Curraicealam
’S e comharradh càileachd Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a th’ ann an curraicealam. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh
Cuspairean airson curraicealam
Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:
- feallsanachd agus dealbhadh a’ churraicealaim
- leantainneachd agus adhartas sa churraicealam
- com-pàirteachasan
- sgilean airson beatha agus ionnsachadh
Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo
Tha an comharra càileachd seo a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha e feumalachdan, ùidhean, còraichean agus adhartas chloinne a chur aig cridhe dealbhadh is cur an gnìomh a’ churraicealaim. Tha curraicealam air a mhìneachadh mar iomlanachd a h-uile rud a tha air a dhealbhadh airson clann bho thràth-ìonnsachadh, tron sgoil-àraich, tron sgoil agus nas fhaide air adhart.
Tha e a’ nochdadh gu bheil clann airidh air curraicealam a tha stèidhichte air prionnsabalan dealbhadh curraicealaim agus air a neartachadh tro eòlasan ionnsachaidh brìoghmhor a-staigh, a-muigh agus anns a’ choimhearsnachd. Tha e ag aithneachadh gum feum a h-uile pàiste cothroman gus na h-ùidhean, an t-eòlas, na sgilean agus na feartan riatanach aca a leasachadh gus atharrachadh, soirbheachadh agus coileanadh ann an saoghal an latha an-diugh. Tha an comharra càileachd seo cuideachd ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi an curraicealam a’ toirt taic do dh’adhartas ann an ionnsachadh chloinne nuair a thòisicheas iad san t-suidheachadh agus aig prìomh amannan eadar-ghluasaid.
Eisimpleirean airson feallsanachd agus dealbhadh a’ churraicealaim
Feallsanachd agus dealbhadh a’ churraicealaim a tha 'glè mhath'
Tha ar curraicealam àrd-amasach, iomlanach agus stèidhichte air dàimhean earbsach is beathachail. Bidh e a’ brosnachadh agus a’ cumail suas còraichean na cloinne a rèir Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne. Bidh stiùireadh ionadail is nàiseanta agus rannsachadh làithreach stèidhichte air fianais, a’ toirt buaidh oirnn agus gar fiosrachadh fhad ’s a bhios sinn ag ath-sgrùdadh agus ag ùrachadh dòighean-obrach ar curraicealaim.
Tha an dòigh-obrach chruthachail is fhreagairteach againn a thaobh dealbhadh a’ churraicealaim a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-ionnsachadh ùr-nodha agus gnìomhach. Tha e a’ toirt taic do chloinn gus am faigh iad an còir air curraicealam farsaing a tha air a chothromachadh. Tha ionnsachadh a-muigh na phàirt luachmhor is freumhaichte de dhealbhadh ar curraicealaim. Tha e a’ tabhann chothroman beairteach airson ceasnachadh, rannsachadh agus sunnd, agus tha e air a dhealbhadh, mean air mhean, gus taic a thoirt do leasachadh is ionnsachadh chloinne thar raointean curraicealaim. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach mu dhùbhlan is tlachd, leud, adhartas, doimhneachd, pearsanachadh agus roghainn, co-leanailteachd agus buntainneachd thar a’ churraicealaim. Tha cruthachalachd agus ionnsachadh airson seasmhachd freumhaichte ann an dealbhadh ar curraicealaim.
Tha adhbhar ar curraicealaim soilleir agus air a thuigsinn le luchd-obrach, clann, teaghlaichean agus com-pàirtichean. Tha ar curraicealam gar cuideachadh a bhith soilleir mun eòlas agus na sgilean air a bheil raointean curraicealaim stèidhichte. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar curraicealam a’ toirt taic do chloinn gus a bhith nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan saoranaich earbsach agus nan com-pàirtichean èifeachdach.
Feallsanachd agus dealbhadh a’ churraicealaim a tha 'lag'
Tha laigsean susbainteach ann an dealbhadh agus cur an gnìomh ar curraicealaim. Chan eil sinn a’ dèanamh feum èifeachdach de stiùireadh nàiseanta no rannsachadh stèidhichte air fianais gus ar dòigh-obrach a stiùireadh. Chan eil ar feallsanachd airson ar curraicealaim soilleir agus chan eil e stèidhichte air na prionnsabalan airson dealbhadh curraicealaim. Ged a dh’fhaodadh gum bi sinn a’ tabhann raon de dh’eòlasan do chloinn a-staigh agus a-muigh, chan eil iad air an dealbhadh no adhartach. Chan eil na h-eòlasan sin a’ leantainn gu clann a’ leasachadh fios, sgilean no feartan gu leòr.
Eisimpleirean airson leantainneachd agus adhartas sa churraicealam
Leantainneachd agus adhartas sa churraicealam a tha 'glè mhath'
Tha ar curraicealam air leth mothachail air cho sònraichte ’s a tha gach pàiste, an teaghlach agus co-theacsa ar coimhearsnachd. Tha e air a chruthachadh ann an co-bhonn ri luchd-ùidh gus sàr-mhathas agus co-ionannachd a lìbhrigeadh do gach pàiste. Tha cur an gnìomh ar curraicealaim a’ toirt taic do chloinn gus leantainneachd agus adhartas fhaighinn ann an ionnsachadh thar gach raon curraicealaim.
Bidh ar luchd-obrach a’ cleachdadh dhòighean-obrach làidir airson fiosrachadh mu ionnsachadh a chruinneachadh, a chlàradh agus a cho-roinn a bheir fiosrachadh do chur-an-gnìomh ar curraicealaim. Bidh sinn ag obair còmhla ri co-obraichean gus dèanamh cinnteach gum bi a h-uile pàiste a’ faighinn eòlas air sàr eadar-ghluasadantaobh a-staigh agus taobh a-muigh an t-suidheachaidh. Tha ar dòighean-obrach a thaobh eadar-ghluasad fìor èifeachdach ann a bhith a’ togail air ionnsachadh chloinne gus taic a thoirt do leantainneachd agus adhartas curraicealaim.
Leantainneachd agus adhartas sa churraicealam a tha 'lag'
Tha dìth fiosrachaidh mu chloinn mar luchd-ionnsachaidh a’ toirt fìor dhroch bhuaidh air mar a tha sinn a’ toirt taic do leantainneachd agus adhartas taobh a-staigh agus thar ìre thràth a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Chan eil dealbhadh stèidhichte gu cunbhalach air an fhios a th' aig cloinn mu thràth agus nas urrainn dhaibh a dhèanamh. Chan eil eadar-ghluasadan a’ toirt taic do, no a’ togail air, ionnsachadh a bh’ aca roimhe. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil cothroman gan call airson ionnsachadh a leudachadh no a dhoimhneachadh.
Eisimpleirean airson chom-pàirteachasan
Com-pàirteachasan a tha 'glè mhath'
Tha sinn glè eòlach air a’ choimhearsnachd agus a’ cho-theacsa againn agus bidh sinn a’ sireadh agus a’ brosnachadh dhàimhean bhrìoghmhor le raon farsaing de chom-pàirtichean. Tha ar curraicealam air a neartachadh gu mòr tro na dàimhean làidir seo agus na tabhartasan fìor èifeachdach bho chom-pàirteachasan seasmhach a tha air an taghadh gu faiceallach.
Tha sinn a’ cur luach agus urram air tabhartasan riatanach theaghlaichean do dh’ionnsachadh chloinne. Tha pàrantan/luchd-cùraim a’ tuigsinn na dreuchd a tha aca agus tha iad a’ faighinn cothrom gus cur ris a’ churraicealam againn. Bidh sinn ag obair gu fìor èifeachdach le pàrantan/luchd-cùraim agus a’ toirt taic do raon de ghnìomhachdan conaltraidh phàrantan, a’ gabhail a-steach ionnsachadh teaghlaich. Bidh sinn a’ toirt a-steach luchd-ùidh gu gnìomhach ann an dòighean bhrìoghmhor gus cothroman inntinneach is tarraingeach a dhealbhadh agus a lìbhrigeadh air feadh a’ churraicealaim.
Com-pàirteachasan a tha 'lag'
Tha ar com-pàirteachasan cuingealaichte agus chan eil iad air an amalachadh gu math ann an dealbhadh no lìbhrigeadh a’ churraicealaim. Chan eil an raon chom-pàirteachasan a th’ againn de chàileachd no meud gu leòr airson ar curraicealam a neartachadh no gus feumalachdan an t-suidheachaidh againn a riochdachadh. Chan eil sinn a’ toirt a-steach teaghlaichean ann an dòigh bhrìoghmhor mar chom-pàirtichean ann an ionnsachadh. Tha seo a’ cuingealachadh buntainneachd agus ruigsinneachd a’ churraicealaim a bheir sinn seachad.
Eisimpleirean airson sgilean airson beatha agus ionnsachadh
Sgilean airson beatha agus ionnsachadh a tha 'glè mhath'
Bidh sinn a’ lìbhrigeadh chothroman fìor mhath gus taic a thoirt do leasachadh sgilean chloinne airson beatha is ionnsachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach eòlas agus tuigse air an t-saoghal anns a bheil iad beò agus a’ fàs. Bidh clann a’ leasachadh nan sgilean seo tro raon farsaing de dh’eòlasan ann an co-theacsan brosnachail is buntainneach.
Bidh clann a’ faighneachd cheistean, a’ beachdachadh agus a’ dèanamh cheanglaichean thar ionnsachadh gus ciall a dhèanamh den t-saoghal mun cuairt orra agus cùram a ghabhail dheth. Tha litearrachd dhidseatach air a freumhachadh air feadh ar curraicealaim, a’ toirt cothrom do chloinn rannsachadh, a bhith cruthachail agus ceangal ris an t-saoghal taobh a-muigh an eòlais dhìrich aca fhèin.
Bidh na dòighean-obrach altraim againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ leasachadh deagh bheachdan a thaobh atharrachadh agus a’ nochdadh diongaltas gus soirbheachadh anns na thagh iad. Tha taic ga thoirt do ar cloinn uile gus an sgilean, am misneachd agus am brosnachadh a leasachadh airson piseach san t-suidheachadh agus sa choimhearsnachd againn a thòiseachadh agus pàirt a ghabhail annta.
Sgilean airson beatha agus ionnsachadh a tha 'lag'
Chan eil an curraicealam againn a’ toirt chothroman gu leòr do chloinn na sgilean agus na feartan a dh’fheumas iad a leasachadh gus atharrachadh, soirbheachadh agus ionnsachadh. Gu tric bidh eòlasan air an dealachadh bho cho-theacsan fìor no brìoghmhor. Chan eil litearrachd dhidseatach agus ionnsachadh a-muigh air an cur an sàs, agus tha sin a’ cuingealachadh cothroman chloinne sgilean riatanach a leasachadh. Mar thoradh air sin, chan eil dùbhlan, cunbhalachd no doimhneachd ann an ionnsachadh chloinne, agus chan eil builean cho math.
Ceistean dùbhlain airson curraicealam
Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:
-
Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil feallsanachd ar curraicealaim stèidhichte air còraichean chloinne agus air fiosrachadh le stiùireadh ionadail is nàiseanta agus rannsachadh stèidhichte air fianais?
-
Dè na dòighean agus dè cho èifeachdach ’s a bhios sinn a’ toirt a-steach luchd-obrach agus luchd-ùidh gus curraicealam a cho-chruthachadh a dh’fhreagras air feumalachdan agus ùidhean chloinne fa leth?
-
Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ roinn adhbhar ar curraicealaim le clann, pàrantan/luchd-cùraim, luchd-obrach agus com-pàirtichean?
-
Gu dè an ìre a bhios an curraicealam a’ toirt aire do chnapan-starra ann an ionnsachadh agus a’ dèiligeadh riutha?
-
Dè cho math ’s a bhios sinn a’ dèanamh cinnteach mu leantainneachd agus adhartas sa churraicealam aig prìomh phuingean eadar-ghluasaid, a’ gabhail a-steach nuair a ghluaiseas clann gu seòmar-cluiche, suidheachadh no sgoil eile?
-
Ciamar a neartaicheas agus a bheir ar com-pàirteachasan buaidh mhath air dealbhadh agus cur-an-gnìomh a’ churraicealaim?
-
Dè na dòighean anns a bheil an curraicealam againn a’ brosnachadh chruthachalachd, iomairt, ionnsachadh a-muigh agus ionnsachadh airson seasmhachd?
-
Gu dè an ìre a bhios an curraicealam againn a’ brosnachadh cho-ionannachd agus iomadachd?
-
Dè cho math ’s a bhios an curraicealam againn a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do sgilean chloinne airson beatha agus ionnsachadh, a’ gabhail a-steach ionnsachadh le, tro agus mu theicneòlasan didseatach?