Dè cho math ’s a tha sinn air builean luchd-ionnsachaidh a leasachadh airson sunnd, co-ionannachd agus in-ghabhaltas?
Tha sunnd chloinne is dhaoine òga aig cridhe dhòighean-obrach airson Foghlam Gàidhlig. Tha cha mhòr a h-uile pàiste is duine òg sàbhailte, tèarainte agus riaraichte nan ionnsachadh. Bidh iad a’ faighinn mòran buannachd bho thaic a tha air a deagh phlanadh airson an ionnsachaidh. Tha buaidh mhòr aig taic a bharrachd bho inbhich san àite ionnsachaidh, aig a bheil fileantas sa Ghàidhlig agus na teisteanasan iomchaidh, air ionnsachadh agus adhartas. Gu h-iomlan, bu chòir coinneachadh ri feumalachdan taic a bharrachd luchd-ionnsachaidh airson Foghlam Gàidhlig, agus tuigse fhaighinn air mar a bheir reachdas co-ionannachd buaidh air a’ Ghàidhlig, fuireach na phrìomh fhòcas airson rannsachadh, goireasachadh, ionnsachadh proifeasanta agus dealbhadh ro-innleachdail.
Foir-shealladh air toraidhean sgrùdaidh airson builean luchd-ionnsachaidh a leasachadh airson sunnd, co-ionannachd agus in-ghabhaltas
Far a bheil clann agus daoine òga fallain agus gnìomhach, bidh seo a’ cuideachadh gus cultar a chruthachadh a tha fàbharach do bhogadh.
Cha mhòr fad na h-ùine, bidh luchd-obrach, clann is daoine òga a’ faighinn buannachd bho dhàimhean fìor dheimhinneach dha chèile ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Mar thoradh air sin, tha clann is daoine òga a’ faireachdainn gu bheilear ag èisteachd riutha agus a’ cur luach orra.
Tha luchd-obrach mothachail air feumalachdan sunnd chloinne is dhaoine òga anns cha mhòr a h-uile sgoil 3-18. Mar thoradh air sin, anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bidh clann a’ faireachdainn toilichte agus air an deagh shuidheachadh.
Tha tidsearan soirbheachail ann a bhith a’ cruthachadh cultar a tha fàbharach do bhogadh. Cha mhòr anns a h-uile cùis, tha luchd-obrach soilleir mu chleachdadh iomchaidh Beurla bho àm gu àm gus slàinte is sàbhailteachd èiginneach adhartachadh agus aig an aon àm a’ cumail làn-bhogadh.
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha tuigse mhath aig clann is daoine òga air cho cudromach ’s a tha e dòigh-beatha fhallain is ghnìomhach a chumail suas. A rèir cleachdadh èifeachdach làn-bhogaidh, bidh clann is daoine òga a’ bruidhinn mu an sunnd agus am faireachdainnean tro mheadhan na Gàidhlig. Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, bidh iad a’ cleachdadh chomharran sunnd gu h-èifeachdach.
Sgioba a bhith timcheall air a’ phàiste gus a dhèanamh ceart dhaibh sa Ghàidhlig
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha tuigse mhath aig luchd-obrach air na dleastanasan aca a thaobh ‘Ceartas do Gach Pàiste’ (GIRFEC). Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh ionnsachadh proifeasanta a tha a’ buntainn ri sunnd, in-ghabhaltas agus co-ionannachd gus builean luchd-ionnsachaidh a leasachadh anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean.
Thar sgoiltean 3-18, tha planaichean, ro-innleachdan agus raon de dh’eadar-theachdan cuimsichte aig a’ mhòr-chuid de chlann is daoine òga aig a bheil feum air taic a bharrachd airson an ionnsachaidh. Tha inbheach a bharrachd san t-seòmar aig tidsearan gus taic a thoirt do chànan, ionnsachadh agus leasachadh na Gàidhlig a’ dùnadh bheàrnan ann an ionnsachadh chloinne is dhaoine òga. Ma bhios neach-labhairt fileanta a bharrachd sa Ghàidhlig aig tidsearan san àite ionnsachaidh, bidh sin a’ meudachadh an raoin de dhòighean-teagaisg cànain a ghabhas cleachdadh.
Ann am beagan chùisean, bu chòir do dh’àrd-stiùirichean barrachd oidhirp a dhèanamh gus coinneachadh ri feumalachdan taic a bharrachd chloinne is dhaoine òga tro mheadhan na Gàidhlig. Bu chòir a h-uile oidhirp a dhèanamh gus clann is daoine òga le feumalachdan taic a bharrachd a ghlèidheadh taobh a-staigh Foghlam Meadhan Gàidhlig. Gu nàiseanta, tha rannsachadh leantainneach, goireasan agus ionnsachadh proifeasanta sònraichte do Fhoghlam Mheadhan na Gàidhlig riatanach.
Ann am beag-chuid de sgoiltean, tha feum aig tidsearan air stiùireadh leantainneach agus cothrom air buidhnean ann a bhith a’ toirt taic do chlann, daoine òga agus an teaghlaichean le taic a bharrachd shònraichte agus iom-fhillte. Feumaidh an taic seo a bhith gu math sònraichte do cho-theacsa Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig.
A’ brosnachadh co-ionannachd agus iomadachd, a’ cur às do leth-bhreith
Bidh clann is daoine òga a’ faighinn buannachd bho phrògraman pearsanta, sòisealta, slàinte is sunnd a tha farsaing is buntainneach. Mar as trice, is e eadar-theangachaidhean de phrògraman airson Meadhan na Beurla a tha seo. A’ dol air adhart, bu chòir na prògraman seo a chruthachadh gu sònraichte airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bu chòir do phrògraman dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri eòlas, sgilean agus tuigse air a’ Ghàidhlig.
Tha a’ mhòr-chuid de dh’àrd-stiùirichean an-dràsta ag ath-sgrùdadh phoileasaidhean agus mhodhan-obrach na sgoile aca a thaobh dhàimhean deimhinneach. Bu chòir dhaibh cumail orra a’ toirt a-steach a h-uile pàiste, neach-obrach agus pàrant ann an leasachadh nam poileasaidhean seo, gus co-theacsa sònraichte Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig a nochdadh.
Anns cha mhòr a h-uile sgoil, tha cothroman aig clann is daoine òga ionnsachadh mu chùisean ioma-chreideimh, leth-bhreith agus claon-bhreith. Gu h-iomlan, feumaidh àrd-stiùirichean a bhith nas mothachail air mar a chuireas a’ Ghàidhlig ri co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltas nuair a bhios iad a’ dealbhadh a’ churraicealaim. Feumaidh clann is daoine òga a bhith mothachail air mar a dhèiligeas iad ri gnothaichean far nach eilear a’ beachdachadh gu h-iomchaidh air a’ Ghàidhlig bho shealladh co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltais.
Bidh tidsearan ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ faighinn deagh thoraidhean nuair a bhios iad a’ cleachdadh an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig, 2017, gu h-èifeachdach. Bu chòir do luchd-foghlaim cumail orra a’ dèanamh feum gu leòr den stiùireadh seo.
A’ toirt sùil nas mionaidiche air co-dhùnaidhean sgrùdaidh airson builean luchd-ionnsachaidh a leasachadh airson sunnd, co-ionannachd agus in-ghabhaltas
A’ coileanadh co-ionannachd do chànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean 3-18, bidh luchd-obrach a’ cur air adhart dòighean-obrach stèidhichte air còraichean agus luachan gus dàimhean deimhinneach a bhrosnachadh. Gheibh mòran sgoiltean aithne nàiseanta bhon taobh a-muigh airson an cuid obrach air còraichean chloinne. Anns na sgoiltean seo, chan eil mion-chuid de chlann is daoine òga a’ tuigsinn gu cunbhalach a’ cheangail eadar dòighean-obrach stèidhichte air còraichean agus co-ionannachd a choileanadh airson cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig.
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bidh àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ meudachadh follaiseachd na Gàidhlig agus a cultair ann an àrainneachd agus curraicealam na sgoile. Cuidichidh seo a h-uile pàiste is duine òg gus ceangal a dhèanamh ris an taobh seo de cho-theacsa na sgoile aca. Bu chòir do luchd-obrach dèanamh cinnteach gu bheil tuigse aig a h-uile pàiste is duine òg air feadh na sgoile aca air a’ chànan, air a’ chultar agus air buannachdan na Gàidhlig agus gu bheil taic aca gus atharrachadh is leasachadh a stiùireadh. Bu chòir seo mothachadh chloinne is dhaoine òga air na còraichean aca a neartachadh mar an fheadhainn a tha ag ionnsachadh cànan oifigeil na h-Alba.
Ann am beag-chuid de sgoiltean, bu chòir do dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach sealladh ro-innleachdail a leasachadh air co-ionannachd, in-ghabhaltas agus iomadachd gus dèanamh cinnteach gu bheilear ga theagasg ann an dòigh phlanaichte agus adhartach. Ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Gàidhlig le Meadhan Beurla, bu chòir cothroman a bhith aig a h-uile pàiste is neach òg co-dhiù beagan Gàidhlig agus a cultar ionnsachadh. Cuidichidh seo le bhith a’ brosnachadh bheachdan deimhinneach, agus a’ toirt taic do in-ghabhaltas agus iomadachd taobh a-staigh na sgoile. Chan eil luchd-obrach an-còmhnaidh soilleir mu àite na Gàidhlig ann an reachdas co-ionannachd. Tha seo ag adhbharachadh nach eil a’ Ghàidhlig na pàirt chunbhalach de phoileasaidhean is cleachdaidhean sgoiltean a thaobh co-ionannachd agus cothromas. An-dràsta, chan eil mòran ghoireasan iomchaidh rim faighinn a tha freagarrach don aois gus cuspairean iomadachd agus co-ionannachd adhartachadh ann an Gàidhlig do chlann ann an sgoil-àraich agus nas fhaide air falbh.
A’ coinneachadh ri dleastanasan reachdail airson sunnd agus in-ghabhaltas
San fharsaingeachd, bidh a’ mhòr-chuid de dh’àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ coileanadh an dleastanasan reachdail gu math a thaobh sunnd agus in-ghabhaltas. Tha seo a’ gabhail a-steach coinneachadh ri feumalachdan taic a bharrachd chloinne is dhaoine òga. Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bidh clann is daoine òga a tha a’ fulang dhùbhlan agus chnapan-starra nan ionnsachadh a’ faighinn buannachd bho àrainneachdan taiceil. Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha cleachdadh ro-innleachdail luchd-taic a bharrachd a’ toirt buaidh mhath air càileachd an làn-bhogaidh. Tha an dòigh-obrach seo a’ comasachadh eadar-obrachaidhean nas trice agus nas brìoghmhoire ann an clasaichean ioma-ìre, agus mar thoradh air sin bidh barrachd com-pàirteachaidh aig an neach-ionnsachaidh agus adhartas nas luaithe ann am fileantas. Is e a’ bhuaidh a tha san amharc barrachd co-ionannachd fhaighinn a thaobh eòlas agus leantainneachd ann am bogadh thar gach ìre.
Ann am beagan chùisean, chan eil àrd-stiùirichean a’ cleachdadh taic cainnte is cànain do chlann is daoine òga tro mheadhan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach taic a tha ri faighinn gu didseatach.
Thar cha mhòr a h-uile sgoil-àraich, bidh clann a’ faighinn buannachd bho cho-mheasan iomchaidh, le luchd-obrach a tha fileanta sa Ghàidhlig. Cuidichidh seo le bhith a’ comasachadh modaladh cànain glè mhath agus a’ toirt taic do ionnsachadh chloinne tro bhogadh iomlan. Tha a’ mhòr-chuid de na sgoiltean seo a’ dèanamh adhartas deimhinneach ann a bhith a’ toirt air adhart an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig, 2017. Bidh iad a’ toirt seachad 1140 uair-a-thìde de chùram-chloinne agus ionnsachadh is cluich làn-bhogaidh tro mheadhan Gàidhlig.
Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bha buaidh aig a’ ghalar mhòr-sgaoilte air sgilean labhairt is sgrìobhaidh chloinne is dhaoine òga. Tha luchd-obrach a’ sealltainn gu bheil beàrnan ann an ionnsachadh chloinne is dhaoine òga a’ lùghdachadh mar thoradh air prìomhachasan leasachaidh a tha air an deagh dhealbhadh a thaobh litearrachd agus àrdachadh buileachaidh. Tha sgoiltean a bhios a’ cleachdadh àrd-ùrlar didseatach nàiseanta, prògram e-Sgoil ‘Misneachd’, ag aithris àrdachadh ann am misneachd chloinne agus leasachadh ann an sgilean cànain.
Ann am beagan sgoiltean, tha dòigh-obrach chruthachail is ro-innleachdail a’ cheannard-sgoile a thaobh a bhith a’ cleachdadh luchd-obrach taic do sgoilearan gu math èifeachdach air fileantas Gàidhlig chloinne a chumail suas aig amannan far a bheil dreuchdan bàn. Bidh an luchd-obrach taic ag obair thar nan ìrean CfE tràtha agus ciad ìre, an dà chuid san sgoil-àraich agus ìrean na bun-sgoile. Tha na dreuchdan co-mheasgaichte seo agus an obair thar an dà ìre a’ toirt buaidh mhath air eòlasan ionnsachaidh agus adhartas chloinne.
Ceistean gus taic a thoirt do leasachadh leantainneach gus toraidhean luchd-ionnsachaidh a leasachadh ann an sunnd, co-ionannachd agus in-ghabhaltas
- Dè cho math ’s a tha fios agus tuigse aig a h-uile neach-obrach againn air Ceartas do Gach Pàiste (GIRFEC), na comharran sunnd, agus Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne taobh a-staigh co-theacsa Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig?
- Dè cho math ’s a thathar ag èisteachd ri clann is daoine òga agus gu bheil iad an sàs ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu an sunnd, am beatha agus an àm ri teachd?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-obrach againn uile a’ gabhail pàirt ann an ionnsachadh proifeasanta cunbhalach a thaobh reachdas, riatanasan reachdail, agus còdan obrachaidh agus gan ceangal ri co-theacsa sònraichte na Gàidhlig? An urrainn dhuinn a bhith cinnteach gu bheil a h-uile stiùireadh don luchd-obrach gu tur buntainneach agus ùraichte?
- Dè cho math ’s a bhios sinn a’ cleachdadh theicneòlasan gus taic, ionnsachadh, leasachadh agus conaltradh a thoirt seachad gus builean a leasachadh do chlann is daoine òga? Dè cho math ’s as urrainn dhuinn buileachadh nas fheàrr a nochdadh do bhuidhnean agus do dhaoine fa leth a tha a’ fulang chnapan-starra a thaobh ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach bochdainn?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha àrainneachdan ionnsachaidh in-ghabhalta air an stèidheachadh air feadh na sgoile againn gu lèir agus ciamar a tha fios againn?
- Dè cho math ’s a tha an sgoil againn a’ comharrachadh iomadachd?
- Dè cho math ’s a tha an sgoil againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil an curraicealam air a dhealbhadh gus cur às do leth-bhreith, a’ gabhail a-steach leth-bhreith an aghaidh na Gàidhlig?