Quality improvement framework for the early learning and childcare sectors (Gaelic)

Suaicheantas Luchd-sgrùdaidh Cùraim agus Luchd-sgrùdaidh Foghlaim fo chraoibh

See the English version of this framework.

Tha am frèam-obrach fèin-luachaidh seo a’ toirt taic do leasachadh càileachd ann an suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh is cùram-cloinne. Faodaidh a h-uile seirbheis tràth-ìrean a chleachdadh. Tha seo a’ gabhail a-steach luchd-airich- chloinne agus solaraichean chùram-chloinne aois sgoile.

Cleachdaidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Luchd-sgrùdaidh Foghlaim an Rìgh (Luchd-sgrùdaidh an Rìgh) am frèam-obrach airson sgrùdadh a dhèanamh air suidheachaidhean tràth-ìrean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na sgrùdaidhean sin mionaideach agus ag amas air leasachadh càileachd a’ chùraim agus an fhoghlaim a tha ga thoirt seachad.

Far a bheil suidheachadh tràth-ionnsachaidh is cùram-cloinne a’ toirt seachad Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, cumaidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh orra a’ cleachdadh na Comhairle air Fhoghlam Gàidhlig còmhla ris a’ fream-obrach seo. Bidh seo a’ nochdadh feartan sònraichte Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, leithid làn-bhogadh agus dòighean-obrach stèidhichte air còraichean.

Tha am frèam-obrach seo, a tha stèidhichte air còraichean, na dhòigh-obrach iomlanach airson measadh a dhèanamh air cùram, cluich agus foghlam. Tha comharran càileachd ann a bheir taic do mheòrachadh. Cuidichidh iad thu le bhith a’ comharrachadh chleachdaidhean a tha ag obair agus raointean a dh’fheumas leasachadh.

Aig cridhe obair Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Luchd-sgrùdaidh an Rìgh tha dèanamh cinnteach gu bheil clann:

  • sàbhailte agus air an dìon bho chron
  • a’ faighinn cùram agus gun urrainn dhaibh soirbheachadh
  • a’ faighinn sàr chothroman ionnsachaidh is leasachaidh

Cleachdaidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Luchd-sgrùdaidh an Rìgh am frèam-obrach airson obair còmhla ri seirbheisean tràth-ìrean agus buidhnean thar-roinne gus càileachd agus èifeachdas fèin-luachaidh a leasachadh.

Comharran càileachd an fhrèam-obrach

Faodaidh comharran càileachd do chuideachadh a’ luachadh coileanadh aig gach ìre. Bu chòir dhut luachadh a chleachdadh bho gach earrainn gus beachdachadh air cothroman airson leasachadh. Faodaidh comharran càileachd do chuideachadh le bhith a’ tuigsinn an diofar a tha thu a’ dèanamh, dè an ath rud dh’fheumas tu a dhèanamh, agus mar a nì thu atharrachaidhean adhartach.

Tha na comharran càileachd air an seòrsachadh fo cheithir cinn chudromach:

  • ceannardas
  • clann a’ soirbheachadh agus a’ leasachadh ann an sàr àitichean
  • clann a’ cluich agus ag ionnsachadh
  • clann a’ faighinn taic gus coileanadh

Tha am frèam-obrach a’ tabhann comharran càileachd airson nan roinnean a leanas:

Tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne

Bu chòir na comharran càileachd airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-cloinne a chleachdadh airson a h-uile seòrsa solair, seach seirbheisean airich-chloinne is cùram-cloinne aois sgoile.

Aireach-cloinne

Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh agus Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim ag aontachadh gum bu chòir do luchd-airich-chloinne a bhios a toirt seachad cùram le, no às aonais, maoineachadh, fèin-luachadh a dhèanamh an aghaidh nan comharran càileachd a lorgar anns an t-susbaint shònraichte a tha a’ buntainn ri airich-chloinne. Tha seo a’ ciallachadh nach fheum luchd-airich-chloinne a bhios a toirt seachad cùram maoinichte, fèin-luachadh a dhèanamh an aghaidh comharran càileachd sam bith eile anns an fhrèam-obrach nas fharsainge no susbaint shònraichte a bharrachd a’ buntainn don roinn.

Faodaidh luchd-airich-chloinne a tha a’ lìbhrigeadh chùraim-chloinne aois sgoile, fèin-luachadh a dhèanamh air an t-seirbheis aca le bhith a’ cleachdadh nan comharran càileachd san t-susbaint sònraichte do dh’airich-chloinne cuideachd.

Cùram-cloinne aois sgoile

Bu chòir seirbheisean a tha a’ toirt seachad cùram taobh a-muigh na sgoile na comharran càileachd airson cùram-cloinne aois sgoile a chleachdadh.

Prionnsabalan an fhrèam-obrach seo

Tha am frèam-obrach seo stèidhichte air prionnsabalan Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne agus nan Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta.

Prionnsabalan Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC) (UNCRC Principles)

Tha am frèam-obrach seo a’ nochdadh dealas a thaobh dèanamh cinnteach gum fàs clann an-àrd gu sàbhailte le gaol is spèis orra, agus a’ faighinn taic gus an urrainn dhaibh an làn chomas a choileanadh.

Tha an dòigh-obrach seo stèidhichte air còraichean na bhunait air mar a bhios seirbheisean air a’ lìbhrigeadh do chloinn agus mar a bhios luchd-sgrùdaidh a’ luachadh càileachd. Tha am frèam-obrach seo a’ beachdachadh air ceithir prionnsabalan coitcheann còraichean chloinne:

An aghaidh lethbhreith: tha clann air an dìon bho lethbhreith agus thathas a’ dèiligeadh riutha gu cothromach.

Leas as fheàrr dhan a’ phàiste: nuair a bhios iad a’ dèanamh co-dhùnadh sam bith, feumaidh inbhich dèanamh an rud as fheàrr airson clann seach iad fhèin. Tha seo a’ gabhail a-steach riaghaltasan agus gnìomhachasan. Anns gach sgrùdadh, bidh leas agus còraichean chloinne aig cridhe gach cùise.

Mairsinn agus leasachadh: feumar taic a thoirt do chloinn gus tighinn gu ìre anns an dòigh a tha iad fhèin ag iarraidh, gun bhuaidh chronail orra.

Spèis do bheachdan chloinne: feumar feart a thoirt do bheachdan chloinne.

Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta

’S e seata de phrionnsabalan agus builean a th’ anns nan Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta a tha a’ stiùireadh a h-uile seirbheis slàinte, cùram sòisealta agus obair-shòisealta ann an Alba, a’ gabhail a-steach a h-uile seirbheis tràth-ionnsachaidh agus cùram-cloinne. Bu chòir beachdachadh a thoirt do nan Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta còmhla ris an fhrèam-obrach seo. Feumar nan Inbhean seo a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gum faigh leanabanan, clann is daoine òga sàr chùram coibhneil a tha freagarrach dhaibh.

Tha nanInbhean Slàinte is Cùram Sòisealta ceangailte gu dlùth ri Gealladh na h-Alba agus Gealladh nan Corrag Beaga, sin, gealladh na h-Alba dèanamh cinnteach gum fàs leanaban, clann is daoine òga uile an-àrd “gu sàbhailte le gaol is spèis orra gus an urrainn dhaibh an làn chomas a choileanadh”. Chaidh beachdachadh gu faiceallach air na geallaidhean nuair a chaidh am frèam-obrach seo a chruthachadh

Am pròiseas fèin-luachaidh

Tha comharran càileachd anns an fhrèam-obrach a tha ag amas air raointean sònraichte de chleachdadh. Cuidichidh iad thu le bhith a’ comharrachadh nan neartan anns an obair agad an-dràsta. Seallaidh iad cuideachd dòighean airson builean a leasachadh do chloinn agus an teaghlaichean.

Cuidichidh fèin-luachadh thu a’ sgrùdadh d’ adhartais, do leasachadh agus do chleachdadh. Bidh am pròiseas fèin-luachaidh a’ cleachdadh fianais gus meòrachadh air coileanadh. Cuidichidh e thu cuideachd gus planaichean-gnìomha leasachaidh a dhèanamh. Tha fèin-luachadh na phrìomh phàirt de leasachadh. Beachdaichidh luchd-sgrùdaidh air taobhan den fhèin-luachadh agad mar phàirt den phròiseas sgrùdaidh.

Tha am pròiseas fèin-luachaidh na phàirt de dhòigh-obrach nas fharsainge airson càileachd a dhearbhadh. Feumaidh tu cearcall meòrachaidh a dhèanamh stèidhichte air na trì ceistean a leanas:

  1. Ciamar a tha sinn a’ dèanamh?

  2. Ciamar a tha fios againn?

  3. Dè tha sinn a’ dol a dhèanamh a-nis?

Tha e cudromach gum bi fèin-luachadh furasta a dhèanamh. Bu chòir dhut beachdachadh air dè na raointean air a bheil thu airson luachadh a dhèanamh agus carson. Cleachd fianais gus taic a thoirt don anailis agad.

Faodaidh fèin-luachadh a bhith na mheasadh a tha a’ coimhead air adhart cuideachd. Beachdaich air nithean sam bith a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air leasachadh. Dh’fhaodadh na nithean sin a bhith a’ gabhail a-steach atharrachaidhean san sgioba-obrach, ath-structaradh no gainnead ionmhais.

Dreuchdan agus dleastanasan luchd-sgrùdaidh

Tha dleastanasan reachdail air Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim fo earrainn 53 de dh’Achd Ath-leasachadh nan Seirbheisean Poblach (Alba) 2010 gus sgrùdaidhean a dhèanamh air a h-uile suidheachadh tràth-ìrean agus cùram-cloinne aois sgoile a tha clàraichte leotha.

Nì Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim sgrùdadh air a h-uile seirbheis chloinne ge bith a bheil an suidheachadh a’ lìbhrigeadh na h-airidheachd mhaoinichte airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-cloinne no nach eil. Is e amas an sgrùdaidh dèanamh cinnteach gu bheil cùram, cluich agus eòlasan ionnsachaidh den chàileachd as àirde aig a h-uile pàiste, ge bith dè an aois no suidheachadh.

Tha cumhachdan Ministearan na h-Alba a thaobh sgrùdadh ionadan is seirbheisean foghlaim air am mìneachadh ann an Earrainn 66 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba). Bidh “Luchd-sgrùdaidh an Rìgh” a’ dèanamh sgrùdaidhean air ionadan foghlaim.

Fhuair Achd an Fhoghlaim (Alba) 2025 aonta rìoghail san Lùnastal 2025. Ged nach deach a chur an gnìomh fhathast, tha e a’ comharrachadh atharrachaidhean a dh’fhaodadh tighinn air an fhrèam-obrach reachdail airson sgrùdadh ionadan foghlaim. Tha am frèam-obrach seo a’ co-thaobhadh ris an reachdas làithreach airson sgrùdadh foghlaim agus dh’fhaodadh gun tèid atharrachadh a dhèanamh air ma bhios sin iomchaidh gus riatanasan reachdail san àm ri teachd a nochdadh.

Cumaidh an dà bhuidheann-sgrùdaidh na dreuchdan agus na dleastanasan a th’ aca an-dràsta. Cumaidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim orra a’ sgrùdadh suidheachadh cùram-chloinne tràth-ìrean, a’ gabhail a-steach suidheachaidhean luchd-airich-chloinne agus cùram-cloinne aois sgoile, ge bith a bheil iad a’ toirt seachad seirbheis maoinichte no nach eil. Nì Luchd-sgrùdaidh an Rìgh sgrùdadh air ionadan a tha a’ toirt seachad cùram-chloinne agus foghlam-tràth-ìrean maoinichte (seach luchd-airich chloinne).

Sgrùdadh

Tha am frèam-obrach co-roinnte seo a’ toirt taic do dhòigh-obrach nas co-leantaileach agus nas cunbhalach a thaobh sgrùdadh air feadh na h-Alba. Cleachdaidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Luchd-sgrùdaidh an Rìgh am frèam-obrach airson sgrùdadh tràth-ìrean. Tha seo a’ gabhail a-steach sgrùdaidhean a nì iad leotha fhèin agus nuair a bhios iad ag obair còmhla mar phàirt de sgrùdadh co-roinnte.

Cuiridh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim am frèam-obrach seo an sàs taobh a-staigh an dreuchd sgrùdaidh is riaghlaidh aca gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile eileamaid de tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne , airich-chloinne agus cùram-cloinne aois sgoile, maoinichte no às aonais maoineachaidh, na h-ìrean cùraim is ionnsachaidh as àirde.

Cumaidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh orra a’ luachadh càileachd eòlasan foghlaim chloinne a rèir riatanasan reachdail làithreach. Ann an cuid de shuidheachaidhean, faodaidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh iomradh a thoirt air comhairle nàiseanta a bharrachd gus taic a thoirt do ghnìomhachd sgrùdaidh. Tha seo a’ gabhail a-steach stiùireadh air Foghlam tron Ghàidhlig, agus feumalachdan taice a bharrachd, far a bheil sin iomchaidh. Tha comharran càileachd sònraichte anns an fhrèam-obrach airson sgrùdadh foghlaim. Cleachdaidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh na comharran càileachd seo gus sgrùdadh a dhèanamh air suidheachaidhean a tha a’ toirt seachad tràth-ionnsachadh agus cùram cloinne maoinichte (seach luchd-airich-chloinne).

Tha dleastanasan dìon chloinne aig an dà bhuidheann. Tha prìomh dhearbhaidhean aig Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim ris am bi iad a’ dèanamh sgrùdadh aig gach sgrùdadh. Tha dìon chloinne na phàirt de na prìomh dhearbhaidhean. Beachdaichidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a bheil rèiteachaidhean iomchaidh aig suidheachaidhean foghlaim gus leas chloinne a dhìon agus adhartachadh.

Slatan-tomhais ìreachaidh

Tha an sgèile sia-phuing na inneal airson luachadh a dhèanamh air na comharran càileachd. Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh agus Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim ga chleachdadh airson aithris a dhèanamh air toraidhean sgrùdaidh. Faodaidh ùghdarrasan ionadail agus buidhnean riaghlaidh eile roghnachadh a chleachdadh airson adhbhar coimeas nàiseanta agus/no ionadail thar grunn shuidheachaidhean. Chan eil e riatanach do shuidheachaidhean fa leth iad fhèin a thomhas an aghaidh na sgèile sia-phuing ged a dh’fhaodadh iad roghnachadh sin a dhèanamh gus cuideachadh le bhith a’ luachadh agus a’ tuigsinn an coileanaidh.

Ìre: 6 Sàr-mhath

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil taobhan de dh’obair an t-suidheachaidh barraichte agus air thoiseach san roinn. Tha eòlasan agus coileanaidhean a h-uile pàiste de chàileachd fìor àrd. Tha seo a’ riochdachadh ìre solarachaidh anabarrach math a tha na eisimpleir de dheagh chleachdadh air leth. Tha e stèidhichte air co-ionannachd agus in-ghabhalachd a choileanadh. Tha suidheachaidhean a’ nochdadh tuigse phroifeasanta dhomhainn a bu chòir a roinn gus taic a thoirt do leasachadh air feadh na roinne. Tha e a’ ciallachadh gu bheil ìrean coileanaidh fìor àrd seasmhach agus gun tèid an cumail an àird.

Ìre: 5 Glè mhath

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil fìor neartan san taobh seo de dh’obair an t-suidheachaidh. Chan eil mòran raointean ann airson leasachadh, agus chan eil gin a tha ann a’ lughdachadh eòlasan na cloinne gu mòr. Tha luachadh de “glè mhath” a’ riochdachadh ìre àrd de sholar airson a h-uile pàiste. Tha dùil ann gun lean an suidheachadh air adhart a’ cleachdadh fèin-luachadh gus leasachaidhean a bharrachd a dhealbhadh. Obraichidh an suidheachadh a dh’ionnsaigh solar a leasachadh agus feuchaidh iad ri coileanadh a thogail gu sàr-mhath.

Ìre: 4 Math

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil neartan cudromach ann an obair an t-suidheachaidh; ach, dh’fhaodadh cuid de chuisean an leasachadh. Tha fìor dheagh bhuaidh aig na neartan air cha mhòr a h-uile pàiste. Tha càileachd eòlasan air a lughdachadh ann an taobhan de sholar anns am biodh leasachadh buannachdail. Bu chòir don t-suidheachadh feuchainn ri raointean neart chudromach a leasachadh barrachd agus cuideachd ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ris na raointean a tha feumach air leasachadh.

Ìre: 3 Riarachail/iomchaidh

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil beagan a bharrachd neartan san taobh seo den obair na laigsean. Dh’fhaodadh buaidh mhath a bhith aig na neartan seo air eòlasan chloinne; ach, chan eil clann a’ faighinn ach ìre iosal de sholar, a chuireas bacadh air càileachd iomlan an eòlasan. Dh’fhaodadh an ìre seo de chleachdadh a bhith ceadaichte ann an suidheachaidhean sònraichte, mar eisimpleir, far nach eil seirbheis no com-pàirteachas air a làn stèidheachadh fhathast no far a bheil atharrachaidhean mòra a’ tachairt. Chan eil coileanadh leantainneach aig an ìre seo iomchaidh. Feumaidh an suidheachadh togail air na neartan aca gus cleachdadh a leasachadh, a’ cruthachadh deagh dh’eòlasan agus builean nas fheàrr dha na h-uile.

Ìre: 2 Lag

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil cuid de neartan ann, ach gu bheil laigsean chudromach anns an roinn seo de dh’obair an t-suidheachaidh. Tha na laigsean seo, leotha fhèin no còmhla, gu leòr airson eòlasan chloinne a mhilleadh. Feumar leasachaidhean a dhèanamh mar phrìomhachas. Às aonais leasachaidh, dh’fhaodadh leas, sàbhailteachd no ionnsachadh is leasachadh chloinne a bhith air am milleadh, no dh’fhaodadh nach deidheadh coinneachadh ris na feumalachdan fa leth aca. Feumaidh coileanadh lag, gnìomh leasachaidh sgiobalta. Feumar prìomhachas a thoirt do leasachaidhean structarail is seasmhach.

Ìre: 1 Neo-riarachail

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil laigsean mhòra ann an roinn dheatamach de choileanadh a dh’fheumas gnìomh sa bhad gus eòlasan agus builean chloinne a leasachadh. Dh’fhaodadh na laigsean seo a bhith co-cheangailte ri cùram, cluich no ionnsachadh, agus tha coltas ann gum bi cunnartan no easbhaidhean a tha gu tur mì-iomchaidh a’ bagairt air leas, sàbhailteachd no ionnsachadh cloinne. Feumaidh an fheadhainn a tha cunntachail airson na gnìomhan leasachaidh, riatanach a dhèanamh, sin a chur air dòigh gun dàil. Feumar clann a dhìon agus piseach a thoirt air an sàbhailteachd, an sunnd agus an adhartas ann an ionnsachadh agus leasachadh. Feumaidh seo taic shònraichte bho àrd-mhanaidsearan ann a bhith a’ dealbhadh agus a’ coileanadh nan gnìomhan riatanach gus leasachadh a thoirt gu buil. Mar as tric bidh seo a’ toirt a-steach obair còmhla ri luchd-obrach eile ann an suidheachaidhean no buidhnean eile.