Cùram agus taic altraim

’S e comharradh càileachd Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim a th’ ann an cùram agus taic altraim. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh. Tha eisimpleirean de chùram agus taic altraim rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean luchd-airich-chloinne agus cùram-cloinne aois sgoile.

Cuspairean airson cùram agus taic altraim

Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:

  • cùram altraim
  • dealbhadh pearsanta
  • co-cheangal le teaghlaichean

Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo

Tha an comharra seo ag amas air cho math ’s a tha clann air an altram, agus a’ faighinn cùram agus taic. Tha cleachdaidhean cùraim is ionnsachaidh air an dealbhadh airson gach pàiste fa leth gus coinneachadh ris na feumalachdan aca agus bu chòir an lìbhrigeadh le caoimhneas agus co-fhaireachdainn.

Tha fòcas air dealbhadh pearsanta a tha a’ nochdadh fheumalachdan iomlanach gach pàiste, a’ brosnachadh an sunnd agus a’ toirt taic do dheagh bhuilean. Tha an comharra seo a’ nochdadh gum feum clann agus an teaghlaichean a thoirt a-steach ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mun chùram agus taic. Feumar beachdachadh gu faiceallach air clann a tha a’ gluasad eadar diofar àitichean agus suidheachaidhean gus dèanamh cinnteach mu chùram sàbhailte agus taiceil.

Tha an comharra seo a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha e ceangal a dhèanamh ri cloinn agus an teaghlaichean. Bu chòir do luchd-obrach àrainneachd fhàilteachail a chruthachadh agus beachdachadh air suidheachaidhean sònraichte gach pàiste gus dèanamh cinnteach à eadar-ghluasadan rèidh agus eòlasan adhartach. Faodaidh fìor dheagh bhuaidh a bhith aig ceanglaichean làidir a bhrosnachadh le teaghlaichean air sunnd pàiste.

Eisimpleirean airson cùram altraim

Cùram altraim a tha 'glè mhath'

Tha ar cleachdadh stèidhichte air an tuigse gu bheil dàimhean altraim riatanach airson fàs is leasachadh chloinne. Bidh clann a’ faighinn cùram blàth, cunbhalach agus freagairteach a bhrosnaicheas an sunnd. Tha iad sàbhailte, a’ faighinn cùram mothachail agus air an cuideachadh gu sgileil gus na feumalachdan aca a chur an cèill.

Tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha eadar-ghluasadan taiceil agus a’ tuigsinn gum faod an cudromachd atharrachadh bho phàiste gu pàiste. Bidh sinn gu cunbhalach a’ measadh feumalachdan fa leth gach pàiste agus a’ luachadh èifeachdas ar ro-innleachdan eadar-ghluasaid. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach mu dhàimhean cunbhalach gus taic a thoirt do dh’eadar-ghluasadan rèidh agus gus cùram is eòlasan ionnsachaidh chloinne a chumail cunbhalach. Air ar stiùireadh leis a’ chleachdadh as fheàrr, leithid ‘A’ coileanadh a’ chomais’, bidh sinn a’ luachadh ar dòighean-obrach agus a’ strì an-còmhnaidh ri ar cleachdadh a leasachadh. Tha buaidh mhath aig na diofar bhuidhnean aoise san t-suidheachadh air eadar-ghluasadan oir bidh clann nas sine air am brosnachadh gus fàilte a chur air cloinn nas òige no nas ùire, taic a thoirt dhaibh agus an stiùireadh.

Tha spèis ga thoirt do phrìobhaideachd agus urram chloinne. Bidh sinn a’ cothromachadh brosnachadh neo-eisimeileachd chloinne le bhith a’ toirt taic dhaibh far a bheil feum air. Bidh sinn an-còmhnaidh a’ meòrachadh air ar cleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil e a rèir atharrachadh ann am feumalachdan agus leasachadh chloinne. Bidh sinn a’ cruthachadh àitichean eadar-mheasgte a tha a’ toirt taic do chloinn gus aithne a chur air a chèile, cluich ann am buidhnean beaga no leotha fhèin ma thogras iad. Bidh seo a’ toirt buaidh mhath air comas ar cloinne na faireachdainnean aca a riaghladh agus sgilean sòisealta a thogail.

Tha roghainnean bìdh chloinne beathachail, iomchaidh a thaobh cultar agus air an ullachadh gu sàbhailte gus dèiligeadh ri feumalachdan bìdh sònraichte, aileirdsidhean no neo-fhulangas. Tha iad a rèir stiùiridhean bìdh làithreach a’ gabhail a-steach stiùireadh mu bhiadh ann an suidheachaidhean tràth-ìrean ‘A’ seatadh a’ bhuird’ agus ‘Biadh a cunntais’. Tha deoch uisge ri fhaighinn gu furasta tron latha. Tha sinn a’ meas chleachdaidhean làitheil, leithid àm bìdh, mar chothroman luachmhor gus com-pàirteachadh agus neo-eisimeileachd chloinne a bhrosnachadh agus cur ris na h-eòlasan aca.

Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil cunbhalachd ann a thaobh cò a bheir cùram is taic do phàiste agus mar a thèid a lìbhrigeadh. Bidh cunbhalachd ann an cleachdaidhean leithid àm bìdh, àm norraig is cùram pearsanta a’ toirt faireachdainn sàbhailteachd is tèarainteachd do ar cloinn. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil na cleachdaidhean làitheil seo nan deagh chothroman airson ceangal a dhèanamh ri cloinn agus taic a thoirt don fhàs is an leasachadh aca. Bidh sinn ag obair gu dlùth le teaghlaichean agus, nuair a tha e iomchaidh, le clann gus cungaidhean-leigheis a thoirt dhaibh gu sàbhailte. Tha sinn dealasach a thaobh sàbhailteachd gach pàiste agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil na dòighean cùraim is taice againn a rèir nan cleachdaidhean, an stiùiridh agus na poileasaidhean as fheàrr a th’ againn an-dràsta.

Cùram altraim a tha 'lag'

Chan eil sinn a’ freagairt gu h-iomchaidh ri conaltradh labhairteach is neo-labhairteach chloinne. Faodaidh nàdar cabhagach nan eadar-obrachaidhean againn leantainn gu tòna is dòigh-obrach a tha a’ dol an aghaidh feumalachdan chloinne. Bidh seo gu tric ag adhbhrachadh nach eil clann a’ sireadh cofhurtachd no taic bhon luchd-obrach, rud a tha dona airson an sunnd.

Tha ar dòigh-obrach rag a thaobh chleachdaidhean làitheil a’ cuingealachadh cothroman chloinne misneachd a thogail agus fàs tro na dh’fhiosraicheas iad fhèin. Chan eil ro-innleachdan airson eadar-ghluasadan rèidh air an leasachadh no air an luachadh agus chan eil iad a’ coinneachadh ri feumalachdan chloinne fa leth. Chan eil iad an sàs gu gnìomhach ann a bhith a’ dealbhadh nan cleachdaidhean no eòlasan a bhios sinn a’ tabhann, agus gu tric bidh na roghainnean agus na feumalachdan aca air an dearmad.

Bidh atharrachaidhean tric air rèiteachaidhean luchd-obrach a’ cur cleachdaidhean chloinne troimh-a-chèile agus a’ cruthachadh faireachdainn de neo-sheasmhachd. Tha na h-atharrachaidhean tric duilich do chuid de chloinn, agus chan eil an ùine no na goireasan againn gus taic a thoirt dhaibh. Bidh seo gu tric ag adhbhrachadh gum bi clann mì-chinnteach no ann an èiginn airson ùine mhòr.

Chan eil roghainnean bìdh fallain. Cha bhi sinn a’ dealbhadh biadh is greimean-bìdh a rèir an stiùireadh beathachaidh làithreach. Chan eil tuigse gu leòr againn air feumalachdan chultarail is bìdh fa leth chloinne, agus mar sin tha e duilich an cumail sàbhailte agus spèis iomchaidh a thoirt dhaibh.

Nuair a bhios biadh no greimean-bìdh air an toirt seachad, chan eil mòran com-pàirt aig cloinn ann an dealbhadh no ullachadh. Aig àm bìdh, bidh aire luchd-obrach air gnìomhan, seach sùil a chumail air clann agus eadar-obrachadh leotha gus an eòlas a leasachadh agus an cumail sàbhailte.

Tha sinn a’ cuingealachadh cothrom chloinne air uisge òl. Chan eil sinn a’ tuigsinn nan comharraidhean a sheallas gur mathaid gum feum pàiste deoch uisge. Chan eil luchd-obrach a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e clann a chuideachadh a’ faighinn uisge gu leòr.

Eisimpleirean airson dealbhadh pearsanta

Dealbhadh pearsanta a tha 'glè mhath'

Tha sunnd chloinne air a chumail suas tro dhealbhadh pearsanta èifeachdach. Tha a h-uile pàiste, ge bith dè na feartan pearsanta aca, air an aithneachadh mar dhaoine comasach, ionmhainn a tha a’ faighinn èisteachd agus urram. Bidh planaichean pearsanta a’ brosnachadh còraichean chloinne agus a’ cur luach air gach pàiste fa leth agus an teaghlach.

Tha planaichean pearsanta air an dèanamh freagarrach do neartan, feumalachdan agus ùidhean gach pàiste. Bidh sinn a’ cruthachadh phlanaichean brìoghmhor le clann agus gan ath-sgrùdadh gu cunbhalach gus dèanamh cinnteach gu bheil na planaichean freagarrach agus taiceil.

Bidh sinn ag obair gu gnìomhach le clann, teaghlaichean agus proifeiseantaich eile gus feumalachdan taice a chomharrachadh agus tha ro-innleachdan soilleir againn gus dèanamh cinnteach gu bheil sunnd chloinne air a chumail suas. Nuair a dh’fheumas pàiste taic bho iomadh buidheann, bidh proifeiseantaich eile a’ cur ri planaichean pearsanta chloinne. Tha plana pearsanta gach pàiste so-ruigsinneach, sùbailte agus tha ro-innleachdan ann airson cùram, taic agus dìon, mar a dh’fheumar.

Tha an dòigh-obrach againn a thaobh dealbhadh pearsanta a’ beachdachadh air stiùiridhean deagh chleachdaidh agus tha e stèidhichte air frèam-obrach ‘Ga fhaighinn ceart airson gach leanaibh’ (GIRFEC), a’ cleachdadh comharran sunnd gus sunnd iomlan chloinne a mheasadh agus a dhealbhadh. Tha na comharran a’ toirt dhuinn cànan cumanta airson neartan, feumalachdan agus adhartas chloinne a mheasadh agus a dheasbad le teaghlaichean agus proifeiseantaich eile.

Bidh dòigh-obrach a tha ag amas air a’ phàiste a’ stiùireadh ar ro-innleachdan airson eadar-ghluasad. Bidh sinn a’ cur chloinne is teaghlaichean aig cridhe pròiseas co-dhùnaidh sam bith. Tha seo a’ gabhail a-steach cuin a thòisicheas pàiste san t-seirbheis againn no a ghluaiseas iad eadar seirbheisean. Tha fiosrachadh, a bheir taic do leantainneachd agus adhartas ann an cùram is taic pàiste, air a cho-roinn gu h-iomchaidh, gu tèarainte, agus ann an deagh àm. Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh dhòighean-obrach sùbailte a tha air an dealbhadh gu math gus leigeil le clann a bhith a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte le atharrachaidhean sam bith.

Dealbhadh pearsanta a tha 'lag'

Chan eil planaichean pearsanta a rèir cloinn fa leth, no brìoghmhor, agus chan eil iad gar cuideachadh gu h-èifeachdach gus coinneachadh ri feumalachdan gach pàiste. Chan eil clann a dh’fheumas taic a bharrachd, ge bith an ann san ùine ghoirid no san fhad-ùine, a’ faighinn cùram iomchaidh. Dh’fhaodadh seo droch bhuaidh a thoirt air leasachadh chloinne.

Bidh sinn a’ cur cus cuideim air na rudan nach urrainn do chloinn a dhèanamh agus chan eil sinn a’ toirt mòran aire do na neartan agus na h-ùidhean aca, agus tha sin a’ leantainn gu amasan agus ro-innleachdan taice mì-reusanta agus neo-èifeachdach.

Tha cothroman air obrachadh còmhla ri proifeiseantaich eile gus deagh bhuilean a choileanadh do chloinn, air an call. Nuair a bhios sinn a’ co-obrachadh, cha bhi sinn a’ co-roinn fiosrachadh gu h-èifeachdach, ag ùrachadh phlanaichean sgrìobhte chloinne no a’ leasachadh an cùraim. Tha seo a’ toirt droch bhuaidh air cunbhalachd agus càileachd a’ chùraim agus na taice a bheir sinn seachad.

Chan eil planaichean pearsanta a’ gèilleadh ri stiùireadh no reachdas nàiseanta. Chan eil cothroman againn meòrachadh air planaichean pearsanta gus cuideachadh le bhith a’ leasachadh eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean a choinnicheas ri feumalachdan chloinne. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil cothroman air an call gus clann a chur air an socair, a’ faireachdainn comhfhurtail, sàbhailte agus a’ faighinn dùbhlan iomchaidh.

Chan eil dòighean-obrach airson eadar-ghluasad a’ toirt aire do dh’fheumalachdan agus beachdan chloinne is theaghlaichean fa leth. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ call fiosrachadh cudromach gus dealbhadh airson atharrachaidhean sam bith ann an cùram, taic no eòlasan. Mar thoradh air sin bidh cuid de chloinn ann an èiginn no a’ faireachdainn mì-thèarainte.

Chan eil sinn a’ toirt a-steach guthan chloinne is theaghlaichean. Tha seo a’ ciallachadh nach tèid luach a chur air na beachdan aca no an cleachdadh ann a bhith a’ dealbhadh airson clann. Tha seo a’ cur ri dìth leantainneachd agus dìth cunbhalachd ann an cùram is taic chloinne.

Tha droch mì-chunbhalachdan, ann an roinneadh fiosrachaidh agus gleidheadh chlàran, air sàbhailteachd ar cloinne a chur ann an cunnart. Chan eil am fiosrachadh no an t-eòlas riatanach aig luchd-obrach an-còmhnaidh gus clann a chumail sàbhailte, air an altram agus a’ faighinn taic. Tha seo air leantainn gu dearmad, leithid mearachdan ann an àm no dòs cungaidh-leigheis, a’ cur leas chloinne ann an cunnart.

Eisimpleirean airson co-cheangal le teaghlaichean

Co-cheangal le teaghlaichean a tha 'glè mhath'

Tha sinn glè eòlach air ar clann agus ar teaghlaichean. Bidh sinn a’ dèanamh oidhirp mhòr gus àrainneachd bhlàth is fàilteachail a chruthachadh far am bi clann is teaghlaichean a’ faireachdainn gu bheil luach ga chur orra agus gu bheil iad a’ faighinn taic. Tha buaidh mhòr aig na beachdan a gheibhear bhon teaghlach aca air a’ chùram a bheir sinn do chloinn. Tha seo gar cuideachadh gus àitichean a chruthachadh a tha mothachail air cultar, a tha ruigsinneach agus a tha a’ toirt a-steach a h-uile duine.

Bidh na ceanglaichean a th’ againn ri teaghlaichean a’ meudachadh an com-pàirteachaidh anns an t-seirbheis againn, a’ toirt buaidh mhath air càileachd eòlasan chloinne. Bidh sinn a’ toirt aithne dhaibh, ag ionnsachadh bhuapa, agus a’ togail air na neartan a tha teaghlaichean a’ toirt leotha, agus a’ freagairt gu mothachail ri feumalachdan agus suidheachaidhean fa leth. Leigidh an co-obrachadh seo leinn ionnsachadh bho theaghlaichean, taic a thoirt do mhothachadh chloinne orra fhèin, agus dèanamh cinnteach gu bheil an suidheachadh againn fhathast a’ freagairt air na feumalachdan sònraichte aca.

Bidh cothroman cunbhalach aig teaghlaichean beachdachadh air cùram is leasachadh an cuid chloinne, gu neo-fhoirmeil agus gu foirmeil. Tha siostaman againn gus taic a thoirt do chonaltradh le teaghlaichean, ann a labhairt agus sgrìobhadh. Tha sinn ag aithneachadh agus a’ dèiligeadh ri mòran de na cnapan-starra a dh’fhaodadh a dhèanamh duilich do theaghlaichean a bhith an sàs san t-suidheachadh againn.

Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil leasachadh gach pàiste air a chumadh leis an teaghlach, na caraidean, a’ choimhearsnachd agus na h-eòlasan a gheibh iad. Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air teaghlaichean don t-suidheachadh againn gus eòlasan an cuid chloinne a cho-roinn agus gus innse mu chur-seachadan agus ùidhean chloinne taobh a-muigh an t-suidheachaidh againn. Tha seo a’ toirt buaidh mhath air càileachd cùram is taic chloinne, an dà chuid aig an taigh agus san t-suidheachadh.

Co-cheangal le teaghlaichean a tha 'lag'

Chan eil conaltradh le teaghlaichean air a dhealbhadh no air a dhèanamh le adhbhar. Mar thoradh air sin, chan eil mòran fianais ann air a’ bhuaidh air, no na buannachdan do chùram no leasachadh chloinne. Chan eil ar coinneamhan le teaghlaichean a’ cruinneachadh am beachdan air na tha cudromach dhaibh fhèin no don chloinn aca. Is ann ainneamh a bheir sinn freagairtean do dh’iarrtasan airson tuilleadh fiosrachaidh. Mar thoradh air sin, tha mòran theaghlaichean a’ faireachdainn nach eil iad a’ faighinn èisteachd.

Chan eil sinn a’ cur mòran luach air dàimhean earbsach a thogail le teaghlaichean gus sunnd chloinne a leasachadh. Tha cothroman tràtha air freagairt gu h-èifeachdach ri feumalachdan chloinne is theaghlaichean air an call. Tha seo a’ ciallachadh nach eil teaghlaichean an-còmhnaidh air an tuigsinn agus air an làimhseachadh le urram agus spèis. Tha teaghlaichean ag innse dhuinn nach eil iad a’ faireachdainn fàilte nar seirbheis.

Chan eil tuigse gu leòr againn air na neartan agus an t-eòlas a bheir teaghlaichean don t-suidheachadh againn. Chan eil sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a bhios iad a’ toirt dhuinn gus ar cùram agus ar taic do chloinn a stiùireadh. Tha seo a’ cur ri mì-chinnt chloinne agus faodaidh e na h-eòlasan aca a chuingealachadh.

Tha dìth fios-air-ais math air a thoirt do theaghlaichean thar gach taobh de chùram is taic an cuid chloinne. Chan eil mòran eadar-obrachadh neo-fhoirmeil againn le teaghlaichean aig amannan cudromach leithid fàgail is togail chloinne. Tha cothroman airson roinn fiosrachaidh gann. Chan eil sinn gu gnìomhach a’ sireadh dàimhean a thogail le teaghlaichean chloinne. Mar thoradh air sin, tha sinn a’ call chothroman gus clann a chumail sàbhailte agus na h-eòlasan aca a leasachadh.

Ceistean dùbhlain airson cùram agus taic altraim

Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:

  • Dè na cleachdaidhean, na teòiridhean agus an stiùireadh as fheàrr a tha a’ neartachadh ar cùraim agus ar taic do chloinn?

  • Ciamar a bheir ar beachdan-sùla agus ar n-eòlas air pàiste buaidh air cleachdaidhean làitheil?

  • A bheil an dòigh-obrach againn a thaobh eadar-ghluasad a’ cuideachadh clann gus a bhith a’ faireachdainn sàbhailte agus tèarainte? Ciamar a tha fios againn gu bheil an dòigh-obrach againn èifeachdach?

  • Dè na siostaman, na pròiseasan agus na dòighean-obrach a th’ againn gus clann a chumail sàbhailte? Ciamar a tha fios againn gu bheil iad èifeachdach?

  • Dè a dh’fheumas sinn a dhèanamh gus a bhith cinnteach gum bi guthan a h-uile pàiste, labhairteach agus neo-labhairteach, air an cluinntinn agus air am freagairt?

  • Ciamar a tha fios againn gu bheil a h-uile ball den luchd-obrach a’ tuigsinn gu h-iomlan agus a’ cur an gnìomh ar dòighean-obrach a thaobh in-ghabhaltachd, iomadachd agus co-ionannachd?

  • Dè cho math ’s a tha luchd-obrach a’ tuigsinn agus a’ dìon còraichean chloinne is theaghlaichean a tha air eòlas fhaighinn air cùram?

  • Dè a bhios sinn a’ dèanamh gus eòlasan ithe sòisealta is fallain adhartachadh?

  • Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ conaltradh le clann, teaghlaichean agus/no proifeiseantaich chom-pàirteach gus cùram is taic chloinne a dhealbhadh còmhla?

  • Nuair a ruigeas clann agus an teaghlaichean an suidheachadh againn, ciamar a bhios fios againn gu bheil fàilte orra?