Sgilean, eòlas, luachan agus cur an sàs luchd-obrach
’S e comharra càileachd Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim a th’ ann an sgilean, eòlas, luachan agus cur an sàs luchd-obrach. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh. Tha eisimpleirean de sgilean, eòlas, luachan agus cur an sàs luchd-obrach rim faighinn cuideachd airson luchd-airich-chloinne agus cùram-cloinne aois sgoile.
Cuspairean airson sgilean, eòlas, luachan agus cur an sàs luchd-obrach (themes for staff skills, knowledge and deployment)
Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:
- sgilean, eòlas agus luachan luchd-obrach
- cur an sàs luchd-obrach
Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo
Tha an comharra càileachd seo a’ cuimseachadh air cho cudromach ’s a tha eadar-obrachaidhean sgileil gus misneachd chloinne adhartachadh agus gus buaidh mhath a thoirt air am beatha fhad ’s a bhios iad a’ leasachadh agus ag ionnsachadh. Tha e a’ nochdadh do luchd-obrach cho cudromach ’s a tha leasachadh proifeasanta leantainneach air a bhrosnachadh tro chleachdadh fìor èifeachdach de mheòrachadh, fios-air-ais agus taic. Tha e ag aithneachadh gum bu chòir ionnsachadh proifeasanta a bhith air a dhealbhadh gu math agus air a stiùireadh le fianais agus rannsachadh ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bu chòir seo ath-sgrùdadh agus a mhaidseadh ri feumalachdan comharraichte luchd-obrach fa leth.
Tha mothachadh ann gum bu chòir clàradh proifeasanta iomchaidh a bhith aig luchd-obrach agus gum bu chòir dhaibh na còdan cleachdaidh iomchaidh a thuigsinn agus cumail riutha. Tha feum air cultar adhartach, coibhneil agus freagairteach far am bi clann a’ soirbheachadh.
Tha an comharra seo ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil ìrean agus cur an sàs an sgioba-obrach a’ toirt aire do raon sgilean an luchd-obrach, a bharrachd air cleachdaidhean agus gnìomhan làitheil. Tha e ag aithneachadh gum feumar luchd-obrach an cur an sàs gu freagairteach agus cho cudromach ’s a tha e dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach iomchaidh ann tron latha agus feadh na seachdain. Tha tuigse ann air an fheum air leantainneachd luchd-obrach a thoirt do chloinn. Cuideachd aig an aon àm seirbheis shàbhailte, àrd-inbhe a thoirt seachad gus dèanamh cinnteach às na builean as fheàrr do chloinn.
Eisimpleirean airson sgilean, eòlas agus luachan luchd-obrach
Sgilean, eòlas agus luachan luchd-obrach a tha 'glè mhath'
Tha tuigse shoilleir againn air mar a bhios clann ag ionnsachadh agus a’ leasachadh, agus tha àrd-mhiannan againn airson coileanadh chloinne. Bidh sinn a’ dèanamh deagh fheum de chothroman leasachaidh proifeasanta a tha ceangailte gu dìreach ri builean nas fheàrr do chloinn, na feumalachdan ionnsachaidh fa leth aca agus ar plana leasachaidh. Tha rannsachadh, cleachdadh as fheàrr, poileasaidh nàiseanta is ionadail, reachdas bunaiteach, ‘Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne’ agus Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta gan cleachdadh sa phròiseas seo.
Tha raon farsaing de chothroman aig luchd-obrach còmhraidhean proifeasanta a chumail agus an cur an sàs gus fiosrachadh a thoirt do chleachdadh. Tha sinn air leth meòrachail agus bidh sinn an sàs anns na còmhraidhean seo stèidhichte air an obair gus eòlas agus èifeachdas fa leth an sgioba a thogail. Bidh sinn a’ cumail chlàran bhrìoghmhor de bhuaidh ar n-ionnsachaidh agus ar leasachaidh agus tha plana gnìomha ionnsachaidh soilleir againn.
Le stiùireadh air leth èifeachdach, is urrainn dhuinn a bhith soilleir mu ar dleastanasan. Tha comharrachadh soirbheachais agus ionnsachadh bho mhearachdan na phàirt riatanach den fheallsanachd againn. Tha seo a’ leantainn gu cultar fosgarrachd far a bheil sinn moiteil a bhith ag obair san t-suidheachadh againn agus sàbhailte bruidhinn mu chleachdadh nuair a thachras mearachdan. Bidh luachan co-roinnte a’ stiùireadh ar n-obrach agus a’ leantainn gu builean adhartach do chloinn. Far a bheil feum air, bidh luchd-obrach air an clàradh le buidheann phroifeasanta agus a’ leantainn nan còdan cleachdaidh aca gu h-èifeachdach.
Sgilean, eòlas agus luachan luchd-obrach a tha 'lag'
Tha droch bhuaidh air càileachd nam builean agus nan eòlasan do chloinn is do theaghlaichean leis nach eil sinn a’ gabhail pàirt ann an ionnsachadh proifeasanta gus ar cleachdadh a leasachadh, no air ar comasachadh gus sin a dhèanamh.
Far a bheil feumalachdan ionnsachaidh air an comharrachadh, chan eil iad air an toirt air adhart gu h-iomlan. Tha seo ag adhbhrachadh bheàrnan anns an eòlas agus na sgilean proifeasanta againn, a bheir droch bhuaidh air eòlasan chloinne.
Far a bheil eòlas iomchaidh aig luchd-obrach, chan eil seo air a cho-roinn gu h-èifeachdach air feadh an sgioba. Chan eil còmhradh proifeasanta ann gus taic a thoirt do leasachadh is ionnsachadh a chèile. Mar thoradh air sin, chan eil clann a’ faighinn buannachd bho eòlas is sgilean co-roinnte san sgioba.
Chan eil sinn a’ tuigsinn gu h-iomlan ar dleastanas a thaobh clàradh proifeasanta a chumail an àrd. Far a bheil feum air clàradh le buidhnean proifeasanta, chan eil e iomlan/slàn no dh’fhaodadh gun tèid a leigeil seachad. Is dòcha nach toir luchd-obrach aire gu leòr do na còdan cleachdaidh nan obair. Tha droch bhuaidh aig seo air càileachd eòlasan chloinne, a’ meudachadh chunnartan agus a’ lughdachadh earbsa anns an t-seirbheis againn.
Eisimpleirean airson cur an sàs luchd-obrach
Cur an sàs luchd-obrach a tha 'glè mhath'
Tha luchd-stiùiridh fosgailte agus onarach mu cho-dhùnaidhean a thaobh luchd-obrach. Bidh iad a’ dèanamh feum fìor èifeachdach den eòlas agus na sgilean eadar-mheasgte aig an sgioba-obrach gus dèanamh cinnteach gum bi clann a’ faighinn ionnsachadh is cùram sàbhailte agus freagairteach.
Tha rèiteachaidhean ann gus leantainneachd chùraim a bhith ann tron latha, tron t-seachdain agus tron eòlas thràth-ionnsachaidh agus cùruim do chloinn uile, a’ dèanamh cinnteach à deagh eadar-ghluasadan agus conaltradh le teaghlaichean. Gus dèanamh cinnteach gu bheil seo cunbhalach, tha amannan fois air an dealbhadh gus buaidh air clann a lughdachadh ach aig an aon àm leigeil le luchd-obrach fois a ghabhail.
Bidh luchd-obrach a’ conaltradh gu math, tha iad sùbailte agus a’ toirt taic dha chèile. Bidh sinn ag obair mar sgioba gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach gan cur an sàs gu h-èifeachdach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach à sàr eòlasan agus builean do chloinn. Bidh dòighean-obrach airson cur an sàs luchd-obrach a’ dèanamh cinnteach gu bheil an ìre iomchaidh de thaic aig luchd-obrach ùr no neo-eòlach bho cho-obraichean eòlach. Leigidh seo leinn sgilean agus eòlas a cho-roinn air feadh an sgioba agus a bhith misneachail gu bheil sinn ag obair gu math còmhla.
Bidh rèiteachaidhean airson neo-làthaireachd luchd-obrach, an dà chuid air an dealbhadh agus gun dealbhadh, a’ cur na buaidh as lugha air clann. Bidh clann air an ullachadh ro-làimh airson neo-làthaireachd a’ phrìomh neach-obrach aca, far a bheil sin comasach.
Cur an sàs luchd-obrach a tha 'lag'
Chan eil sinn a’ faireachdainn gun urrainn dhuinn cùisean no draghan a thogail mu shàbhailteachd is sunnd chloinne mar thoradh air co-dhùnaidhean mu chur an sàs luchd-obrach. Chan eil sinn a’ gabhail uallach airson bheàrnan sam bith anns an sgioba-obrach a shoilleireachadh agus tha cothroman leasachaidh air an call.
Tha conaltradh agus obair-sgioba eadarainn gann, agus tha sin ag adhbhrachadh bheàrnan ann an eadar-obrachadh agus stiùireadh chloinne tron latha. Tha an dìth sùbailteachd agus taic air feadh an sgioba-obrach a’ cur bacadh mòr air càileachd eòlasan agus builean do chloinn. Chan eil misneachd againn bruidhinn mu mhearachdan, agus dh’fhaodadh seo cron a dhèanamh air cloinn.
Chan eil na rèiteachaidhean againn airson amannan nas trainge den latha èifeachdach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn coinneachadh gu h-iomlan ri feumalachdan chloinne. Bidh obair a’ fàs stèidhichte air gnìomhan seach chothroman airson deagh chom-pàirteachadh agus eadar-obrachadh. Chan eil sinn an-còmhnaidh a’ faighinn fois gu leòr no bidh sinn a’ gabhail fois aig àm nuair a tha feum air barrachd aire a ghabhail air clann, leithid aig àm bìdh.
Tha cleachdaidhean is eòlasan chloinne air an cur bun-os-cionn leis gu bheil droch riaghladh air na h-ullaichidhean airson neo-làthaireachd dhealbhaichte. Chan eileas ag innse do chloinn is teaghlaichean an-còmhnaidh cuin a bhios luchd-obrach dheth agus chan eil iad air an ullachadh airson luchd-obrach sealach, no air aithne a chur orra.
Ceistean dùbhlain airson sgilean, eòlas, luachan agus cur an sàs luchd-obrach
Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:
-
Ciamar a chleachdas sinn fèin-luachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas agus na sgilean iomchaidh aig luchd-obrach gus taic a thoirt do chloinn gus a bhith cho math ’s as urrainn dhaibh a bhith
-
Dè cho math ’s a tha ionnsachadh proifeasanta a’ toirt deagh bhuaidh air builean chloinne agus ciamar?
-
Ciamar a thogas sinn air sgilean agus ùidhean fa leth a bhios a’ leantainn gu leasachaidhean airson clann?
-
Ciamar a bhios sinn a’ com-pàirteachadh le, agus a’ brosnachadh ceannardas aig gach ìre?
-
Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ meudachadh chothroman do luchd-obrach a bhith ag obair agus ag ionnsachadh còmhla?
-
Dè na dòighean-obrach a bhios sinn a’ cleachdadh a thaobh ghnìomhan gus dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ faighinn taic fad an latha?
-
Ciamar a choinnicheas cleachdadh luchd-obrach ri feumalachdan chùraim is taice gach pàiste fa leth tron t-seisean?
-
Ciamar a bhrosnaicheas sinn deagh fheallsanachd agus a bheir sinn taic do shunnd luchd-obrach?
-
Ciamar a tha fios againn gu bheil e a’ còrdadh ri luchd-obrach a bhith ag obair an seo agus a’ faireachdainn gu bheil iad an sàs ann an sgioba èifeachdach?
-
Ciamar a bhios sinn a’ beachdachadh air sunnd luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ toirt seachad cùram sàbhailte is àrd-inbhe agus na builean as fheàrr do chloinn?