrachd is barrachd gus ionnsachadh a leasachadh agus eòlasan chloinne is dhaoine òga a shaidhbhreachadh. Ach tha cus aplacaidean bathar-bog agus geamannan didseatach ann nach eil rim faighinn sa Ghàidhlig. Far a bheil luchd-obrach, clann is daoine òga a’ cleachdadh fhaclan Beurla, bidh seo a’ lagachadh eòlasan bogaidh.
Dh’fhaodadh barrachd de dh’ionnsachadh chloinne is dhaoine òga a bhith air a lìbhrigeadh le bhith a’ cleachdadh àrd-ùrlaran didseatach nàiseanta gus a’ cho-chuid den churraicealam a thathas a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh. Bhiodh seo gu sònraichte feumail aig ìrean na h-àrd-sgoile, agus gus beàrnan mar thoradh air neo-làthaireachd luchd-obrach foghlaim agus àiteachan bàna aig ìre bun-sgoile a lìonadh.
Bidh luchd-obrach a bhios a’ meòrachadh air an cleachdadh agus a bhios a’ rannsachadh a’ leantainn orra a’ leasachadh dhòighean-obrach gus bogadh, ionnsachadh agus teagasg de dh’àrd-chàileachd a lìbhrigeadh. Bidh iad a’ cur barrachd fòcas air togail air ionnsachadh a bh’ ann roimhe, feumalachdan taic a bharrachd agus a’ lìbhrigeadh ionnsachadh dùbhlanach. Ro thric, chan eil na dòighean-obrach èifeachdach seo air am mìneachadh gu mionaideach ann am poileasaidh na sgoile airson bogadh, ionnsachadh, teagasg agus measadh. Tha seo a’ lùghdachadh buaidh nuair a thathar a’ dèanamh fèin-luachadh air ionnsachadh, teagasg agus measadh.
Thar gach ìre, bidh a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ cleachdadh raon de ro-innleachdan agus dòighean measaidh cruthachail agus deireannach. Tha seo a’ comharrachadh adhartas, ath cheumannan agus buileachadh cloinne is dhaoine òga.
A’ dealbhadh ionnsachadh breithneachail sònraichte don Ghàidhlig
Thar gach ìre, chan eil ach a’ mhòr-chuid de luchd-cleachdaidh agus tidsearan soilleir nam planadh air ionnsachadh breithneachail mu chultar, dualchas, buannachdan eaconamach is dà-chànanach, ceòl agus ionnsachadh airson seasmhachd na Gàidhlig. Bhiodh fileantachd chloinne is dhaoine òga sa Ghàidhlig, a bharrachd air an eòlas, na sgilean agus an tuigse air carson a tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, air an neartachadh le bhith a’ toirt a-steach nas fheàrr na co-theacsan sin a tha co-cheangailte ri Gàidhlig don churraicealam.
Feumaidh tidsearan agus luchd-cleachdaidh barrachd den chomas aca a chleachdadh gus co-dhùnaidhean agus roghainnean a dhèanamh a thaobh nan co-theacsan anns am bi iad a’ toirt air adhart amasan curraicealaim Foghlam Gàidhlig.
A’ tracadh agus a’ sgrùdadh adhartas agus fileantachd, le cleachdadh nas fheàrr de dhàta
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha pròiseasan làidir aig tidsearan agus luchd-cleachdaidh gus adhartas, fileantachd agus buileachadh chloinne is dhaoine òga a chlàradh agus a sgrùdadh.
Bu chòir do thidsearan tracadh gu bheil a h-uile pàiste is duine òg a’ fuireach ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig agus ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig airson fad an ionnsachaidh is foghlam 3-18 gu lèir. An-dràsta, tha cus chloinne is dhaoine òga ann nach eil a’ cumail orra air slighean Gàidhlig aig ìrean gluasaid, agus mar thoradh air sin bidh iad a’ call misneachd agus fileantachd sa Ghàidhlig.
Bu chòir do thidsearan agus chom-pàirtichean barrachd chloinne is dhaoine òga a bhrosnachadh gus Gàidhlig ionnsachadh anns an sgoil agus taobh a-muigh na sgoile, a’ leantainn gu teisteanasan. Ro thric chan eil clann is daoine òga mothachail air mar a gheibh iad cothrom air gnìomhachdan gus Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Feumar barrachd a dhèanamh gus tuigse chloinne is dhaoine òga a leasachadh air an dreuchd mar luchd-ionnsachaidh fad-beatha agus mar luchd-cuideachaidh ann a bhith a’ cumail suas na Gàidhlig.
Thar gach ìre, bu chòir gu bheil cha mhòr a h-uile tracadh a tha tidsearan a’ dèanamh air adhartas chloinne is dhaoine òga ann an ionnsachadh a’ toirt a-steach dè cho math ’s a tha luchd-ionnsachaidh a’ sealltainn nam buannachdan inntinneil is cànain a tha an lùib dà-chànanais. Tha seo tron bhuileachadh aca, agus coileanadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile. Gus cuideachadh leis an seo, feumaidh sgoiltean dàta nas coileanta air gach taobh de dh’Fhoghlam Gàidhlig bho chruinneachaidhean dàta Riaghaltas na h-Alba.
Ann an sgoil-àraich agus bun-sgoil, feumaidh dealbh nas soilleire a bhith aig luchd-cleachdaidh agus tidsearan air adhartas chloinne thar gach raon den churraicealam, a bharrachd air litearrachd agus àireamhachd.
Bu chòir do mhòr-chuid de dh’àrd-stiùirichean aig ìrean na h-àrd-sgoile dèanamh cinnteach gu bheil iad nas fiosraichte mu adhartas dhaoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bu chòir dhaibh an dàta seo a chleachdadh gus an curraicealam a phlanadh.
Thar gach raon, tha a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ leantainn orra a’ coimhead a-staigh agus a-muigh nuair a bhios iad a’ leasachadh dhòighean-obrach cunbhalach agus mionaideach airson ghnìomhachdan cuimseachd. Bidh iad seo ag aontachadh agus a’ beachdachadh air inbhean coileanaidh nàiseanta. Bu chòir do thidsearan agus luchd-cleachdaidh cumail orra a’ dèanamh ath-sgrùdadh air na Slatan-tomhais nàiseanta a tha sònraichte do litearrachd agus Gàidhlig mar phàirt den phlanadh measaidh aca agus anns na gnìomhan cuimseachd aca.
Aig ìrean 3-12, feumaidh a’ mhòr-chuid de thidsearan agus luchd-cleachdaidh tuilleadh deasbaid a dhèanamh air inbhean ann an tuigse, èisteachd agus labhairt na Gàidhlig agus an dùilean air seo a cho-roinn. Bidh seo gan cuideachadh ann a bhith a’ dèanamh bhreithneachaidhean proifeasanta stèidhichte air fianais mu bhuileachadh. Aig na h-ìrean as àirde, tha tuigse mhath aig a’ mhòr-chuid de thidsearan air inbhean.
A’ togail dhùilean a thaobh adhartas, fileantachd agus buileachadh chloinne is dhaoine òga sa Ghàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
Thar a h-uile sgoil, bu chòir do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach tracadh a dhèanamh ann an dòigh nas brìghmhoire air adhartas agus coileanaidhean chloinne is dhaoine òga ann an Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Chuidicheadh am fòcas agus am fiosrachadh a bharrachd seo luchd-obrach gus taic a thoirt do chlann is daoine òga gus adhartas nas luaithe a dhèanamh ann a bhith a’ coinneachadh ri dùilean nàiseanta ann an ìrean CfE agus san ìre as àirde airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Tha an àireamh de dhaoine a tha a’ gabhail ri ionnsachadh leantainneach ann an Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ro ìosal ann an sgoiltean na h-Alba.
A’ toirt sùil nas mionaidiche air co-dhùnaidhean sgrùdaidh airson bogadh agus foghlam
A’ cruthachadh àrainneachd airson ionnsachadh agus bogadh
Thar sgoiltean 3-18, tha cha mhòr a h-uile pàiste is duine òg air a bhrosnachadh agus a’ gabhail pàirt gu math ann an gnìomhachdan ionnsachaidh a tha eadar-mheasgte, tlachdmhor agus dùbhlanach gu leòr airson a’ mhòr-chuid den ùine. Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean, bidh eisimpleirean inbhich aig clann a tha fileanta sa Ghàidhlig gus mìneachaidhean, ceasnachadh agus beachdan a chumail làn-bhogte sa chùrsa.
Clann is daoine òga mar stiùirichean bogaidh
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean 3-18, bidh clann is daoine òga a’ gabhail uallach airson an cuid ionnsachaidh agus leasachadh fileantachd sa Ghàidhlig. Anns a’ chleachdadh as èifeachdaiche, bidh tidsearan a’ toirt cumhachd do chlann is daoine òga an ionnsachadh fhèin a stiùireadh agus a bhith a’ co-obrachadh le daoine eile san sgoil agus sa choimhearsnachd. Bidh seo a’ cuideachadh chlann is daoine òga gus ceanglaichean a dhèanamh nan ionnsachadh agus eòlas is sgilean a leasachadh airson ionnsachadh fad-beatha sa choimhearsnachd agus aig obair. Feumaidh clann is daoine òga na còraichean aca mar luchd-labhairt cànain Dhùthchasaich a chur an sàs agus a bhith eòlach air a’ bhriathrachas speisealta gus seo a thoirt air adhart sa Ghàidhlig.
Làn-bhogadh èifeachdach san sgoil-àraich
Anns an sgoil-àraich, bidh luchd-cleachdaidh a’ stèidheachadh raon de cho-theacsan inntinneach is brìoghmhor gus feòrachas agus ionnsachadh chloinne a leasachadh tro chluich làn-bhogaidh. Tha eadar-obrachadh cunbhalach luchd-cleachdaidh còmhla ri clann riatanach gus fileantachd a thogail. Mar thoradh air sin, bidh clann an sàs gu math nan cluich agus bidh iad air am brosnachadh agus air an neartachadh leis na co-theacsan sin. Tha seo fhad ’s a tha iad a’ leasachadh am fileantachd sa Ghàidhlig. Mar an ath cheum, bu chòir gu bheil planadh nas soilleire aig luchd-cleachdaidh a’ toirt a-steach fiosrachadh mun chànan agus mun cho-theacsa anns am bi clann air am bogadh. Bhiodh e feumail cuideachd an t-ionnsachadh cudromach a chomharrachadh air am bu chòir sùil a thoirt nuair a thathar a’ measadh chloinne.
Ionnsachadh agus bogadh ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, a’ gabhail a-steach cluich agus teicneòlas didseatach
Airson a’ mhòr-chuid den ùine, bidh tidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh na tràth ìre de CfE a’ nochdadh ceannardas làidir ann an cluiche làn-bhogaidh. Anns na h-eisimpleirean as fheàrr, bidh luchd-obrach a’ toirt seachad beachdan agus òrain air leth èifeachdach sa Ghàidhlig, agus iad a’ togail abairtean tro bhith a’ brosnachadh, ag ath-aithris agus a’ cleasachd. Tha seo a’ gabhail a-steach ionnsachadh a-staigh, a-muigh agus ann an riochd-cluiche.
Anns a’ mhòr-chuid de leasain bhun-sgoile agus àrd-sgoile, bidh tidsearan a’ toirt seachad mìneachaidhean agus stiùiridhean soilleir do chlann is daoine òga. Bidh tidsearan a’ roinn adhbhar an ionnsachaidh gu h-èifeachdach le clann is daoine òga. Dh’fhaodadh tidsearan ceanglaichean feumail a dhèanamh ri gràmar agus targaidean pearsanta luchd-ionnsachaidh nuair a bhios iad a’ dealbhadh ionnsachadh. Thar gach ìre, bidh tidsearan agus luchd-cleachdaidh a’ cleachdadh ceasnachadh gu math gus clann is daoine òga a chuideachadh le bhith a’ nochdadh an eòlais, sgilean agus tuigse. Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bu chòir do thidsearan beachdachadh air mar a bhios iad a’ leasachadh smaoineachadh àrd-òrdugh nas sgileile ann an clann is daoine òga. Tha seo fhad ’s a bhios clann is daoine òga a’ fàs nas fileanta sa chànan.
Thar aois 3-18, airson a’ mhòr-chuid den ùine, bidh tidsearan agus luchd-cleachdaidh a’ dèanamh feum èifeachdach de theicneòlasan didseatach gus ionnsachadh a leasachadh agus eòlasan chloinne is dhaoine òga a shaidhbhreachadh. Ann am beagan sgoiltean, bidh dùbhlain aig luchd-obrach le ceangal ris an eadar-lìon, agus bidh sin tric a’ cur dragh air ionnsachadh. Bidh clann is daoine òga a’ gabhail pàirt gu soirbheachail ann am farpaisean nàiseanta far am bi iad a’ cruthachadh fhilmichean goirid tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh clann is daoine òga a’ cleachdadh tablaidean airson an cuid sgrìobhaidh ath-dhreachdadh, airson rannsachadh agus gus cothrom fhaighinn air goireasan didseatach a chruthaich tidsearan. Tha àireamh mhòr de thidsearan a’ cumail suas cleachdadh didseatach èifeachdach bhon àm a’ ghalair mhòr-sgaoilte. Bidh na tidsearan seo a’ cur ghoireasan air-loidhne air am faod luchd-ionnsachaidh agus am pàrantan cothrom fhaighinn. Tha clann is daoine òga a’ cur luach air an ionnsachadh, am pearsanachadh agus an sùbailteachd a bharrachd a bheir seo dhaibh ann a bhith a’ dèanamh adhartais.
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bidh luchd-obrach taic a bharrachd airson ionnsachadh a’ comasachadh càileachd nas fheàrr de bhogadh iomlan agus barrachd eadar-obrachaidhean ann an clasaichean ioma-ìre agus ioma-chomas. Ann an cleachdadh èifeachdach, thathar a’ cleachdadh luchd-obrach taic a bharrachd airson ionnsachadh gus taic a thoirt do bhogadh iomlan agus a dhìon. Mar eisimpleir, bidh iad ag obair còmhla ri clann nas òige gus am fileantachd thràth sa chànan a leasachadh, agus bidh clann nas sine an sàs ann an obair litearrachd agus Beurla.
Com-pàirtichean a’ dealbhadh gu cinneasach le tidsearan agus luchd-cleachdaidh gus fileantachd luchd-ionnsachaidh a leasachadh agus buileachadh àrdachadh.
Bidh a’ mhòr-chuid de chom-pàirtichean ag obair còmhla ri sgoiltean gu math. Bidh iad a’ cur luach ri fileantachd chloinne is dhaoine òga, a bharrachd air eòlas, sgilean agus tuigse. Anns a’ chleachdadh as èifeachdaiche, bidh com-pàirtichean a’ dealbhadh le tidsearan agus tha iad eòlach air na h-inbhean a thathar a’ sùileachadh. Tha com-pàirtichean mothachail air na targaidean a th’ aig clann is daoine òga airson leasachaidhean. Bidh iad a’ lìbhrigeadh eadar-theachdan taice do chlann is daoine òga, a bharrachd air raon farsaing de dh’ionnsachadh ùr sa churraicealam. Bidh com-pàirtichean ag obair gu dlùth le tidsearan gus meòrachadh air an diofar a tha iad a’ dèanamh do ionnsachadh chloinne is dhaoine òga.
A’ lùghdachadh chnapan-starra ro bhogadh de dh’àrd-chàileachd
Tha nithean ann fhathast a chuireas casg air clann is daoine òga bho bhith a’ faighinn bogadh de dh’àrd-chàileachd tron Ghàidhlig. Is iad sin gainnead luchd-obrach; duilgheadasan fastaidh agus ùine neo-chonaltraidh thidsearan ga còmhdachadh le daoine nach eil nan tidsearan speisealta sa Ghàidhlig. Dh’fhaodadh barrachd de dh’ionnsachadh bogaidh chloinne is dhaoine òga a bhith air a mheudachadh tro thairgsean ionnsachaidh nàiseanta airson Gàidhlig a’ cleachdadh teicneòlas didseatach. Tha beachdan neo-chuideachail fhathast aig beagan luchd-foghlaim air dè a ghabhas agus nach gabh a lìbhrigeadh tro Ghàidhlig sa churraicealam. Tha fianais Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ sealltainn gum faodar an curraicealam gu lèir a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig nuair a bhios na goireasan ann airson sin a dhèanamh.
Measadh, fios-air-ais agus cuimseachd
Bidh a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ toirt fios-air-ais de dh’àrd-chàileachd, le beul-chainnt agus ann an sgrìobhadh, do chlann is daoine òga air ionnsachadh. Bu chòir taic a thoirt do chlann is daoine òga gus tuigse cheart fhaighinn air an adhartas agus am buileachadh, agus air am fileantachd sa Ghàidhlig. Bu chòir dhaibh a bhith soilleir air dè agus ciamar a dh’fheumas iad a leasachadh, a’ gabhail a-steach comhairle air gràmar.
Bidh luchd-obrach anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean 3-18 a’ cleachdadh raon a tha a’ sìor fhàs de mheasaidhean agus dhòighean-obrach cruthachail agus deireannach airson diofar adhbharan. Bidh tidsearan agus àrd-stiùirichean a’ cleachdadh an fhiosrachaidh bho mheasadh gus planaichean a dhèanamh airson adhartas agus buileachadh a bharrachd chloinne is dhaoine òga. Ann an cleachdadh èifeachdach aig an sgoil-àraich, bidh an luchd-obrach a’ leasachadh mheasaidhean sa Ghàidhlig agus a’ sgrùdadh adhartas agus fileantachd chloinne. Bithear a’ cleachdadh nam measaidhean seo gu cunbhalach gus an t-adhartas a bhios clann a’ dèanamh a thomhas an toiseach ann an èisteachd, tuigse agus an uair sin ann an labhairt thar nan tràth ìrean agus a’ chiad ìre. Bidh iad a’ toirt taic do luchd-obrach gus raointean leasachaidh a chomharrachadh agus gus breithneachaidhean proifeasanta a stiùireadh. Bhiodh e na bhuannachd do dh’àrd-stiùirichean nan robh barrachd dàta nàiseanta coimeasach mu bhuileachadh ann gus taic a thoirt don obair aca ann a bhith ag àrdachadh buileachadh chloinne is dhaoine òga. Chuidicheadh seo luchd-obrach cuideachd ann a bhith a’ measadh dè cho math ’s a tha clann is daoine òga a’ ruigsinn an aon chomais ann am buileachadh ro dheireadh BS7 agus a bharrachd air sin ri an co-aoisean ann am Meadhan Beurla.
Ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, bidh luchd-obrach ag obair còmhla ri co-obraichean bho air feadh an ùghdarrais ionadail aca gus cleachdaidhean a cho-roinn ann an teagasg, ionnsachadh, measadh agus cuimseachd. Tha seo a’ leasachadh ìre cho-roinnte de dhùilean a thaobh dhòighean-obrach bogaidh sa Ghàidhlig. Thar sgoiltean-àraich, tha com-pàirteachadh luchd-cleachdaidh ann an gnìomhachdan cunbhalach, èifeachdach dearbhaidh càileachd agus cuimseachd taobh a-staigh agus taobh a-muigh sgoiltean nas cuingealaichte agus na raon airson leasachaidh. Gu h-iomlan, thar nan sgoiltean 3-18 uile, bu chòir do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach cumail orra a’ coimhead a-staigh agus a-muigh, a’ leasachadh dòigh-obrach mhionaideach gu cunbhalach airson gnìomhachdan cuimseachd thar raon a tha a’ sìor fhàs den churraicealam.
Planadh ionnsachaidh, teagaisg, bogaidh agus measaidh
Anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, tha tuigse nas soilleire aig luchd-obrach air na dòighean-teagaisg sònraichte airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Mar thoradh air sin, tha tidsearan a-nis a’ dealbhadh a’ mhòr-chuid de leasain agus ghnìomhan ann an dòigh nas iomchaidh airson bogadh. Anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean, tha dealbhadh fad-ùine agus meadhan-ùine thidsearan ceangailte gu math ri eòlasan agus builean CfE. Barrachd is barrachd, tha na planaichean seo a’ toirt a-steach frèamaichean-obrach adhartais feumail a tha sònraichte do Ghàidhlig. Ann am beagan sgoiltean, bidh tidsearan a’ roinn planadh meadhan-ùine mionaideach le pàrantan. Tha seo a’ toirt sealladh farsaing feumail air na tha clann ag ionnsachadh agus mar as urrainn do phàrantan taic a thoirt do ionnsachadh agus a neartachadh aig an taigh. Thar gach sgoil, bu chòir do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach cumail orra a’ dèanamh cinnteach gu bheil slighean ionnsachaidh ann a tha sònraichte don Ghàidhlig agus a tha a’ nochdadh co-theacsa ionadail is Gàidhealach sònraichte na sgoile. Bu chòir ionnsachadh na Gàidhlig aig clann a bhith air a thoirt a-steach nas doimhne ann an co-theacsan inntinneach cultarail, sòisealta agus eaconamach.
Anns a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, bidh àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ dearbhadh, a’ sgrùdadh agus a’ coinneachadh gus lèirmheas a dhèanamh air adhartas chloinne airson litearrachd (Beurla agus Gàidhlig), àireamhachd agus slàinte is sunnd gu h-èifeachdach tron bhliadhna sgoile. Ann am beag-chuid de chùisean, chan eil siostaman tracaidh air feadh an ùghdarrais a’ leigeil le sgilean litearrachd a h-uile pàiste is neach òig a bhith air an sgrùdadh tro Ghàidhlig is Beurla. Ro thric, dh’fhaodadh dùilean thidsearan a bhith nas àirde a thaobh na tha clann is daoine òga dà-chànanach ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig comasach air.
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean 3-18, bidh àrd-stiùirichean a’ stiùireadh ionnsachadh proifeasanta a’ cleachdadh na Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig (2022)[1]. Bu chòir do dh’àrd-stiùirichean dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh proifeasanta leantainneach ag amas air làn-bhogadh, a’ gabhail a-steach cluich làn-bhogaidh, leasachadh tràth ann an litearrachd, teagasg leughaidh, sgrìobhadh agus cho cudromach sa tha eadar-obrachaidhean cunbhalach, àrd-inbhe sa Ghàidhlig. Bu chòir do dh’àrd-stiùirichean taic a thoirt do luchd-obrach ann a bhith a’ brosnachadh ionnsachadh na Gàidhlig agus na Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a tha ri fhaighinn san sgoil aca.
Ceistean gus taic a thoirt do leasachadh leantainneach ann am foghlam is bogadh
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ comharrachadh bhuannachdan dà-chànanais agus na tha sinn a’ cur ri cumail suas na Gàidhlig san sgoil againn?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ toirt cothrom do chlann is daoine òga a bhith air an làn-bhogadh tro Ghàidhlig agus eòlasan de dh’àrd-chàileachd? Dè na prìomh fheartan a gheibhear ann an cleachdadh èifeachdach san sgoil againn?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ comasachadh luchd-ionnsachaidh a bhith air an làn-bhogadh sa Ghàidhlig fhad ’s a tha sinn a’ leasachadh nan ceithir comasan thar nan ceithir co-theacsan ionnsachaidh de Churraicealam airson Sàr-mhathais gus fileantachd làidir a leasachadh, a bharrachd air adhartas a dhèanamh aig astar math?
- Dè cho cinnteach ’s a tha sinn gum bi a h-uile neach-ionnsachaidh a’ faighinn eòlas air gnìomhachdan a tha inntinneach, a tha a rèir an ath cheumannan san ionnsachadh, eadar-dhealaichte, gnìomhach agus a bheir taic is dùbhlan èifeachdach?
- Dè cho math ’s a tha na ro-innleachdan ceasnachaidh againn a’ dùbhlanachadh luchd-ionnsachaidh nan eòlasan agus a’ comasachadh àrd-sgilean smaoineachaidh?
- Dè cho math ’s a bhios sinn a’ cleachdadh na coimhearsnachd agus nan àiteachan ionnsachaidh gus foghlam is bogadh de dh’àrd-chàileachd a lìbhrigeadh?
- Dè cho math ’s a bhios sinn a’ cleachdadh ghoireasan agus dhòighean-obrach, a’ gabhail a-steach teicneòlasan didseatach, gus a’ Ghàidhlig fhighe a-steach don cho-theacsa aice? Ciamar a tha tidsearan/cuspairean eile a’ toirt taic don seo tro na gnìomhachdan, tron ionnsachadh agus tro na goireasan a tha iad a’ taghadh co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ cur phrionnsapalan dealbhaidh, amhairc, measaidh, clàraidh agus aithris an sàs mar phàirt riatanach de ionnsachadh, teagasg, bogadh agus cluich?
- Ciamar a tha fios againn dè cho math ’s a tha ar clàradh, ar mion-sgrùdadh agus ar cleachdadh air fiosrachadh measaidh a’ comharrachadh fheumalachdan leasachaidh airson luchd-ionnsachaidh fa leth agus buidhnean sònraichte?