Cluich, ionnsachadh agus leasachadh

’S e comharradh càileachd ‘clann a’ cluich agus ag ionnsachadh’ a th’ ann an cluich, ionnsachadh agus leasachadh. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh. Tha eisimpleirean de chluich, ionnsachadh agus leasachadh rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-cloinne, agus cùram-cloinne aois sgoile.

Cuspairean airson cluich, ionnsachadh agus leasachadh

Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:

  • com-pàirteachadh chloinne
  • càileachd eadar-obrachaidhean
  • dealbhadh a tha ag amas air a’ phàiste

Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo

Tha an comharra seo ag amas air còir chloinne air cluich, a’ cur cuideam air a bhith a’ faighinn spòrs, toileachas agus sàr eòlasan ionnsachaidh a-staigh agus a-muigh. Tha e riatanach gum bi clann an sàs gu brìoghmhor agus gu gnìomhach ann a bhith a’ stiùireadh an cluiche is an ionnsachaidh fhèin.

Tha dùil gum bi aithne aig luchd-airich air mar a chuidicheas cluiche clann le bhith a’ leasachadh sgilean airson beatha is ionnsachadh. Bu chòir do dh’eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean a bhith a’ neartachadh chluich is ionnsachadh gu soirbheachail, a’ toirt aire do dh’fheumalachdan, ùidhean agus leasachadh gach pàiste fa leth. Bu chòir do chloinn adhartas seasmhach a dhèanamh nan ionnsachadh tro dhòighean dealbhaidh freagairteach.

Tha an comharra a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha e do luchd-airich-chloinne a bhith a’ cleachdadh beachd-sùla gu h-èifeachdach gus eòlas, tuigse, sgilean agus coileanadh chloinne aithneachadh agus a leudachadh. Bu chòir sin na h-ath cheumannan ann an dealbhadh fhiosrachadh, gus taic a thoirt do leasachadh, ionnsachadh agus sunnd chloinne.

Bheir seo comas dhaibh adhartas math a dhèanamh. Bu chòir do luchd-airich-chloinne a bhith an sàs gu sgileil ann an sàr eadar-obrachaidhean, air an stiùireadh leis a’ chloinn agus ceasnachadh a tha iomchaidh do leasachadh a’ phàiste a neartaicheas agus a leudaicheas smaoineachadh chloinne. Tha clann air an cuideachadh gus na coileanaidhean aca aithneachadh, a mhealtainn agus a chomharrachadh.

Eisimpleirean airson com-pàirteachadh chloinne

Com-pàirteachadh chloinne a tha 'glè mhath'

Tha tuigse làidir aig luchd-airich-chloinne air mar a bhios clann a’ leasachadh agus a’ dèanamh adhartas ann an ionnsachadh. Bidh iad a’ cleachdadh teòiridh is cleachdaidhean buntainneach gu sgileil. Tha seo gan cuideachadh a’ lìbhrigeadh sàr eòlasan cluiche a bhios a’ brosnachadh is a’ cumhachdachadh com-pàirteachaidh chloinne. Tha clann soirbheachail, earbsach agus misneachail nan cluich mar thoradh air na sàr eòlasan a tha luchd-airich-chloinne a’ tabhann. Tha iad air am brosnachadh gu mòr agus a’ làn chom-pàirteachadh ann an raon de dh’eòlasan beairteach, dùbhlanach, dealbhaichte agus freagairteach, a-staigh agus a-muigh.

Bidh innleachd agus dòighean-obrach cruthachail a tha air an deagh dhealbhadh a’ brosnachadh mac-meanmna chloinne gu soirbheachail agus a’ neartachadh an cluiche is an ionnsachaidh. Tha raon farsaing de sgilean, a’ gabhail a-steach cànan, litearrachd agus àireamhachd, air an neartachadh tro chothromachadh mar eadar-obrachaidhean air an stiùireadh le clann is inbhich, agus eòlasan cluiche. Bidh luchd-airich-chloinne a’ beachdachadh air mar as urrainn do chloinn an ionnsachadh a dhoimhneachadh le, agus tro, theicneòlas didseatach.

Bidh luchd-airich-chloinne ag obair gu h-èifeachdach le teaghlaichean gus an cuideachadh a’ tuigsinn nam buannachdan a gheibh clann bho eòlasan ionnsachaidh stèidhichte air cluich a bheir dùbhlan agus toileachas dhaibh. Bidh an dòigh-obrach seo a’ brosnachadh leasachadh earbsa agus co-obrachadh, a tha a’ toirt taic do shunnd is leasachadh chloinne agus a’ toirt chothroman dhaibh soirbheachadh.

Bidh clann a’ dèanamh roghainnean fiosraichte mu dheidhinn an cluiche is an ionnsachaidh ann an dachaigh chruthachail a bheir dùbhlan is comas dhaibh. Bheir luchd-airich-chloinne dhaibh an ùine, an t-àite agus an taic a dh’fheumas iad gus co-dhùnaidhean a dhèanamh agus an guth a chleachdadh. Tha iad sgileil ann a bhith a’ cleachdadh sàr eadar-obrachaidhean, àitichean agus eòlasan gus ùidhean chloinne a leudachadh agus a chumail suas.

Com-pàirteachadh chloinne a tha 'lag'

Chan eil mòran chothroman aig clann airson an cluich agus ionnsachadh fhèin a stiùireadh, no buaidh a thoirt air an raon àitichean is eòlasan a tha rim faighinn. Tha dìth brosnachaidh san àrainneachd cluiche is ionnsachaidh san fharsaingeachd. Chan eil mòran ann a chuireas dùbhlan air, no a bhrosnaicheas, mac-meanmna agus feòrachas chloinne, no a bhrosnaicheas iad gus na beachdan aca a rannsachadh.

Chan eil tuigse luchd-airich air cluich fo stiùir chloinne air a leasachadh gu leòr. Chan eil feumalachdan leasachaidh fa leth chloinne agus na h-ùidhean aca air an nochdadh ann an eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean. Mar thoradh air sin, chan eil clann a’ com-pàirteachadh. Bidh iad a’ call chothroman airson ionnsachadh, misneachd a thogail agus roghainnean a dhèanamh. Mar sin, chan eil ùidh agus brosnachadh aig cloinn agus is dòcha gum bi iad a’ fàs leamh, troimh-chèile no sàraichte.

Chan eil mòran cothruim aig cloinn ceangail a dhèanamh ris a’ choimhearsnachd aca fhèin no a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Tha seo a’ cuingealachadh ruigsinneachd air raon farsaing de ghoireasan agus eòlasan gus na cothroman cluiche is leasachaidh aca a thoirt air adhart.

Eisimpleirean airson eadar-obrachaidhean de dheagh chàileachd

Càileachd eadar-obrachaidhean a tha 'glè mhath'

Tha beachd-sùla cùramach ga chleachdadh gus ùidhean chloinne a mhìneachadh agus cothroman a lìbhrigeadh an smaoineachadh a leudachadh gun a bhith a’ stiùireadh an cluiche. Bidh luchd-airich-chloinne a’ cleachdadh measgachadh de dhòighean-obrach gus freagairt ri sanasan bho chloinn airson taic a thoirt do leasachadh fèin-riaghlaidh, co-fhaireachdainn, misneachd, cruthachalachd agus feòrachas.

Bidh eadar-obrachaidhean freagairteach agus coibhneil a’ toirt taic do leasachadh conaltraidh, cànain, gluasaid agus sòisealta tro bhith a’ modaileadh nan sgilean sin gu h-èifeachdach. Bidh luchd-airich-chloinne a’ toirt taic do chloinn le bhith a’ cleachdadh bhun-bheachdan leithid smaoineachadh co-roinnte leantainneach, ag innse ar beachdachaidh, ceasnachadh iomchaidh a thaobh leasachadh a’ phàiste, a’ toirt seachad barail, a’ leudachadh agus a’ mìneachadh. Tha iad a’ tuigsinn gur e dòigh luachmhor a th’ ann an eadar-obrachadh agus rannsachadh le cloinn airson briathrachas a leudachadh agus tuigse agus faireachdainn de dh’iongnadh agus de thoileachas mun t-saoghal a bhrosnachadh. Bidh iad a’ dèanamh nan ath cheumannan comasach agus a’ moladh chloinne airson rudan fheuchainn.

Bidh cothroman iomchaidh aig clann tric airson an sgilean smaoineachaidh agus fuasgladh-cheistean a leasachadh tro chluich mac-meanmnach agus tro sgeulachdan innse. Bidh seo a’ cuideachadh chloinne gus an smaoineachadh fhèin a leudachadh, sgilean ùra a chleachdadh agus an ionnsachadh a dhaingneachadh ann an dòighean a tha brìoghmhor dhaibh.

Bidh luchd-airich-chloinne a’ toirt cothrom do chloinn cluich agus ionnsachadh aig an astar fhèin, a’ faighinn spòrs fhad ’s a bhios iad a’ rannsachadh an t-saoghail mun cuairt orra. Bidh iad a’ gabhail ùine gus tuigse fhaighinn air conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach chloinne a chuidicheas gus breithneachadh cuin a bu chòir eadar-obrachadh leotha agus cuin a bu chòir feitheamh agus coimhead. Bidh luchd-airich-chloinne a’ brosnachadh chloinne a bhith ag eadar-obrachadh le chèile. Leigidh seo le clann a’ chuid as fheàrr fhaighinn às na h-eadar-obrachaidhean agus na dh’fhiosraich iad.

Càileachd eadar-obrachaidhean a tha 'lag'

Chan eil luchd-airich-chloinne a’ sealltainn tuigse air mar a bhios clann ag ionnsachadh agus a’ leasachadh, no na ro-innleachdan taice a chuidicheas clann gus ionnsachadh fhad ’s a bhios iad a’ cluich. Chan eil blàths anns na h-eadar-obrachaidhean agus na còmhraidhean le cloinn, no tha iad an-còmhnaidh a’ stiùireadh na cloinne, agus chan eil iad a’ togail air an tèarainteachd fhaireachdainnean no na h-ùidhean aca.

Chan eil luchd-airich-chloinne ag aithneachadh sanasan conaltraidh is cànain tràth chloinne agus chan eil iad a’ toirt taic don dòigh conaltraidh as fheàrr leotha. Tha seo ag adhbhrachadh gum bi cothroman air chall do chloinn adhartas a dhèanamh aig an astar fhèin agus faodaidh e ciallachadh gum bi clann diùid, troimh-a-chèile no air an sàrachadh.

Chan eil iad a’ cur fòcas air a’ chloinn rè eadar-obrachadh agus chan eil iad a’ tuigsinn agus a’ cur luach air smuaintean agus pròiseasan chloinne rè cluich. Bidh iad a’ cur fòcas cumhang air dìreach eileamaid no dhà de dh’ionnsachadh chloinne, agus chan eil sin a’ nochdadh dealbh fhìor, iomlanach de leasachadh gach pàiste agus nan coileanaidhean aca. Chan eil clann a’ faighinn làn thaic gus an cluich agus an ionnsachadh a leudachadh, agus gu tric chan eil am feum air taic, misneachd no eadar-theachd air a thoirt fa-near.

Eisimpleirean airson dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste

Dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste a tha 'glè mhath'

Tha clann aig cridhe gach dealbhaidh. Tha luchd-airich-chloinne sgileil ann a bhith ag aithneachadh nan diofar ìrean ann an cluich is ionnsachadh chloinne. Thèid beachdachadh gu mionaideach air na rudan seo nuair a thathar a’ dealbhadh eòlasan is chothroman ùra. Bidh iad a’ cleachdadh beachd-sùla air pàtrain cluiche fa leth chloinne gus an ionnsachadh a dhealbhadh, a chumail suas, dùbhlan a thoirt dha agus a leudachadh. Leigidh seo le cloinn adhartas a dhèanamh aig an astar fhèin.

Tha clann air am brosnachadh gu mòr agus a’ làn chom-pàirteachadh san raon de chothroman cluiche is ionnsachaidh beairteach, dùbhlanach, a tha air an tabhann tro chothromachadh de dhealbhadh rùnach agus freagairteach. Tha eòlasan a’ nochdadh beachdan, miannan, ceistean agus ath cheumannan brìoghmhor chloinne nan ionnsachadh.

Bidh beachd-sùla cùramach agus measadh èifeachdach ag aithneachadh agus a’ brosnachadh adhartas agus coileanaidhean chloinne. Thèid feum air taic sam bith a bharrachd a chomharrachadh, a dhealbhadh agus a chur an gnìomh. Tha an dòigh-obrach seo a tha air leth freagairteach a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ leasachadh raon farsaing de dh’eòlas, tuigse agus sgilean airson beatha agus ionnsachadh.

Bidh luchd-airich-chloinne ag obair còmhla ri clann, teaghlaichean agus com-pàirtichean, ag iarraidh orra an eòlas a cho-roinn. Bidh seo a’ neartachadh an tuigse agus an dealbhaidh air turas ionnsachaidh gach pàiste. Bidh iad a’ roinn naidheachdan air adhartas chloinne agus a’ comharrachadh an soirbheachaidh agus an coileanaidh gu cunbhalach.

Dealbhadh is measadh a tha ag amas air a’ phàiste a tha 'lag'

Bidh luchd-airich-chloinne a’ call chothroman cudromach airson beachd-sùla a ghabhail air cloinn agus am measadh fhad ’s a tha iad a’ cluich. Tha seo ag adhbhrachadh bheàrnan nan tuigse air nas urrainn dhaibh a dhèanamh, na h-ùidhean aca agus mar a tha iad a’ leasachadh. Cha bhi luchd-airich-chloinne a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a bhios teaghlaichean agus com-pàirtichean a’ toirt dhaibh. Tha seo ga dhèanamh duilich dealbhadh gu h-èifeachdach gus coinneachadh ri feumalachdan agus ùidhean sònraichte gach pàiste, a’ gabhail a-steach taic sam bith a bharrachd a tha a dhìth. Mar thoradh air sin, chan eil cuid de chloinn a’ faighinn nan cothroman ionnsachaidh ceart tro chluich agus chan eil dùbhlan ga thoirt dhaibh aig an ìre cheart.

Chan eil dòighean-obrach cunbhalach ann airson adhartas agus coileanaidhean chloinne a luachadh. Chan eilear a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo gu cunbhalach gus planaichean a dhèanamh airson nan ath cheumannan, a’ gabhail a-steach na h-ath cheumannan ann an ionnsachadh. Chan eil am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh air a phearsanachadh no air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus na h-àitichean, na h-eòlasan agus na h-eadar-obrachaidhean a dh’fheumas gach pàiste airson soirbheachadh, a dhealbhadh. Tha seo ag adhbhrachadh dìth tuigse air adhartas thar ùine. Chan eil teaghlaichean an sàs no a’ faighinn fiosrachadh àrd-inbhe mu chùram agus ionnsachadh an cuid chloinne, agus tha seo ag adhbhrachadh dìth cunbhalachd agus leantainneachd.

Ceistean dùbhlain airson cluich, ionnsachadh agus leasachadh

Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:

  • Dè cho math ’s a tha an t-seirbheis a’ toirt taic do agus a’ brosnachadh feòrachas nàdarra, cruthachalachd agus fuasgladh-cheistean chloinne?
  • Dè na dòighean a chleachdas mi gus sgilean chloinne adhartachadh thar farsaingeachd de raointean, leithid leasachadh fhaireachdainnean is sòisealta, sgilean a tha a’ tighinn am bàrr ann an cànan, litearrachd agus àireamhachd?
  • Ciamar as urrainnear taic a thoirt do chloinn gus misneachd a bhith aca ann a bhith a’ stiùireadh an ionnsachaidh fhèin?
  • Ciamar a nì mi cinnteach gu bheil mi a’ cumail suas ris an teòiridh bhuntainnich agus a’ sealltainn mar a tha mo thuigse air leasachadh chloinne a’ toirt taic do dh’eòlasan cluiche is ionnsachaidh àrd-inbhe?
  • Ciamar a nì mi cinnteach gu bheil mo dhòigh-obrach a thaobh feumalachdan chloinne ag aithneachadh smuaintean agus faireachdainnean neo-eisimeileach chloinne mar dhaoine fa leth?
  • Ciamar a bhios mi a’ cur taic ri cloinn gus an sgilean smaoineachaidh agus fuasgladh-cheistean a leasachadh?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha na pròiseasan agam airson leasachadh, adhartas agus coileanaidhean chloinne a luachadh? Dè cho math ’s a tha am fiosrachadh seo a chruinnicheas mi mu adhartas chloinne a’ toirt buaidh air dealbhadh agus aithris do phàrantan/luchd-cùraim agus eile?
  • Ciamar a chuireas mi cothroman am meud do chloinn a bhith air an cur fo dhùbhlan, cruthachail agus an sàs nan cluich is nan ionnsachadh?