Cùl-fhiosrachadh agus modh-eòlas
Tha an aithisg seo bho HMIE a’ dèanamh mion-sgrùdadh air toraidhean sgrùdaidh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh 3-18 airson aoisean 3-18 anns na bliadhnaichean acadaimigeach 2022-23 agus 2023-24. Uile gu lèir, chaidh leth-cheud ’s a h-ochd sgoiltean a sgrùdadh airson Gàidhlig agus/no Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Tha seo a’ gabhail a-steach sgoiltean-àraich (tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne), bun-sgoil agus àrd-sgoiltean anns a bheil:
- sgoiltean uile-Ghàidhlig
- sgoiltean anns a bheilear a’ tabhann Foghlam Meadhan Gàidhlig còmhla ri Foghlam Meadhan Beurla, mar as trice fo stiùireadh an aon cheannaird-sgoile
- solarachaidhean Foghlaim Meadhan Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh às ùr
- sgoiltean eileanach, dùthchail agus bailteil, cuid dhiubh air an sònrachadh mar sholarachadh tro Mheadhan Gàidhlig le ùghdarras ionadail
- sgrùdaidhean co-roinnte air tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne, agus chaidh cuid dhiubh sin a dhèanamh le Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim.
Bidh HMIE a’ sgrùdadh càileachd is leasachadh foghlaim air feadh ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne air feadh Alba, agus sgoiltean, a’ cleachdadh nan slatan-tomhais deagh ghnè agus an sgèile sia-puing, mar a tha air am mìneachadh ann an frèamaichean leasachaidh càileachd ‘Dè cho math ’s a tha an sgoil againn?’ (ceathramh eagran) agus ‘Dè cho math ’s a tha ar tràth-ionnsachadh agus ar cùram-chloinne?’. Le bhith a’ cleachdadh Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig (2022), tha HMIE a’ dèanamh cinnteach gu bheil sgrùdaidhean a’ nochdadh nan dòighean-obrach sònraichte taobh a-staigh raon na Gàidhlig. Tha bunait fianais gun samhail aig HMIE bho sgrùdaidhean. Tha seo a’ tarraing air an dòigh sam bi HMIE a’ cumail sùil gheur air ionnsachadh is teagasg air feadh na dùthcha. Gus a’ bhuaidh as motha a thoirt air seo airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bidh sinn a’ cleachdadh HMIE le eòlas ann am Foghlam Gàidhlig air na sgiobaidhean sgrùdaidh againn airson sgrùdaidhean air raon na Gàidhlig. Bidh còmhradh proifeasanta le àrd-stiùirichean, tidsearan agus luchd-cleachdaidh, stèidhichte air fèin-mheasadh nan ionadan fhèin, a’ cuideachadh HMIE gus an cothromachadh ceart fhaighinn eadar cunntachalachd agus taic. Tha an còmhradh proifeasanta seo a’ toirt taic do shàr-mhathas agus co-ionannachd airson ar luchd-ionnsachaidh Gàidhlig uile.
Bidh HMIE a’ dèanamh sgrùdaidhean làn-stèidheachaidh agus sgrùdaidhean modail goirid gus measadh a dhèanamh air inbhean agus càileachd Foghlaim Gàidhlig. Tha an aithisg seo a’ tarraing air co-dhùnaidhean sgrùdaidh a chaidh a mheasadh a thaobh nan slatan-tomhais deagh-ghnè gu h-ìosal. Chan eil an aithisg ag amas air measadh a dhèanamh air gach taobh de raon na Gàidhlig.
- Slat-tomhais deagh-ghnè 1.3 Ceannardas atharrachaidh
- Slat-tomhais deagh-ghnè 2.1 Dìon
- Slat-tomhais deagh-ghnè 2.2 Cuspair a’ churraicealaim: Slighean Ionnsachaidh
- Slat-tomhais deagh-ghnè 2.3 Ionnsachadh, Teagasg agus Measadh
- Slat-tomhais deagh-ghnè 2.7 Com-pàirteachasan
- Slat-tomhais deagh-ghnè 3.1 A’ Dèanamh Cinnteach à Sunnd, Co-Ionannachd Agus In-Ghabhaltachd
- Slat-tomhais deagh-ghnè 3.2 Ag Àrdachadh Buileachadh agus Coileanadh
Tha an aithisg ro-innleachdail seo a’ toirt taic do dhòighean-obrach fa leth agus coitcheann a thaobh ceannardas na Gàidhlig thar sgoiltean, agus riaghaltas ionadail is nàiseanta agus com-pàirtichean curraicealaim eile. Tha i a’ tarraing air na co-dhùnaidhean so-aithnichte air a’ Ghàidhlig taobh a-staigh shlatan-tomhais deagh-ghnè sònraichte. Tha an aithisg a’ mìneachadh co-dhùnaidhean an sgrùdaidh ann an cuspairean taobh a-staigh gach slait-tomhais deagh-ghnè a bhios sinn a’ sgrùdadh. Gus dèanamh nas fhasa do luchd-foghlaim an aithisg a chleachdadh airson fèin-mheasadh, tha sealladh farsaing air a thoirt seachad anns gach caibideil, agus an uair sin sùil nas mionaidiche air na co-dhùnaidhean agus ceistean dùbhlain. Thathar an dùil gum bi an cruth seo a’ toirt taic do stiùirichean agus manaidsearan sheirbheisean airson Foghlam Gàidhlig gus fòcas a chur air cuspairean sònraichte no air an aithisg gu lèir, agus iad a’ dealbhadh airson leasachadh leantainneach agus prìomhachasan san àm ri teachd airson na Gàidhlig. Le bhith a’ cleachdadh na h-aithisg gus fèin-mheasadh a dhèanamh air slighean agus cuspairean sònraichte, faodaidh luchd-foghlaim neartan agus ath-cheumannan a chomharrachadh fa chomhair inbhean nàiseanta. Le bhith a’ dèanamh seo, tro chleachdadh leantainneach na Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, bidh luchd-foghlaim a’ ceangal Gàidhlig ri leasachadh an t-siostaim gu lèir tro fhèin-mheasadh.