Ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan

’S e comharra càileachd 'ceannardais' a th’ ann an ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh.

Tha eisimpleirean de cheannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan rim faighinn cuideachd airson tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne, aguscùram-cloinne aois sgoile.

Cuspairean airson ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan

Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:

  • lèirsinn, luachan agus amasan
  • fèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh
  • trusadh is inntrigeadh luchd-obrach (buntainneach a-mhàin nuair a thathas a’ fastadh luchd-taice)

Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo

Tha an comharra seo a’ nochdadh gum feum luchd-stiùiridh dèanamh cinnteach gu bheil sealladh àrd-amasach, co-roinnte aca a tha ag amas air leasachaidhean agus builean adhartach dha na h-uile. Bu chòir gum biodh feallsanachd làidir ann de leasachadh leantainneach a neartaicheas sàr chleachdadh. Tha e ag amas air cunntachalachd, dleastanas agus luachan co-roinnte mar fheartan chudromach ann a bhith a’ togail agus a’ cumail suas seirbheis fìor phroifeasanta.

Tha cudromachd dòighean-obrach chom-pàirteachais a thaobh fèin-luachadh agus leasachadh leantainneach air an nochdadh. Tha cuideam air an fheum air tuigse cho-roinnte air neartan agus raointean airson leasachadh, eadar an neach-aireach (agus, far a bheil e buntainneach, luchd-taice), teaghlaichean agus clann. Bidh buaidh fèin-luachaidh agus dearbhadh càileachd a’ leantainn gu deagh bhuilean seasmhach airson cloinn agus teaghlaichean.

Tha an comharra seo ag amas air riaghladh cho-dhùnaidhean mu luchd-obrach agus cho cudromach ’s a tha seo airson càileachd eòlasan is builean chloinne. Tha e a’ toirt taic do mhodhan trusaidh sàbhailte, stèidhichte air luachan a nì cinnteach gun tèid luchd-taice (far a bheil sin buntainneach) fhastadh aig a bheil trèanadh agus a tha comasach agus sgileil gus builean adhartach a bhrosnachadh do chloinn. Tha seo a’ toirt a-steach prògram inntrigidh coileanta gus taic agus stiùireadh a thoirt do luchd-taice nan dreuchdan agus nan dleastanasan.

Tha fòcas soilleir air cleachdadh a cho-thaobhadh ri poileasaidh, reachdas agus frèamaichean-obrach is inbhean stèidhichte air còraichean nàiseanta. Tha seo a’ gabhail a-steach ‘Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne’ (UNCRC) agus Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta, a chuidicheas luchd-airich-chloinne agus luchd-taice (far a bheil sin buntainneach) ann a bhith a’ lìbhrigeadh cùram altraim sàbhailte agus freagairteach a choinnicheas ri feumalachdan fa leth chloinne.

Eisimpleirean de lèirsinn, luachan agus amasan

Lèirsinn, luachan agus amasan a tha 'glè mhath'

Bidh luchd-airich-chloinne a’ brosnachadh, a’ cumail suas agus air leth dealasach a thaobh lèirsinn cho-roinnte airson na seirbheis aca. Tha seo a’ nochdadh nan ìrean as àirde airson cloinn, teaghlaichean, com-pàirtichean proifeiseanta agus a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Tha clann is teaghlaichean air an gabhail a-steach gu gnìomhach ann an dealbhadh agus ath-sgrùdadh lèirsinn, luachan agus amasan na seirbheis. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gum bi leasachaidhean sam bith a tha san amharc a’ toirt aire iomchaidh do chòraichean, ùidhean, cheistean, fheumalachdan agus roghainnean chloinne.

Bidh luchd-airich-chloinne a’ cruthachadh àrainneachd far a bheil a h-uile duine an sàs ann a’ faireachdainn misneachail a thaobh atharrachadh fiosraichte a thòiseachadh agus uallach a ghabhail airson a’ phròiseis. Bidh conaltradh èifeachdach a’ dèanamh cinnteach à sealladh soilleir air lèirsinn, luachan agus amasan na seirbheis gus am bi pàirt aig clann is teaghlaichean ann a bhith gan coileanadh.

Tha luachan air an cur an sàs ann am beatha làitheil na seirbheis agus a’ toirt buaidh air cleachdadh. Tha feallsanachd na seirbheis stèidhichte gu soilleir air prionnsabalan sàr chùram-chloinne is ionnsachaidh, conaltradh gnìomhach le cloinn agus an teaghlaichean, agus cultar deagh chàileachd.

Lèirsinn, luachan agus amasan a tha 'lag'

Chan eil lèirsinn, luachan no amasan soilleir no air an conaltradh gu h-èifeachdach ri clann, teaghlaichean, com-pàirtichean agus a’ choimhearsnachd nas fharsaing. Chan eil ach beagan fòcais aca air cho cudromach ’s a tha leasachadh.

Chan eil clann is teaghlaichean a’ faighinn seirbheis a tha a rèir nam miannan co-roinnte aca. Chan eil fios aig a h-uile duine a tha an sàs san t-seirbheis air an lèirsinn, luachan no amasan, no air an dreuchd aca fhèin ann a bhith gan adhartachadh.

Chan eil mòran buaidh aig atharrachaidhean a thèid a dhèanamh air cleachdadh, àbhaistean no air an t-seirbheis air cloinn is teaghlaichean. Tha an neach-aireach a’ cur an aghaidh atharrachadh agus tha seo a’ toirt droch bhuaidh air an comas builean nas fheàrr a lìbhrigeadh. Tha cothroman gan call airson meòrachadh agus atharrachadh adhartach a thoirt gu buil airson cloinn agus teaghlaichean.

Eisimpleirean de dh’fhèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh

Fèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh a tha 'glè mhath'

Le fèin-luachadh amasach a tha air a dhèanamh gu ciallach, is urrainn don neach-aireach-cloinne cùram is ionnsachadh àrd-inbhe a lìbhrigeadh a tha freagarrach do dh’fheumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Tha bhith dèanamh cinnteach gu bheil beachdan chloinne, theaghlaichean is chom-pàirtichean gan cleachdadh airson leasachadh fhiosrachadh, aig cridhe a’ phròiseas fèin-luachaidh. Is urrainn don neach-aireach-cloinne sealltainn far a bheil na beachdan sin gan cleachdadh gus atharrachadh fhiosrachadh, agus dèanamh cinnteach à leasachadh agus builean adhartach do chloinn is do theaghlaichean uile.

Bidh dearbhadh càileachd a’ toirt taic do luchd-aireach-cloinne a bhith a’ leasachadh is a’ cumail suas sàr chùram do chloinn. Bidh luchd-aireach a’ dèanamh cinnteach gu bheil sàr chùram, cluich agus ionnsachadh aig cridhe dealbhadh leasachaidh.

Tha cleachdadh air leth èifeachdach air a chomharrachadh agus air a cho-roinn taobh a-muigh na seirbheis gus leasachaidhean a chur air adhart a tha air leantainn gu builean adhartach do chloinn. Tha leasachadh, soirbheachas agus coileanadh leantainneach airson a h-uile pàiste aig cridhe cur an gnìomh ro-innleachdan leasachaidh. Tha iad sin buntainneach do chomhairle ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus thathar a’ cur an sàs stiùireadh air cleachdadh as fheàrr, gu h-èifeachdach, gus taic a thoirt do dh’atharrachaidhean smaoineachail.

Fèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh a tha 'lag'

Tha fèin-luachadh airson leasachadh aig ìre thràth agus chan eil e air leantainn gu leasachadh seasmhach. Chan eil clann is teaghlaichean an sàs gu brìoghmhor anns a’ phròiseas fèin-luachaidh. Mar thoradh air sin, chan eil iad a’ faireachdainn gu bheil iad fiosraichte mu atharrachaidhean no carson a tha iad a’ tachairt.

Chan eil clann no teaghlaichean a’ faighinn cùram de dheagh chàileachd air sgàth planadh leasachaidh neo-chunbhalach agus neo-èifeachdach. Chan eil sgilean is comas gu leòr ann gus taic a thoirt do leasachadh èifeachdach.

Is dòcha nach bi luchd-airich-chloinne a’ toirt cothrom do luchd-taice (far a bheil sin buntainneach), do chloinn no teaghlaichean, gearanan no raointean airson leasachadh a chomharrachadh le misneachd. Chan eil iad a’ freagairt fios-air-ais gu sgiobalta agus mar thoradh air sin chan urrainnear leasachaidhean a chomharrachadh no a thoirt air adhart.

Cha deach cothrom a ghabhail gus raon de chom-pàirtichean proifeiseanta a thoirt a-steach no a chleachdadh gus fiosrachadh a thoirt do dhealbhadh leasachaidh. Tha beàrnan mòra anns na raointean a tha còmhdaichte leis na siostaman dearbhadh càileachd. Tha eòlasan agus builean chloinne bochd, leis nach eil neo-chunbhalachd ann an cùram air a chomharrachadh gu h-iomlan agus chan eil sin a’ sealltainn far a bheil raointean airson leasachadh.

Eisimpleirean airson trusadh is inntrigeadh luchd-obrach

Trusadh is inntrigeadh luchd-obrach a tha 'glè mhath'

Tha luchd-airich-chloinne a bhios a’ fastadh luchd-taice a’ tuigsinn gu bheil sgioba seasmhach is sgileil riatanach airson sunnd chloinne. Tha luchd-taice air an trusadh ann an dòigh a tha stèidhichte air gach roinn de chleachdaidhean fastaidh nas sàbhailte.

Bidh luchd-airich-chloinne a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-taice ùr air an trusadh gu sàbhailte agus gu bheil iad a’ tuigsinn an dleastanasan san sgioba. Nuair a bhios luchd-airich-chloinne a’ trusadh, bidh iad a’ conaltradh gu soilleir prìomh luachan na seirbheis aca agus a’ measadh a bheil luachan an neach-taice iomchaidh. Bidh iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil na sgilean ceart aig luchd-taice agus gu bheil iad freagarrach airson obrachadh le clann. Tha cothroman aig cloinn is teaghlaichean a bhith an sàs sa phròiseas ann an dòigh bhrìoghmhor. Tha iad air an cumail fiosraichte agus air an cur an aithne luchd-taice ùr no sealach.

Tha prògraman inntrigidh mionaideach agus pearsanaichte ann gus luchd-taice a chuideachadh agus dèanamh cinnteach gu bheil iad misneachail ann a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan chloinne fa leth. Bidh luchd-airich-chloinne a’ cleachdadh raon de ghoireasan, a’ gabhail a-steach ‘Tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne: goireas inntrigidh nàiseanta’, gus luchd-taice ùr uidheamachadh leis an eòlas agus na sgilean a tha riatanach airson cùram àrd-inbhe a thoirt do leanabanan is clann.

Tha pròiseasan soilleir ann airson luchd-taice a mheantoradh agus a chuideachadh, le ùine air a riarachadh gus seo a thoirt air adhart. Tha na dòighean-obrach seo a’ toirt taic do bhuilean àrd-inbhe airson a h-uile pàiste.

Trusadh is inntrigeadh luchd-obrach a tha 'lag'

Dh’fhaodadh na modhan trusaidh leas no sàbhailteachd chloinne a chur ann an cunnart. Dh’fhaodadh eileamaidean chudromach den phròiseas a bhith air an dearmad. Mar eisimpleir, sgrùdadh bheàrnan ann an eachdraidh cosnaidh no clàran smachdachaidh; no leigeil le luchd-taice tòiseachadh ag obair mus tèid na sgrùdaidhean riatanach uile a dhèanamh no fhaighinn.

Chan eil anns a’ phròiseas inntrigidh ach aon thachartas a tha ag amas air poileasaidhean agus modhan-obrach a mhàin. Chan eil mòran aire ga thoirt do dh’fheumalachdan cùraim, taice agus ionnsachaidh chloinne. Mar thoradh air sin, chan eil am fiosrachadh gu lèir a dh’fheumas luchd-taice ùr aca, gus cùram agus taic a thoirt do chloinn gu sàbhailte.

Ceistean dùbhlain airson ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan

Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:

  • Dè cho èifeachdach ’s a tha mi a’ toirt a-steach daoine eile gus lèirsinn agus adhbhar co-roinnte a leasachadh airson na seirbheis agam?
  • Dè cho math ’s a bhios lèirsinn, luachan agus amasan a’ fiosrachadh mar a tha an t-seirbheis ga lìbhrigeadh?
  • Ciamar a bhios pròiseasan dearbhadh càileachd a’ leasachadh bhuilean do chloinn is do theaghlaichean?
  • Ciamar a bhios fèin-luachadh gam chuideachadh a’ dèanamh leasachaidhean do chloinn is do theaghlaichean?
  • Ciamar a bhios sgrìobhainnean cleachdaidh as fheàrr agus stiùireadh air an leantainn gu leasachadh ann an eòlasan agus builean chloinne?
  • Ciamar a chleachd mi guthan chloinne gus cleachdadh agus solar a luachadh agus fhiosrachadh?
  • Ciamar a tha clann is teaghlaichean air an comasachadh gus prìomh phàirt a ghabhail anns an turas leasachaidh leantainneach?
  • Ciamar a nì mi cinnteach gu bheil pròiseasan trusadh luchd-obrach a’ nochdadh deagh chleachdadh làithreach agus stiùireadh nàiseanta?
  • Ciamar a nì mi cinnteach gu bheil mi a’ fastadh luchd-taice leis na luachan, na sgilean agus an t-eòlas ceart gus taic a thoirt dhomh sàr sheirbheis a thoirt seachad?
  • Ciamar a nì mi cinnteach gu bheil am pròiseas inntrigidh a’ cuideachadh mo luchd-taice gus an dreuchd agus na dleastanasan aca a thuigsinn agus dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan chloinne air an coinneachadh?