Comharran càileachd airson Luchd-airich-chloinne

colourful tree with the HMIE logo and the Care Inspectorate logo

Tha na comharran càileachd seo sònraichte do luchd-cùraim chloinne agus a’ còmhdach a h-uile neach-cùraim chloinne, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a bhios a’ lìbhrigeadh tràth-ionnsachadh agius cùram-cloinne le maoineachadh.

Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh agus Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim ag aontachadh gum bu chòir do luchd-airich-chloinne a bhios a toirt seachad cùram le, no às aonais maoineachadh, fèin-luachadh a dhèanamh an aghaidh nan comharran càileachd a lorgar anns an t-susbaint shònraichte a tha a’ buntainn ri airich-chloinne. Tha seo a’ ciallachadh nach fheum luchd-aireach-cloinne a bhios a toirt seachad cùram maoinichte, fèin-luachadh a dhèanamh an aghaidh comharran càileachd  sam bith eile anns an fhrèam-obrach nas fharsainge no susbaint shònraichte a bharrachd a’ buntainn don roinn.

Tha na comharran càileachd airson luchd-airich-chloinne air an seòrsachadh fo cheithir cinn chudromach:

Ceann-sgrìobhaidh

Comharran càileachd

Ceannardas

Ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan
Sgilean, eòlas, luachan agus cur an sàs luchd-obrach

Clann a’ soirbheachadh agus a’ leasachadh ann an sàr àitichean

Clann a’ faighinn eòlas air sàr àiteachan

Clann a’ cluich agus ag ionnsachadh

Cluich, ionnsachadh agus leasachadh

Clann a’ faighinn taic gus coileanadh

Cùram agus taic altraim
Dion chloinne

Eisimpleirean de chleachdadh

Tha cuspairean aig a h-uile comharra càileachd gus taic a thoirt don fhèin-luachadh agad. Tha eisimpleirean de chleachdadh ann airson gach cuspair. Tha iad sin a’ mìneachadh na dh’fhaodadh sinn fhaicinn ann an suidheachadh far a bheil càileachd an t-solair 'glè mhath' no 'lag'.