Cluich, ionnsachadh agus leasachadh
’S e comharradh càileachd Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim a th’ ann an cluich, ionnsachadh agus leasachadh. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh. Tha eisimpleirean de chluich, ionnsachadh agus leasachadh rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean luchd-airich-chloinne agus cùram-cloinne aois sgoile.
Cuspairean airson cluich, ionnsachadh agus leasachadh
Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:
- com-pàirteachadh chloinne
- càileachd eadar-obrachaidhean
- dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste
Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo
Tha an comharra càileachd seo ag amas air còir chloinne air cluich, a’ cur cuideam air a bhith a’ faighinn spòrs, toileachas agus sàr eòlasan cluiche is ionnsachaidh a-staigh agus a-muigh. Tha e riatanach gum bi clann an sàs gu brìoghmhor agus gu gnìomhach ann a bhith a’ stiùireadh an cluiche is an ionnsachaidh fhèin.
Tha dùil gum bi tuigse aig luchd-obrach air mar a chuidicheas cluiche clann le bhith a’ leasachadh sgilean airson beatha is ionnsachadh. Bu chòir do dh’eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean a bhith a’ neartachadh chluich is ionnsachadh gu soirbheachail, a’ toirt aire do dh’fheumalachdan, ùidhean agus leasachadh fa leth gach pàiste. Bu chòir do chloinn adhartas seasmhach a dhèanamh nan ionnsachadh tro dhòighean dealbhaidh freagairteach.
Tha an comharra a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha e do luchd-obrach a bhith a’ cleachdadh beachd-sùla gu h-èifeachdach gus eòlas, tuigse, sgilean agus coileanadh chloinne aithneachadh agus a leudachadh. Bu chòir sin na h-ath cheumannan ann an dealbhadh fhiosrachadh, gus taic a thoirt do leasachadh, ionnsachadh agus sunnd cloinne. Bheir seo comas dhaibh adhartas math a dhèanamh. Bu chòir do luchd-obrach a bhith an sàs gu sgileil ann an sàr eadar-obrachaidhean, air an stiùireadh leis a’ chloinn agus ceasnachadh a tha iomchaidh do leasachadh a’ phàiste a neartaicheas agus a leudaicheas smaoineachadh chloinne. Tha clann air an cuideachadh gus na coileanaidhean aca aithneachadh, a mhealtainn agus a chomharrachadh.
Eisimpleirean airson com-pàirteachadh chloinne
Com-pàirteachadh chloinne a tha 'glè mhath'
Tha tuigse làidir againn air mar a bhios clann a’ leasachadh, ag ionnsachadh agus a’ leantainn air adhart. Bidh ar luchd-obrach a’ cleachdadh teòiridh is cleachdaidhean buntainneach gu sgileil. Tha seo gan cuideachadh a’ lìbhrigeadh sàr eòlasan cluiche a bhios a’ brosnachadh is a’ cumhachdachadh com-pàirteachaidh chloinne fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh. Tha clann soirbheachail, ciallach agus misneachail nan cluich mar thoradh air na sàr eòlasan a tha sinn a’ tabhann. Tha iad air am brosnachadh gu mòr agus a’ làn chom-pàirteachadh ann an raon de dh’eòlasan beairteach, dùbhlanach, dealbhaichte agus freagairteach, a-staigh agus a-muigh.
Bidh innleachd agus dòighean-obrach cruthachail a tha air an deagh dhealbhadh, a’ brosnachadh mac-meanmna chloinne gu soirbheachail agus a’ neartachadh an cluiche is an ionnsachaidh. Tha raon farsaing de sgilean, a’ gabhail a-steach cànan, litearrachd agus àireamhachd, air an neartachadh tro chothromachadh mar eadar-obrachaidhean air an stiùireadh le clann is inbhich, agus eòlasan cluiche. A bharrachd air sin, thathar a’ beachdachadh air mar as urrainn do chloinn an ionnsachadh a dhoimhneachadh le, agus tro, theicneòlas didseatach.
Bidh sinn ag obair gu h-èifeachdach le teaghlaichean gus an cuideachadh a’ tuigsinn nam buannachdan a gheibh clann bho eòlasan ionnsachaidh stèidhichte air cluich a bheir dùbhlan agus toileachas dhaibh. Bidh an dòigh-obrach seo a’ brosnachadh leasachadh earbsa agus co-obrachaidh, a tha a’ toirt taic do shunnd is leasachadh chloinne agus a’ toirt chothroman dhaibh soirbheachadh.
Bidh clann a’ dèanamh roghainnean fiosraichte mu dheidhinn an cluiche is an ionnsachaidh ann an àrainneachd chruthachail a bheir dùbhlan is comas dhaibh. Bheir sinn dhaibh an ùine, an t-àite agus an taic a dh’fheumas iad gus co-dhùnaidhean a dhèanamh agus an guth a chleachdadh. Tha sinn sgileil ann a bhith a’ cleachdadh sàr eadar-obrachaidhean, àitichean agus eòlasan gus ùidhean chloinne a leudachadh agus a chumail suas.
Com-pàirteachadh chloinne a tha 'lag'
Chan eil mòran chothroman aig clann airson an cluich a stiùireadh. Tha seo a’ cur bacadh air an ionnsachadh agus an leasachadh. Chan eil mòran ann a chuireas dùbhlan air, no a bhrosnaicheas, mac-meanmna agus feòrachas chloinne, no a bhrosnaicheas iad gus na beachdan aca a rannsachadh.
Chan eil ar tuigse air cluich fo stiùir cloinne air a leasachadh gu leòr. Chan eil feumalachdan leasachaidh fa leth chloinne agus na h-ùidhean aca air an nochdadh ann an eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean. Mar thoradh air sin, chan eil clann a’ com-pàirteachadh. Bidh iad a’ call chothroman airson ionnsachadh, misneachd a thogail agus roghainnean a dhèanamh. Mar sin, chan eil ùidh agus brosnachadh aig cloinn agus is dòcha gum bi iad a’ fàs leamh, troimh-chèile no sàraichte.
Chan eil mòran chothroman aig cloinn ceangail a dhèanamh ris a’ choimhearsnachd aca fhèin no a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Tha seo a’ cuingealachadh ruigsinneachd air raon farsaing de ghoireasan agus eòlasan gus na cothroman cluiche is leasachaidh aca a thoirt air adhart.
Eisimpleirean airson eadar-obrachaidhean de dheagh chàileachd
Càileachd eadar-obrachaidhean a tha 'glè mhath
Le beachd-sùla cùramach, is urrainn dhuinn ùidhean chloinne a mhìneachadh agus cothroman a lìbhrigeadh an smaoineachadh a leudachadh gun a bhith a’ stiùireadh an cluiche. Bidh sinn a’ cleachdadh measgachadh de dhòighean-obrach gus freagairt ri sanasan bho chloinn airson taic a thoirt do leasachadh fèin-riaghlaidh, co-fhaireachdainn, misneachd, cruthachalachd agus feòrachas.
Bidh eadar-obrachaidhean freagairteach agus coibhneil a’ toirt taic do leasachadh conaltraidh, cànain, gluasaid agus sòisealta tro bhith a’ modaileadh nan sgilean sin gu h-èifeachdach. Bidh sinn a’ toirt taic do chloinn le bhith a’ cleachdadh bhun-bheachdan leithid smaoineachadh co-roinnte leantainneach, ag innse ar beachdachaidh, ceasnachadh iomchaidh a thaobh leasachadh a’ phàiste, a’ toirt seachad barail, a’ leudachadh agus a’ mìneachadh. Tha sinn a’ tuigsinn gur e dòigh luachmhor a th’ ann an eadar-obrachadh agus rannsachadh le cloinn airson briathrachas a leudachadh, agus tuigse agus faireachdainn de dh’iongnadh agus de thoileachas mun t-saoghal a bhrosnachadh. Bidh sinn a’ dèanamh nan ath cheumannan comasach agus a’ moladh chloinne airson rudan fheuchainn.
Bidh cothroman iomchaidh tric aig ar cloinn airson an sgilean smaoineachaidh agus fuasgladh-cheistean a leasachadh tro chluich mac-meanmnach agus tro sgeulachdan innse. Bidh seo a’ cuideachadh chloinne gus an smaoineachadh fhèin a leudachadh, sgilean ùra a chleachdadh agus an ionnsachadh a dhaingneachadh ann an dòighean a tha brìoghmhor dhaibh.
Bidh sinn a’ toirt cothrom do chloinn cluich agus ionnsachadh aig an astar fhèin, a’ faighinn spòrs fhad ’s a bhios iad a’ rannsachadh an t-saoghail mun cuairt orra. Bidh sinn a’ gabhail ùine gus tuigse fhaighinn air conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach chloinne a chuidicheas sinn gus breithneachadh cuin a bu chòir dhuinn eadar-obrachadh agus cuin a bu chòir dhuinn feitheamh agus coimhead. Bidh sinn a’ brosnachadh eadar-obrachadh chloinne le chèile, ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha clann eile ann a bhith a’ neartachadh cluich. Leigidh seo le clann a’ chuid as fheàrr fhaighinn às na h-eadar-obrachaidhean agus na dh’fhiosraich iad.
Càileachd eadar-obrachaidhean a tha 'lag'
Chan eil ar luchd-obrach a’ sealltainn tuigse air mar a bhios clann ag ionnsachadh agus a’ leasachadh, no na ro-innleachdan taice a chuidicheas clann gus ionnsachadh fhad ’s a bhios iad a’ cluich. Chan eil blàths anns na h-eadar-obrachaidhean agus na còmhraidhean le cloinn, no tha iad an-còmhnaidh a’ stiùireadh na cloinne, agus chan eil iad a’ togail air an tèarainteachd fhaireachdainnean no na h-ùidhean aca.
Chan eil sinn a’ comharrachadh sanasan conaltraidh is cànain tràth chloinne agus chan eil sinn a’ toirt taic don dòigh conaltraidh as fheàrr leotha. Tha seo ag adhbhrachadh gum bi cothroman air chall do chloinn adhartas a dhèanamh aig an astar fhèin agus faodaidh e ciallachadh gum bi clann diùid, troimh-a-chèile no air an sàrachadh.
Chan eil sinn a’ cur fòcas air a’ chloinn rè eadar-obrachadh agus chan eil sinn a’ tuigsinn agus a’ cur luach air smuaintean agus pròiseasan chloinne rè cluich. Bidh sinn a’ cur fòcas cumhang air dìreach eileamaid no dhà de dh’ionnsachadh chloinne, agus chan eil sinn a’ nochdadh dealbh fhìor, iomlanach de leasachadh gach pàiste agus nan coileanaidhean aca. Chan eil clann a’ faighinn làn thaic gus an cluich agus an ionnsachadh a leudachadh, agus gu tric chan eil am feum air taic, misneachd no eadar-theachd air a thoirt fa-near.
Eisimpleirean airson dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste
Dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste a tha 'glè mhath'
Tha clann aig cridhe gach dealbhaidh. Tha sinn sgileil ann a bhith ag aithneachadh nan diofar ìrean ann an cluich is ionnsachadh chloinne agus thathar a’ beachdachadh orra sin gu mionaideach nuair a thathar a’ dealbhadh eòlasan is chothroman ùra. Bidh sinn a’ cleachdadh beachd-sùla air pàtrain cluiche fa leth chloinne gus an ionnsachadh a dhealbhadh, a chumail suas, dùbhlan a thoirt dha agus a leudachadh. Leigidh seo le cloinn adhartas a dhèanamh aig an astar fhèin.
Tha clann air am brosnachadh gu mòr agus a’ làn chom-pàirteachadh san raon de chothroman cluiche is ionnsachaidh beairteach, dùbhlanach, a tha air an tabhann tro chothromachadh de dhealbhadh rùnach agus freagairteach. Tha eòlasan a’ nochdadh beachdan, miannan, ceistean agus ath cheumannan brìoghmhor chloinne nan ionnsachadh.
Bidh beachd-sùla cùramach agus measadh èifeachdach ag aithneachadh agus a’ brosnachadh adhartas agus coileanaidhean chloinne. Thèid feum air taic sam bith a bharrachd a chomharrachadh, a dhealbhadh agus a chur an gnìomh. Tha an dòigh-obrach againn a tha air leth freagairteach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ leasachadh raon farsaing de dh’eòlas, tuigse agus sgilean airson beatha agus ionnsachadh.
Bidh sinn ag obair còmhla ri clann, teaghlaichean agus com-pàirtichean, ag iarraidh orra an eòlas a cho-roinn. Bidh seo a’ neartachadh ar tuigse agus ar dealbhaidh airson turas-ionnsachaidh gach pàiste. Bidh sinn a’ roinn naidheachdan air adhartas chloinne agus a’ comharrachadh an soirbheachaidh agus an coileanaidh gu cunbhalach.
Dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste a tha 'lag'
Bidh sinn a’ call chothroman cudromach airson beachd-sùla a ghabhail air cloinn agus am measadh fhad ’s a tha iad a’ cluich. Tha seo ag adhbhrachadh bheàrnan nar tuigse air nas urrainn dhaibh a dhèanamh, na h-ùidhean aca agus mar a tha iad a’ leasachadh. Cha bhi sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a bhios teaghlaichean agus com-pàirtichean a’ toirt dhuinn. Tha seo ga dhèanamh duilich dealbhadh gu h-èifeachdach gus coinneachadh ri feumalachdan agus ùidhean sònraichte gach pàiste, a’ gabhail a-steach taic sam bith a bharrachd a tha a dhìth. Mar thoradh air sin, chan eil cuid de chloinn a’ faighinn nan cothroman ionnsachaidh ceart tro chluich agus chan eil dùbhlan ga thoirt dhaibh aig an ìre cheart.
Tha na dòighean-obrach againn gann no neo-chunbhalach airson adhartas agus coileanadh chloinne a mheasadh, agus airson am fiosrachadh seo a chleachdadh gus na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh a dhealbhadh. Chan eil am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh air a phearsanachadh no air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus na h-àitichean, na h-eòlasan agus na h-eadar-obrachaidhean a dh’fheumas gach pàiste airson soirbheachadh, a dhealbhadh.
Tha beachd-sùla air cloinn neo-chunbhalach agus chan eil e a’ ceangal ri ùidhean fa leth chloinne no an ìre cluiche is ionnsachaidh aig a bheil iad. Tha seo ag adhbhrachadh dìth tuigse air adhartas thar ùine. Chan eil teaghlaichean an sàs no a’ faighinn fiosrachadh àrd-inbhe mu ionnsachadh an cuid chloinne, agus tha seo ag adhbhrachadh dìth cunbhalachd agus leantainneachd.
Ceistean dùbhlain airson cluich, ionnsachadh agus leasachadh
Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:
-
Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do agus a’ brosnachadh feòrachas nàdarra, cruthachalachd agus fuasgladh-cheistean chloinne?
-
Dè na dòighean a chleachdas sinn gus sgilean chloinne adhartachadh thar farsaingeachd de raointean, leithid leasachadh fhaireachdainnean is sòisealta, sgilean a tha a’ tighinn am bàrr ann an cànan, litearrachd agus àireamhachd?
-
Ciamar as urrainnear taic a thoirt do chloinn gus misneachd a bhith aca ann a bhith a’ stiùireadh an ionnsachaidh fhèin?
-
Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil sinn a’ cumail suas ris an teòiridh bhuntainnich agus a’ sealltainn mar a tha ar tuigse air leasachadh chloinne a’ toirt taic do dh’eòlasan cluiche is ionnsachaidh àrd-inbhe?
-
Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil ar dòigh-obrach a thaobh feumalachdan chloinne ag aithneachadh smuaintean agus faireachdainnean neo-eisimeileach chloinne mar dhaoine fa leth?
-
Ciamar a bhios sinn a’ cur taic ri cloinn gus an sgilean smaoineachaidh agus fuasgladh-cheistean a leasachadh?
-
Dè cho math ’s a bhios sinn a’ toirt taic do luchd-obrach ann a bhith a’ coileanadh an dreuchd a thaobh dealbhadh agus a’ luachadh adhartas chloinne?
-
Dè cho èifeachdach ’s a tha na pròiseasan againn airson leasachadh, adhartas agus coileanaidhean chloinne a luachadh? Dè cho math ’s a tha am fiosrachadh seo a chruinnicheas sinn mu adhartas chloinne a’ toirt buaidh air ar dealbhadh agus ar n-aithris do phàrantan/luchd-cùraim agus eile?
-
Ciamar a chuireas sinn cothroman am meud do chloinn a bhith air an cur fo dhùbhlan, cruthachail agus an sàs nan cluich is nan ionnsachadh?