Dè cho math ’s a tha sinn air dèanamh cinnteach à na toraidhean as fheàrr do luchd-ionnsachaidh ann a bhith ag àrdachadh buileachadh agus choileanaidhean?

Foir-shealladh air toraidhean sgrùdaidh airson dèanamh cinnteach à na toraidhean as fheàrr do luchd-ionnsachaidh ann a bhith ag àrdachadh buileachadh agus choileanaidhean

Tha adhartas, buileachadh agus coileanaidhean a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga deimhinneach. Ach, tha cus dhaoine òga a’ fàgail Foghlam Meadhan Gàidhlig aig puingean gluasaid aig nach eil duaisean agus teisteanasan tro mheadhan na Gàidhlig.

A’ ceasnachadh dàta air Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Feumaidh àrd-stiùirichean cothrom nas fheàrr fhaighinn air dàta buileachaidh gus fios a bhith aca dè cho math ’s a tha clann is daoine òga a’ buileachadh ann an litearrachd agus Gàidhlig, Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus cuspairean tro Mheadhan na Gàidhlig. Bu chòir gum biodh cothrom aig àrd-stiùirichean air dàta de dh’àrd-chàileachd leigeil leotha faicinn dè cho math ’s a tha iad a’ coileanadh taobh a-staigh an ùghdarrais ionadail aca, gu nàiseanta agus fa chomhair an coimeasair Gàidhlig fhìor-dhealbhach aca.

Adharats chloinne ann an sgoiltean-àraich

Gu h-iomlan, ann an sgoiltean-àraich, tha clann a’ dèanamh deagh adhartas ann a bhith a’ faighinn fileantachd ann an conaltradh sa Ghàidhlig agus ann an sgilean cànain tràth. Bidh clann a’ tuigsinn gu luath raon de Ghàidhlig a thathar a’ cleachdadh ann an co-theacsan cluiche agus airson adhbharan fìor, leithid grèim bidhe. Bidh clann a’ leasachadh gu math an tuigse agus an cleachdadh air a’ Ghàidhlig ann an gnìomhan buidhne a tha ag amas air seinn, innse rannan is sgeulachdan, agus riochd-chluiche. Tha cleachdadh na Gàidhlig le clann a’ fàs nas fheàrr nuair a tha luchd-cleachdaidh soilleir mun dreuchd chudromach a th’ aca ann an eadar-obrachaidhean cunbhalach de dh’àrd-chàileachd. 

Anns a’ chleachdadh as èifeachdaiche, tha clann a’ dèanamh adhartas math ann an àireamhachd agus matamataig thràth tro bhogadh sa Ghàidhlig. Bidh clann a’ cleachdadh an eòlais air àireamh nuair a bhios iad a’ bruidhinn mu chosgais bho riochd-chluiche ann am bùthan agus cafaidhean. Bidh a’ mhòr-chuid de chlann a’ leasachadh an cànan matamataigeach gu math. 

Ann an sgoiltean-àraich far a bheilear a’ toirt seachad 1140 uair-a-thìde de chùram-chloinne agus ionnsachadh làn-bhogaidh de dh’àrd-chàileachd, tro mheadhan na Gàidhlig, bidh adhartas chloinne ann an ionnsachadh air a luathachadh. Tha seo a’ toirt toiseach tòiseachaidh deimhinneach do chlann a thaobh am fileantachd agus an ìre thràth ann an cuspairean agus raointean curraicealaim CfE. Tha cus chloinne ann fhathast gun buannachd bho eòlas sgoil-àraich le bogadh sa Ghàidhlig.

Adhartas agus buileachadh chloinne is dhaoine òga san fhoghlam fharsaing choitcheann

Thar nan ìrean, bidh a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga a’ dèanamh deagh adhartas ann a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig. Tha seo a’ leantainn eadar-theachdan soirbheachail gus beàrnan san ionnsachadh aca bhon ghalar mhòr-sgaoilte a lùghdachadh. Tha fòcas luchd-cleachdaidh agus thidsearan air leasachadh sgilean litearrachd a’ toirt buaidh mhath air leughadh is sgrìobhadh a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga ann an Gàidhlig agus Beurla. Bidh clann is daoine òga a dh’fhàgas Foghlam Meadhan Gàidhlig, no a lùghdaicheas an ùine a bhios iad a’ cleachdadh agus ag ionnsachadh a’ chànain, a’ lagachadh am fileantais. Tha làn-chòir aca air eòlas bogaidh 3-18. 

Gu h-iomlan, tha clann a’ dèanamh deagh adhartas bho na h-ìrean buileachaidh roimhe aca ann an litearrachd agus àireamhachd aig ìrean na bun-sgoile. San fharsaingeachd, tha adhartas chloinne ann an litearrachd agus Beurla math no glè mhath. Rinn Luchd-sgrùdaidh an Rìgh luachadh air a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean mar riarachail a thaobh àrdachadh buileachadh agus coileanadh. Chaidh measadh a dhèanamh air beag-chuid mar mhath no glè mhath. Bu chòir do thidsearan agus com-pàirtichean cumail orra a’ dealbhadh gus fileantas chloinne is dhaoine òga a leudachadh. Bu chòir dhaibh sealladh farsaing a bhith aca air cho math ’s a tha clann a’ buileachadh thar raointean curraicealaim. 

Feumaidh luchd-obrach anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean 3-18 leantainn orra ag àrdachadh taobhan sònraichte de bhuileachadh chloinne is dhaoine òga. Anns a’ bhun-sgoil, feumaidh tidsearan fòcas a chur air sgrìobhadh chloinne ann an Gàidhlig a leasachadh. Bu chòir do thidsearan cuideachd a bhith ag amas gum bi clann a’ coileanadh fileantachd agus litearrachd cho-ionann ann an Gàidhlig agus Beurla ro dheireadh BS7, agus aig an aon àm a’ ruighinn ìrean buileachaidh ris a bheil dùil air feadh a’ churraicealaim. 

Adhartas, fileantachd agus buileachadh chloinne is dhaoine òga ann an Gàidhlig 3-15 (Luchd-ionnsachaidh)

Chan eil sealladh farsaing nàiseanta ann air buileachadh chloinne is dhaoine òga san fhoghlam choitcheann fharsaing airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Leis cho cugallach ’s a tha a’ Ghàidhlig sa churraicealam, ’s e seo raon èiginneach ris am feumar dèiligeadh. Tha ionnsachadh na Gàidhlig aig clann is daoine òga air fad cudromach ann a bhith a’ cur stad air crìonadh na Gàidhlig. Feumaidh àrd-stiùirichean clann is daoine òga a bhrosnachadh gus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a ghabhail agus feumaidh fios a bhith aca air dè cho math ’s a tha iad a’ dèanamh adhartas.

Adhartas, fileantachd agus buileachadh dhaoine òga anns an ìre as àirde 

Anns an ìre as àirde, bidh daoine òga a’ buileachadh gu math ann an Teisteanasan Nàiseanta airson Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Feumaidh barrachd dhaoine òga teisteanasan fhaighinn tron ìre as àirde agus leantainn air adhart gu cinn-uidhe dheimhinneach sheasmhach co-cheangailte ri Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile. Tha cus chloinne ann a thòisicheas air Foghlam Meadhan Gàidhlig nach eil a’ leantainn air adhart tron eòlas slàn 3-18 agus a’ fàgail gun teisteanas sam bith gus an cuid fileantais agus choileanaidhean aithneachadh. 

A’ tuigsinn inbhean agus cuimseachd

Tha luchd-obrach a’ leantainn orra ag obair còmhla gus tuigse cho-roinnte a leasachadh air inbhean agus dùilean CfE, le taic bho bhith a’ cleachdadh nan Slatan-tomhais nàiseanta. Tha seo a’ neartachadh tuigse luchd-obrach air dè cho math ’s a tha clann is daoine òga a’ dèanamh adhartas fa chomhair inbhean nàiseanta. Feumaidh tidsearan a-nis com-pàirteachadh barrachd ann an gnìomhachdan co-mheasaidh co-roinnte le fòcas air èisteachd agus labhairt sa Ghàidhlig. Chuidicheadh seo le bhith a’ meudachadh fileantachd chloinne is dhaoine òga sa chànan. Feumaidh clann is daoine òga nach eil a’ leantainn chùrsaichean is teisteanasan foirmeil a bhith fhathast nam pàirt de leantainneachd airson fileantas a choileanadh. Feumaidh targaidean a bhith aig a’ chloinn is daoine òga seo fhathast gus taic a thoirt don fhileantas aca.

Coileanaidhean pearsanta chloinne is dhaoine òga

Bidh luchd-obrach gu cunbhalach ag aithneachadh agus a’ comharrachadh coileanaidhean chloinne is dhaoine òga ann an Gàidhlig. Barrachd is barrachd, bidh iad a’ sgrùdadh coileanadh chloinne ann an grunn raointean eadar-dhealaichte gus dèanamh cinnteach à co-ionannachd, cothromas agus in-ghabhaltas ann an com-pàirteachadh chloinne is dhaoine òga. 

Bidh clann is daoine òga a’ cur ris a’ choimhearsnachd ionadail aca ann an dòigh luachmhor. Bidh iad a’ meòrachadh gu faiceallach air na neartan aca fhèin agus far am faod iad tuilleadh leasachaidh a dhèanamh. Bu chòir do luchd-obrach taic a bharrachd a thoirt do chlann is daoine òga gus tuigse nas soilleire fhaighinn air na sgilean agus na comasan a bhios iad a’ leasachadh mar thoradh air na choilean iad. Tha mòran comais ann airson coileanaidhean dhaoine òga aithneachadh gu foirmeil le creideasachadh. 

A’ toirt sùil nas mionaidiche air toraidhean sgrùdaidh airson na toraidhean as fheàrr do luchd-ionnsachaidh ann a bhith ag àrdachadh buileachadh agus choileanaidhean

A’ dùnadh bheàrnan ann am fileantas, adhartas agus buileachadh gus co-ionannachd a mheudachadh

Bidh a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga a’ dèanamh deagh adhartas ann a bhith a’ lùghdachadh bheàrnan san ionnsachadh aca bhon ghalar mhòr-sgaoilte Covid-19. Tha tuigse ùr aig tidsearan air mar a bhios bogadh iomlan de dh’àrd-chàileachd a’ leantainn gu fileantas làidir chloinne. Tha buidhnean de luchd-ionnsachaidh ann a tha a’ gluasad tron t-siostam a tha air cuid de na buannachdan a tha an lùib bogadh iomlan aig na tràth ìrean a chall. Ann an cleachdadh èifeachdach, bidh tidsearan a’ leantainn orra a’ cleachdadh measadh gu math gus beàrnan agus maoineachadh sònraichte a thargaideachadh gus fileantas a leasachadh. Tha com-pàirtichean air taic fheumail a thoirt do lùghdachadh bheàrnan ann am fileantas agus adhartas. Ann an sgìrean dùthchail, tha tuigse mhath aig tidsearan air mar a tha bochdainn agus cruadal a’ nochdadh do luchd-ionnsachaidh. Ann am beag-chuid de sgoiltean 3-18, feumaidh dòighean-obrach àrd-stiùirichean airson buileachadh àrdachadh a bhith fada nas ro-innleachdail. Bu chòir do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach dèanamh cinnteach gu bheil curraicealam bogaidh ann a tha air a dhealbhadh gu math, spionnmhor agus le prògraman obrach adhartach. Bu chòir ionnsachadh chloinne is dhaoine òga a bhith nas pearsanaichte gus an cuideachadh le bhith a’ leasachadh an cuid fileantais agus sgilean aig astar nas luaithe.

A’ togail àrd-amas airson na Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Ann am Foghlam Meadhan Beurla, feumar adhartas chloinne is dhaoine òga ann an Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a mheasadh agus a leantainn ann an dòigh nas mionaidiche agus nas cunbhalaiche. Ro dheireadh BS7, bu chòir gum biodh mòran a bharrachd chloinne a’ crìochnachadh na dàrna ìre de CfE. Bu chòir clann is daoine òga a bhrosnachadh gus an ionnsachadh fad-beatha den chànan a leasachadh. Tha seo fhad ’s a tha sinn an sàs ann an ionnsachadh breithneachail mu chultar, dualchas na Gàidhlig agus mar a chumar an cànan beò.

 A’ leasachadh fileantachd tro choileanaidhean pearsanta

Thar aois 3-18, bidh luchd-obrach gu cunbhalach ag aithneachadh agus a’ comharrachadh coileanaidhean chloinne ann an dòighean cruthachail. Tha cothroman aig clann is daoine òga Gàidhlig a choileanadh agus a chleachdadh tro raon de chom-pàirteachasan. Tha iad seo a’ gabhail a‑steach Spòrs Gàidhlig , e-Sgoil, Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois, Film G, Comunn na Gàidhlig, Mòds and An Deasbad Nàiseanta. Gheibh clann is daoine òga mòran buannachd bho chothroman nàiseanta is ionadail gus coileanaidhean, bogadh agus lìonrachadh adhartachadh.

Gu h-iomlan, gheibheadh clann is òga buannachd bho raon nas fharsainge de chothroman gus an sgilean litearrachd is Gàidhlig, litearrachd is Beurla, agus àireamhachd is matamataig a chur an sàs thar cho-theacsan agus raointean curraicealaim. Bidh seo eadhon nas follaisiche mar a ghluaiseas daoine òga gu na h-ìrean àrd-sgoile.

Ceistean gus taic a thoirt do leasachadh leantainneach gus dèanamh cinnteach à na toraidhean as fheàrr do luchd-ionnsachaidh ann a bhith ag àrdachadh coileanadh agus choileanaidhean

  • Dè cho math ’s a tha ar luchd-obrach uile a’ gabhail uallach airson fianais a thoirt seachad, agus mar a tha iomchaidh, creideasachadh a thoirt do litearrachd, àireamhachd, agus slàinte is sunnd tro Gàidhlig air feadh a’ churraicealaim?
  • Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil ro-innleachdan a tha air an dealbhadh gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh a dh’fheumas taic a bharrachd a’ toirt cothrom do chlann is daoine òga coileanadh agus buileachadh gu math?
  • Dè cho math ’s a tha an curraicealam againn airson Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ toirt taic do bhith ag àrdachadh ìrean buileachaidh chloinne is dhaoine òga?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha ar cleachdadh de fhianais agus dàta gus prìomhachas a thoirt do leasachaidhean gus beàrnan buileachaidh sam bith a lùghdachadh, a’ gabhail a-steach a’ bheàrn buileachaidh co-cheangailte ri bochdainn no beàrnan co-cheangailte ri feumalachdan taic a bharrachd no feartan fo dhìon?
  • Dè cho soilleir ’s a tha na ro-innleachdan againn airson buileachadh sa Ghàidhlig àrdachadh agus a bheil a’ bhuaidh ris a bheilear an dùil aca?
  •  Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn ann a bhith a’ coileanadh leasachaidhean bliadhna an dèidh bliadhna ann am buileachadh agus litearrachd chloinne is dhaoine òga sa Ghàidhlig agus tron Ghàidhlig?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ cuideachadh dhaoine òga gus na teisteanasan agus na duaisean as àirde fhaighinn bho Fhoghlam Mheadhan Gàidhlig agus ann an Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)?