Sunnd, in-ghabhaltachd agus co-ionannachd
’S e comharradh càileachd Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a th’ ann an sunnd, in-ghabhaltachd agus co-ionannachd. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh.
Cuspairean airson sunnd, in-ghabhaltachd agus co-ionannachd
Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:
- deagh dhàimhean agus sunn
- taic uile-choitcheann
- comharrachadh agus measadh feumalachdan ionnsachaidh agus taic chuimsichte
- in-ghabhaltachd agus co-ionannachd
Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo
Tha an comharra càileachd seo a’ nochdadh cho cudromach 's a tha deagh dhàimhean agus sunnd chloinne. Tha e ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e sàr thaic in-ghabhalach agus iomchaidh, stèidhichte air còraichean, a thoirt seachad.
Bidh na dòighean-obrach seo a’ leantainn gu builean nas fheàrr airson ionnsachadh, sunnd agus com-pàirteachadh chloinne. Tha e a’ toirt làn aire do chloinn a dh’fhaodadh a bhith feumach air taic a bharrachd gus cothrom fhaighinn air, agus làn bhuannachd fhaighinn às, an còir air tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne àrd-inbhe. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ comharrachadh agus a’ luachadh am feumalachdan ionnsachaidh is sunnd ann an deagh àm agus a’ toirt seachad taic phearsanaichte agus chuimsichte.
Tha an comharra càileachd seo ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha com-pàirteachas làidir, co-obrachail eadar an fheadhainn a tha a’ toirt taic do chloinn. Tha e a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha conaltradh brìoghmhor le cloinn is teaghlaichean gus fiosrachadh a thoirt do cho-dhùnaidhean mu mar a bu chòir coinneachadh ri feumalachdan chloinne.
Tha an comharra càileachd seo a’ nochdadh na pàirt chudromaich a th’ aig àrd-luchd-stiùiridh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh proifeasanta buntainneach is brìoghmhor aig a h-uile neach-obrach gus coinneachadh ri feumalachdan eadar-mheasgte, agus uaireannan iom-fhillte, chloinne.
Cuspairean airson deagh dhàimhean agus sunnd
Deagh dhàimhean agus sunnd a tha 'glè mhath'
Bidh sinn a’ toirt taic do chloinn gus am faireachdainnean agus an giùlan a thuigsinn agus a riaghladh ann an dòighean a bhrosnaicheas deagh dhàimhean, com-pàirteachadh agus in-ghabhalachd. Tha sinn a’ tuigsinn gu h-iomlan gu bheil dàimhean aig cridhe leasachadh chloinne agus nam bunait airson ionnsachadh fad-beatha agus sunnd. Tha sunnd chloinne agus theaghlaichean air leth cudromach agus aig cridhe obair an t-suidheachaidh againn.
Tha dàimhean stèidhichte air spèis, onair agus earbsa agus a bhith ga fhaighinn ceart gus builean a leasachadh do chloinn agus do theaghlaichean. Bidh sinn gu gnìomhach a’ toirt taic do ar cloinn gus a bhith sàbhailte, fallain, soirbheachail, air an altram, gnìomhach, cunntachail agus air an urramachadh agus air an gabhail a-steach. Is urrainn dhuinn sealltainn na buaidh mhòir a th’ aig seo air sunnd sòisealta, faireachdainnean agus inntinn ar cloinne, a bharrachd air an leasachadh agus an ionnsachadh.
Tha luchd-obrach a’ cur luach air gach pàiste mar neach fa leth lem pearsa, beachdan, feumalachdan agus còraichean fhèin. Bidh sinn gu gnìomhach a’ brosnachadh com-pàirteachadh chloinne ann an dòigh a tha iomchaidh a thaobh an leasachaidh. Leigidh seo le clann na beachdan aca a chur an cèill, nan dòigh fhèin, mun t-sunnd aca agus pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean a bheir buaidh orra.
Deagh dhàimhean agus sunnd a tha 'lag'
Ged a dh’fhaodadh gu bheil ar dàimhean ri cloinn blàth is càirdeil, chan eil sinn a’ nochdadh tuigse dhomhainn gu leòr air sunnd, in-ghabhalachd no co-ionannachd. Mar thoradh air sin, chan eil clann a’ faighinn taic chunbhalach gus am bi iad a’ faireachdainn sàbhailte, air an urramachadh no air an gabhail a-steach. Tha cothroman gann do chloinn na beachdan aca a chur an cèill no pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean a bheir buaidh orra. Tha seo a’ toirt buaidh air am faireachdainn de bhuinteanas agus an sunnd fhaireachdainnean.
Eisimpleirean airson taic uile-choitcheann
Taic uile-choitcheann a tha 'glè mhath'
Bidh sinn a’ toirt taic is brosnachadh air leth èifeachdach do gach pàiste gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine air an gabhail a-steach. Tha cleachdadh in-ghabhalach air a thoirt a-steach air feadh ar solar uile-choitcheann, a’ toirt cothrom do chloinn le feumalachdan taice a bharrachd ionnsachadh fhaighinn ann an dòigh a tha ag obair dhaibh. Bidh cha mhòr a h-uile pàiste a’ com-pàirteachadh gu h-iomlan agus a’ gabhail pàirt ann an rannsachadh is cluich. Tha iad a’ faighinn taic le sàr eadar-obrachaidhean, eòlasan, cleachdadh cruthachail de dh’àitichean, agus teicneòlas.
Tha feumalachdan fa leth chloinne aig cridhe pròiseasan dealbhaidh is ath-bhreithneachaidh. Bidh sinn ag obair le teaghlaichean agus com-pàirtichean cudromach eile gu h-èifeachdach, gus làn aire a thoirt do dh’iomadachd fheumalachdan chloinne. Tha sinn a’ tuigsinn na deagh bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig co-obrachadh fìor èifeachdach air eòlasan chloinne, agus air na dòighean fa leth anns a bheil iad ag ionnsachadh.
Tha targaidean ionnsachaidh is leasachaidh pearsanta àrd-inbhe aig cloinn, a bhios a’ togail air ionnsachadh a bh’ aca roimhe. Bithear gan ath-sgrùdadh agus gan luachadh gu cunbhalach còmhla ri clann agus an teaghlaichean, agus com-pàirtichean cudromach eile.Thèid na h-ath cheumannan iomchaidh a chomharrachadh. Tha com-pàirteachasan làidir co-obrachail ann leis a h-uile duine a tha a’ toirt taic do chloinn, a’ gabhail a-steach aig prìomh amannan eadar-ghluasaid.
Taic uile-choitcheann a tha 'lag' (weak)
Chan eil sinn misneachail nar dleastanas, tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne a thoirt seachad, a tha a’ gabhail a-steach a h-uile duine agus a tha stèidhichte air còraichean. Chan eil an solar againn a’ tabhann cothrom co-ionann do gach pàiste air eòlasan àrd-inbhe.
Chan eil sinn a’ dealbhadh no ag atharrachadh ionnsachadh gu cunbhalach gus coinneachadh ri feumalachdan chloinne fa leth. Chan eil sinn a’ cleachdadh àite no goireasan ann an dòigh a tha math gu leòr gus taic a thoirt do chom-pàirteachadh agus conaltradh. Tha com-pàirteachasan le teaghlaichean agus proifeiseantaich eile gann, agus tha seo a’ toirt buaidh air ar comas taic fhiosraichte, chunbhalach a thoirt seachad air feadh an t-suidheachaidh.
Eisimpleirean airson comharrachadh agus measadh fheumalachdan ionnsachaidh agus taic chuimsichte
Comharrachadh agus measadh feumalachdan ionnsachaidh agus taic chuimsichte a tha 'glè mhath'
Thèid feumalachdan ionnsachaidh fa leth chloinne a chomharrachadh tràth, tro bheachd-sùla faiceallach agus mion-sgrùdadh èifeachdach air fiosrachadh measaidh làidir, bho raon de stòran. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith ag obair ann an com-pàirteachas dlùth le pàrantan agus co-obraichean gus làn aire a thoirt do dh’ionnsachadh agus feumalachdan chloinne roimhe seo.
Bidh sinn a’ dèanamh feum glè èifeachdach de na comharran sunnd nàiseanta gus luachadh iomlan a thoirt seachad air neartan agus feumalachdan taice chloinne. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ comharrachadh clann le feumalachdan taice a bharrachd tràth agus gum bi iad a’ faighinn taic tro eadar-theachdan a tha air an dealbhadh gu math agus air an ath-sgrùdadh gu cunbhalach.
Tha luchd-obrach misneachail ann a bhith a’ cleachdadh raon de ro-innleachdan agus ghoireasan, a tha a’ gabhail a-steach a h-uile duine, gus coinneachadh ri feumalachdan eadar-mheasgte. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil taic iomchaidh, co-rèireach ga lìbhrigeadh ann an deagh àm, a’ gabhail a-steach cuideachadh speisealta far a bheil feum air.
Bidh ar prìomh luchd-stiùiridh agus ar luchd-obrach a’ cumail gu h-iomlan ri riatanasan reachdail. Bidh sinn a’ toirt seachad taic àrd-inbhe agus cuimsichte do gach pàiste a dh’fheumas taic a bharrachd, a’ gabhail a-steach ruigsinneachd air teicneòlas didseatach, gus cnapan-starra a lughdachadh a thaobh in-ghabhail agus ionnsachadh.
Tha clann, teaghlaichean agus com-pàirtichean gu tur an sàs ann a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air adhartas chloinne agus a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu ionnsachadh agus taic san àm ri teachd. Tha eadar-theachdan cuimsichte gu math èifeachdach agus bidh iad a’ leantainn gu builean adhartach do chloinn.
Comharrachadh agus measadh feumalachdan ionnsachaidh agus taic chuimsichte a tha 'lag'
Chan eil an dòigh-obrach againn airson feumalachdan taice a bharrachd cloinne, a chomharrachadh agus a mheasadh, air a leasachadh gu leòr fhathast. Chan eil sinn an-còmhnaidh a’ cleachdadh fiosrachadh bho bheachd-sùla, no luachadh gu h-èifeachdach, gus tuigse iomlan a thogail air neartan agus feumalachdan chloinne. Mar thoradh air sin, chan eil taic chuimsichte an-còmhnaidh co-rèireach, ga lìbhrigeadh ann an deagh àm, no a’ freagairt gu math ri clann fa leth.
Chan eil sinn fhathast misneachail mu ciamar a choinnicheas sinn ri riatanasan reachdail. Tha sin a’ ciallachadh gum faod dìth soilleireachd, buaidh agus obair-leanmhainn a bhith san dealbhadh againn, agus tha sin a’ cuingealachadh comas air builean a leasachadh do chloinn.
Eisimpleirean airson in-ghabhaltachd agus co-ionannachd
In-ghabhaltachd agus co-ionannachd a tha 'glè mhath'
Tha sinn an-còmhnaidh a’ cur luach nar cloinn agus teaghlaichean, agus a’ dèiligeadh riutha gu coibhneil, spèiseil, cothromach. Bidh sinn a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do dh’in-ghabhail agus còraichean chloinne agus a’ brosnachadh a h-uile pàiste gu bhith an sàs gu h-iomlan ann am beatha an t-suidheachaidh. Bidh ar luchd-obrach a’ cleachdadh teicneòlas gu fìor èifeachdach, gus leigeil le gach pàiste pàirt a ghabhail gu h-iomlan ann an saoghal a tha a’ sìor fhàs didseatach, agus gus taic a thoirt do chom-pàirteachadh theaghlaichean.
Tha sinn a’ cur luach air iomadachd agus a’ cur an aghaidh leth-bhreith. Bidh ar luchd-obrach ag obair ann an com-pàirteachas le pàrantan/luchd-cùraim agus com-pàirtichean gus iomadachd adhartachadh agus taic a chur ris agus gus eòlasan chloinne a neartachadh.
Tha an luchd-obrach glè eòlach air a h-uile pàiste agus teaghlach. Tha sinn a’ tuigsinn a’ cho-theacsa shòisio-eaconamach, cultarail agus cànain aca. Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo gus freagairt gu mothachail, le taic, aig an àm cheart. Tha an taic seo a’ toirt aire do dh’fheumalachdan chloinne aig a bheil eòlas air cùram agus do dh’fheartan dìonta a h-uile pàiste is teaghlaich. Tha ro-innleachdan air leth èifeachdach againn gus adhartas a leasachadh airson a h-uile pàiste.Tha fòcas soilleir air an fheadhainn a tha a’ fulang dùbhlan no bacaidhean a thaobh an ionnsachaidh no an in-ghabhaltachd.
In-ghabhaltachd agus co-ionannachd a tha 'lag'
Chan eil sinn fhathast a’ nochdadh dealas làidir a thaobh in-ghabhaltachd agus co-ionannachd ann am beatha is obair an t-suidheachaidh. Chan eil clann le feumalachdan taice a bharrachd an-còmhnaidh air an gabhail a-steach gu h-iomlan. Chan eil sinn a’ gabhail cheumannan èifeachdach gus cnapan-starra a thaobh com-pàirteachadh a lughdachadh. Chan eil sinn an-còmhnaidh ag aithneachadh no a’ freagairt ri leth-bhreith, agus chan eil sinn a’ dèanamh feum èifeachdach de dhàta no co-theacsa ionadail gus fiosrachadh a thoirt do chleachdadh cothromach.
Ceistean dùbhlain airson sunnd, in-ghabhaltachd agus co-ionannachd
Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:
-
Gu dè an ìre a bhios ar dòighean-obrach a thaobh in-ghabhaltachd agus co-ionannachd a’ toirt buaidh mhath air sunnd chloinne?
-
Dè cho math ’s a tha sinn a’ coinneachadh ri feumalachdan chloinne fa leth, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha a’ fulang dùbhlan a bharrachd? Dè cho èifeachdach ’s a tha ar dòigh-obrach a thaobh dealbhadh airson clann a dh’fheumas taic a bharrachd?
-
Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ toirt a-steach pàrantan/luchd-cùraim agus com-pàirtichean ann a bhith a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh taic chuimsichte do chloinn fa leth? Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ toirt a-steach clann, pàrantan/luchd-cùraim agus com-pàirtichean ann a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air buaidh taic chuimsichte?
-
Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ toirt taic do chloinn aig prìomh phuingean eadar-ghluasaid gus dèanamh cinnteach mu leantainneachd ann an sunnd agus in-ghabhaltachd?
-
Dè cho èifeachdach ’s a tha na dòighean-obrach againn a thaobh builean a leasachadh do chloinn? Gu dè an ìre a bhios iad sin air an daingneachadh le bhith ga fhaighinn ceart airson gach leanabh?
-
Dè cho math ’s a tha tuigse againn air Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC) agus ciamar a tha e air a fhreumhachadh nar cleachdadh?
-
Gu dè an ìre a bhios sàr ionnsachadh proifeasanta cunbhalach againn gus taic a thoirt do shunnd, in-ghabhaltachd agus co-ionannachd? Dè a’ bhuaidh a th’ aig an t-ionnsachadh phroifeasanta seo?
-
Gu dè an ìre a bhios tuigse chuimsichte, cho-roinnte againn air ar dleastanasan reachdail, gus taic a thoirt do gach pàiste?
-
Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ brosnachadh chloinne gus sgrùdadh a dhèanamh air na faireachdainnean, na beachdan, na luachan agus na creideasan a bheir buaidh air am beatha ann an dòigh a tha iomchaidh a thaobh an leasachaidh?
-
Gu dè an ìre a bhios ar cleachdadh a’ cruthachadh feallsanachd a nì cinnteach mu cho-ionannachd agus a tha a’ comharrachadh iomadachd?