Ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan

’S e comharra càileachd 'ceannardais' a th’ ann an ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh.

Tha eisimpleirean de cheannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan rim faighinn cuideachd airson tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne agus luchd-airich-chloinne.

Cuspairean airson ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan

Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:

  • lèirsinn, luachan agus amasan
  • fèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh
  • trusadh is inntrigeadh luchd-obrach

Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo

Tha an comharra seo a’ nochdadh gum feum luchd-stiùiridh dèanamh cinnteach gu bheil sealladh àrd-amasach, co-roinnte aca a tha a’ cuimseachadh air leasachaidhean agus builean adhartach dha na h-uile. Bu chòir gum biodh feallsanachd làidir ann de leasachadh leantainneach a neartaicheas sàr chleachdadh. Tha e ag amas air cunntachalachd, dleastanas agus luachan co-roinnte mar fheartan chudromach ann a bhith a’ togail agus a’ cumail suas sgioba proifeasanta.

Tha e a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha dòighean-obrach chom-pàirteachais a thaobh fèin-luachadh agus leasachadh leantainneach. Tha cuideam air an fheum air ceannardas làidir agus tuigse cho-roinnte air neartan agus raointean airson leasachadh. Bidh buaidh fèin-luachaidh agus dearbhadh càileachd a’ leantainn gu deagh bhuilean seasmhach airson cloinn agus teaghlaichean.

Tha an comharra seo ag amas air riaghladh cho-dhùnaidhean mu luchd-obrach agus cho cudromach ’s a tha seo airson càileachd eòlasan is builean iomlan chloinne. Tha e a’ toirt taic do mhodhan trusaidh sàbhailte stèidhichte air luachan a nì cinnteach gu bheil luchd-obrach air am fastadh aig a bheil trèanadh agus a tha comasach agus sgileil gus builean adhartach a bhrosnachadh do chloinn. Tha seo a’ toirt a-steach prògram inntrigidh coileanta gus taic agus stiùireadh a thoirt do luchd-obrach nan dreuchdan agus nan dleastanasan.

Tha fòcas soilleir air cleachdadh a cho-thaobhadh ri poileasaidh, reachdas agus frèamaichean-obrach is inbhean stèidhichte air còraichean nàiseanta. Tha seo a’ gabhail a-steach Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC) agus Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta, a bheir taic do luchd-obrach ann a bhith a’ lìbhrigeadh cùram altraim sàbhailte agus freagairteach a choinnicheas ri feumalachdan fa leth chloinne.

Eisimpleirean de lèirsinn, luachan agus amasan

Lèirsinn, luachan agus amasan a tha 'glè mhath'

Bidh sinn a’ brosnachadh, ag adhartachadh agus air leth dealasach a thaobh lèirsinn cho-roinnte a tha a’ nochdadh nan ìrean as àirde airson cloinn, teaghlaichean, com-pàirtichean agus a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Tha clann is teaghlaichean air an gabhail a-steach gu gnìomhach ann an dealbhadh agus ath-sgrùdadh ar lèirsinn, ar luachan agus ar n-amasan. Tha iad sin a rèir àrd-mhiannan ar cloinne agus ar teaghlaichean. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil leasachaidhean sam bith a tha san amharc a’ toirt aire iomchaidh do chòraichean, ùidhean, cheistean, fheumalachdan agus roghainnean chloinne.

Bidh luchd-stiùiridh a’ cruthachadh àrainneachd far a bheil a h-uile duine a’ faireachdainn misneachail a thaobh atharrachadh fiosraichte a thòiseachadh agus uallach a ghabhail airson a’ phròiseis. Cuidichidh seo sinn a’ tuigsinn dè tha cudromach nuair a thathar a’ coinneachadh ri feumalachdan chloinne is theaghlaichean. Bidh conaltradh èifeachdach a’ dèanamh cinnteach à sealladh soilleir air ar lèirsinn, ar luachan agus ar n-amasan gus am bi an sgioba luchd-obrach uile agus clann is teaghlaichean air an toirt a-steach ann a bhith gan coileanadh.

Tha ar luachan air an cur an sàs ann am beatha làitheil an t-suidheachaidh agus a’ toirt buaidh air ar cleachdadh. Tha ceannardas stèidhichte gu soilleir air prionnsabalan sàr chùram-chloinne, cluich agus com-pàirteachadh gnìomhach le clann agus an teaghlaichean.

Lèirsinn, luachan agus amasan a tha 'lag'

Chan eil ar lèirsinn, ar luachan no ar n-amasan soilleir. Chan eil iad air an cruthachadh gu h-èifeachdach le clann, teaghlaichean, com-pàirtichean agus a’ choimhearsnachd nas fharsaing, no air an conaltradh riutha gu h-èifeachdach. Chan eil ach beagan fòcais againn air cudromachd leasachaidh.

Chan eil clann is teaghlaichean a’ faighinn seirbheis a tha a rèir nam miannan co-roinnte aca. Chan eil fios aig a h-uile duine a tha an sàs san t-seirbheis air an lèirsinn, na luachan no amasan againn, no air an dreuchd aca fhèin ann a bhith gan adhartachadh. Chan eil sinn a’ faighinn taic gus meòrachadh air an lèirsinn, na luachan agus na h-amasan ann an dòigh bhrìoghmhor, agus mar sin chan eil iad sin air an nochdadh ann an cleachdadh.

Chan eil mòran buaidh aig atharrachaidhean a thèid a dhèanamh air ar cleachdadh agus air an t-seirbheis air cloinn is teaghlaichean. Tha strì an aghaidh atharrachadh ann a bheir droch bhuaidh air ar comas builean nas fheàrr a lìbhrigeadh. Tha cothroman gan call airson meòrachadh agus atharrachadh adhartach a thoirt gu buil airson cloinn, teaghlaichean agus a chèile.

Eisimpleirean de dh’fhèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh

Fèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh a tha 'glè mhath'

Le fèin-luachadh amasach a tha air a dhèanamh gu ciallach, is urrainn dhuinn cùram is eòlasan cluiche àrd-inbhe a lìbhrigeadh a tha freagarrach do dh’fheumalachdan is roghainnean chloinne is theaghlaichean. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil beachdan chloinne, theaghlaichean is chom-pàirtichean a’ fiosrachadh leasachadh agus gu bheil iad aig cridhe ar pròiseas fèin-luachaidh. Bidh luchd-stiùiridh a’ sealltainn far a bheil na beachdan sin a’ fiosrachadh atharrachadh, agus a’ dèanamh cinnteach mu leasachadh agus deagh bhuilean do chloinn is do theaghlaichean uile. Bidh sinn a’ meòrachadh còmhla agus a’ cleachdadh nam meòrachaidhean sin gus atharrachadh adhartach a thoirt gu buil.

Tha inbhean agus dùilean aontaichte aig na pròiseasan dearbhadh càileachd againn a tha a h-uile neach-obrach a’ tuigsinn. Leigidh pròiseasan, a tha a’ toirt a-steach sgrùdadh agus cruinneachadh dàta aig an àm cheart, leinn raointean airson leasachadh a chomharrachadh gu cunbhalach. Tha atharrachadh seasmhach a’ tachairt airson gu bheil astar an atharrachaidh iomchaidh.

Tha cleachdadh air leth èifeachdach air a chomharrachadh agus air a cho-roinn taobh a-staigh agus taobh a-muigh na seirbheis gus leasachaidhean a chur air adhart, a tha air leantainn gu deagh bhuilean do chloinn. Bidh luchd-stiùiridh a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ faighinn sàr chùram agus gu bheil eòlasan cluiche beairteach aig cridhe dealbhadh leasachaidh.

Fèin-luachadh, dearbhadh càileachd agus cur an gnìomh atharrachadh a tha 'lag'

Tha fèin-luachadh airson leasachadh aig ìre thràth agus chan eil e air leantainn gu leasachadh seasmhach. Chan eil clann is teaghlaichean an sàs gu brìoghmhor anns a’ phròiseas fèin-luachaidh. Mar thoradh air sin, chan eil iad a’ faireachdainn gu bheil iad fiosraichte mu atharrachaidhean no carson a tha iad a’ tachairt.

Chan eil clann no teaghlaichean a’ faighinn cùram de dheagh chàileachd air sgàth planadh leasachaidh neo-chunbhalach agus neo-èifeachdach. Tha dìth sgilean agus comais san sgioba againn a’ cur bacadh air ar comas leasachaidhean èifeachdach a thoirt gu buil.

Chan eil sinn a’ toirt cothrom èifeachdach do luchd-obrach no do theaghlaichean gearanan a thogail no leasachaidhean a mholadh le misneachd. Chan eil luchd-stiùiridh a’ freagairt gu sgiobalta ri fios-air-ais, agus mar sin tha atharrachadh ro shlaodach airson leasachaidhean a thoirt gu buil.

Cha deach cothrom a ghabhail gus raon de chom-pàirtichean a thoirt a-steach no a chleachdadh gus fiosrachadh a thoirt don phlanadh leasachaidh againn. Tha ar cleachdadh air iomall chùisean agus is dòcha nach eil e a rèir bheachdan nàiseanta mar thoradh air sin. Tha beàrnan mòra anns na raointean a tha còmhdaichte leis na siostaman dearbhadh càileachd againn. Tha eòlasan agus builean chloinne bochd, leis nach eil neo-chunbhalachd ann an cleachdadh air a chomharrachadh gu h-iomlan agus chan eil sin a’ sealltainn far a bheil raointean airson leasachadh.

Eisimpleirean airson trusadh is inntrigeadh luchd-obrach

Trusadh is inntrigeadh luchd-obrach a tha 'glè mhath'

Tha luchd-stiùiridh ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e sgioba seasmhach is sgileil a thrusadh agus a chumail airson sunnd chloinne is luchd-obrach san t-seirbheis. Tha luchd-obrach air an trusadh ann an dòigh a tha stèidhichte air gach taobh de chleachdaidhean fastaidh nas sàbhailte.

Bidh luchd-stiùiridh a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach ùr air an trusadh gu sàbhailte agus gu bheil iad a’ tuigsinn an dleastanasan san sgioba. Bidh sinn a’ toirt prìomhachas do thrusadh stèidhichte air luachan le bhith a’ conaltradh gu soilleir na luachan as cudromaiche dhuinn agus a’ beachdachadh a bheil luachan nan tagraichean a’ co-thaobhadh. Tha cothroman aig cloinn is teaghlaichean a bhith an sàs sa phròiseas ann an dòigh bhrìoghmhor. Tha iad air an cumail fiosraichte agus air an cur an aithne luchd-obrach ùr no sealach.

Tha prògraman inntrigidh againn a tha mionaideach agus sònraichte do gach neach gus coinneachadh ris na diofar dhreuchdan san t-seirbheis. Bidh sinn a’ cleachdadh raon de ghoireasan gus luchd-obrach ùr uidheamachadh leis an eòlas agus na sgilean a tha riatanach airson sàr chùram a thoirt do chloinn. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil iad a’ faireachdainn misneachail coinneachadh ri feumalachdan chloinne fa leth.

Tha pròiseasan soilleir againn airson luchd-obrach a mheantoradh agus a chuideachadh, le ùine air a riarachadh gus seo a thoirt air adhart. Tha meantoran soilleir mu na dreuchdan agus na dleastanasan aca, agus tha fiosrachadh sgrìobhte aca air am faod iad coimhead. Còmhla, tha na dòighean-obrach seo a’ toirt taic do dheagh bhuilean airson a h-uile pàiste san t-seirbheis againn.

Trusadh is inntrigeadh luchd-obrach a tha 'lag'

Dh’fhaodadh na modhan trusaidh leas no sàbhailteachd chloinne a chur ann an cunnart. Dh’fhaodadh eileamaidean chudromach den phròiseas a bhith air an dearmad. Mar eisimpleir, sgrùdadh bheàrnan ann an eachdraidh cosnaidh no clàran smachdachaidh; no leigeil le luchd-obrach tòiseachadh ag obair mus tèid na sgrùdaidhean riatanach uile a dhèanamh no fhaighinn.

Chan eil anns a’ phròiseas inntrigidh againn ach aon thachartas a tha ag amas air poileasaidhean agus modhan-obrach a mhàin. Chan eil mòran aire ga thoirt do dh’fheumalachdan cùraim agus taice chloinne. Mar thoradh air sin, chan eil am fiosrachadh gu lèir a dh’fheumas luchd-obrach ùr aca gus cùram agus taic a thoirt do chloinn gu sàbhailte.

Chan eil rèiteachaidhean meantoraidh, ma tha iad ann idir, air an deagh bheachdachadh agus chan eil iad a’ toirt taic do luchd-obrach gus an dreuchd aca a thuigsinn nas fheàrr. Chan eil ùine gu leòr air a thoirt do luchd-obrach a tha a’ gabhail os làimh dreuchdan meantoraidh gus seo a dhèanamh gu math.

Ceistean dùbhlain airson ceannardas agus riaghladh luchd-obrach agus ghoireasan

Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:

  • Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ toirt a-steach daoine eile gus lèirsinn agus adhbhar co-roinnte a leasachadh airson ar suidheachaidh?
  • Dè cho math ’s a tha ar lèirsinn, ar luachan agus ar n-amasan a’ toirt buaidh air ar cleachdadh làitheil?
  • Ciamar a tha fios againn gu bheil na pròiseasan dearbhadh càileachd againn a’ leasachadh bhuilean do chloinn is do theaghlaichean?
  • Ciamar a tha luchd-obrach air an comasachadh gus fèin-luachadh a chleachdadh airson leasachaidhean a chur an sàs do chloinn is do theaghlaichean?
  • Ciamar a bhios sgrìobhainnean cleachdaidh as fheàrr agus stiùireadh air an leantainn gu leasachadh ann an eòlasan agus builean chloinne?
  • Ciamar a tha na dòighean-obrach againn a’ toirt taic do chloinn, do theaghlaichean agus do chom-pàirtichean gus ar cleachdadh agus ar leasachaidhean a luachadh agus fhiosrachadh?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil pròiseasan trusaidh luchd-obrach a’ nochdadh deagh chleachdadh làithreach agus stiùireadh nàiseanta?
  • Dè na dòighean anns a bheil sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil am pròiseas trusaidh againn a’ tàladh dhaoine leis na luachan, na sgilean agus an t-eòlas ceart airson na dreuchd?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil na pròiseasan inntrigidh againn air an dealbhadh gus coinneachadh ri feumalachdan dhiofar dhreuchdan is dhleastanasan luchd-obrach?