Clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean

Is e comharra càileachd ‘clann a’ soirbheachadh agus a’ leasachadh ann an sàr àitichean’ a tha a-nis air ainmeachadh mar an ‘clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean’. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh.

Tha eisimpleirean de chloinn a’ faighinn eòlas air sàr àitichean rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-cloinne agus luchd-airich-chloinne.

Cuspairean airson clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean

Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:

  • càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichean
  • clann a’ toirt buaidh air atharrachadh
  • riaghladh fiosrachaidh

Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo

Tha an comharra seo a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha e àrainneachd chorporra shàbhailte, thèarainte agus bhrosnachail a bhith ann, ge bith a bheil e a-staigh, a-muigh no measgachadh de na dhà. Tha e a’ sealltainn gu bheil feum air àitichean corporra a tha a’ nochdadh feumalachdan, ùidhean agus ìrean leasachaidh eadar-dhealaichte chloinne. Bu chòir don àrainneachd a bhith in-ghabhalach agus a’ comharrachadh iomadachd, a’ gabhail a-steach eadar-dhealachaidhean ann an cainnt, cànan agus conaltradh. Nuair a thathar a’ dealbhadh agus a’ luachadh àitichean do chloinn, bu chòir beachdachadh gu faiceallach air rannsachadh làithreach agus deagh chleachdaidhean. Bu chòir ‘Àite airson Fàs agus Soirbheachadh’ a chleachdadh mar a phrìomh ghoireas.

Tha a’ chòir air cluich a-muigh gach latha ga h-aithneachadh, a’ sealltainn gum bu chòir luach a chur air seo agus a lìbhrigeadh gu math. Tha cuideam ga chur air tuigse luchd-obrach air a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig cluich a-muigh air leasachadh iomlan chloinne, agus air na cothroman a bheir e seachad airson ionnsachadh mun t-saoghal mhòr.

Tha an comharra seo ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha àrainneachd chorporra chloinne a tha air a deagh chumail suas. Tha e a’ cur cuideam air an fheum air cumail suas cunbhalach air an togalach, goireasan agus uidheamam. Tha aithneachadh ann, ged a dh’fheumar clann a chumail sàbhailte, gu bheil cluich chloinne a’ toirt cothrom dhaibh tomhas de riosg a ghabhail agus ionnsachadh bhuaithe. Bu chòir beachdachadh air a h-uile taobh de thèarainteachd, a’ gabhail a-steach tèarainteachd thogalaichean agus stòradh chlàran is fiosrachadh dìomhair.

Eisimpleirean airson càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichean

Càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichean a tha 'glè mhath'

Tha an àrainneachd chorporra againn, a-staigh agus a-muigh, fàilteachail, a’ coinneachadh gu h-iomlan ri feumalachdan chloinne, agus làn uidheamaichte. Tha e a’ toirt teachdaireachd làidir do chloinn gu bheil iad cudromach.

Bidh sinn a’ dèanamh an fheum as fheàrr de na goireasan a tha againn gus àrainneachd chorporra bhrosnachail a chruthachadh, a chumail suas agus a leasachadh. Mar thoradh air sin, bidh an àrainneachd chorporra againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ faighinn sàr eòlasan ionnsachaidh a tha a rèir nam feumalachdan agus nan ùidhean aca. Tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha cluich làitheil a-muigh agus na buannachdan a tha an lùib seo airson sunnd a leasachadh. Tha clann a’ faighinn taic gus a bhith a’ rannsachadh gu gnìomhach agus a bhith ag ionnsachadh mun t-saoghal mhòr.

Bidh sinn ag obair sa bhad gus dèanamh cinnteach mu shàbhailteachd is tèarainteachd chloinne, luchd-tadhail agus a chèile. Bidh sinn a’ dèanamh, a’ tuigsinn agus a’ roinneadh measaidhean cunnairt iomchaidh. Bidh sinn a’ cumail sùil air clann le bhith mothachail air cunnart. Tha fios againn an-còmhnaidh cò a tha nar cùram, ge bith a bheil iad a-staigh, a-muigh no anns a’ choimhearsnachd fharsaing. Mar thoradh air sin, tha clann sàbhailte agus chan eil na cothroman aca gus eòlasan cluiche dùbhlanach is spòrsail /fheuchainn, air am bacadh.

Ged a tha sinn a’ cur prìomhachas air sàbhailteachd chloinne, tha sinn a’ gabhail ri dòigh-obrach dheimhinneach, chothromach a thaobh cunnart ann an cluich chloinne. Bidh clann an sàs ann an raon farsaing de dh’eòlasan cluiche dùbhlanach is inntinneach. Tro na h-eòlasan sin, bidh clann a’ togail am misneachd annta fhèin agus ag ionnsachadh measadh a dhèanamh air cunnartan agus an riaghladh, a’ leasachadh sgilean agus foghainteachd riatanach.

Tha sinn air trèanadh math fhaighinn air ceumannan casg is smachd ghalaran. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil tuigse shoilleir agus misneachd againn air sàr àrainneachd ghlan is sàbhailte a lìbhrigeadh agus adhartachadh. Tha seo a’ toirt a-steach tuigse air ullachaidhean glanaidh agus sàbhailteachd bìdh. Far a bheil feum aig clann air cùram pearsanta, bidh rèiteachaidhean air an dealbhadh gu h-èifeachdach agus bidh luchd-obrach a’ cumail suas ìrean àrda de chasg agus smachd air galaran. Tha làn spèis air a thoirt do phrìobhaideachd, urram agus roghainnean chloinne agus tha goireasan iomchaidh ann airson an glanadh is an sgioblachadh.

Bidh rèiteachaidhean ag obair gu math airson sgrùdadh, cumail suas agus càradh suidheachaidh, uidheamachd, agus carbadan sam bith agus thèid an cur an gnìomh gu cunbhalach. Thèid rudan ùra a chur an àite rudan millte gu sgiobalta.

Càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichean a tha 'lag'

Dh’fhaodadh an àrainneachd chorporra a bhith a’ faireachdainn nach eileas a’ coimhead às a dhèidh seach a bhith blàth is fàilteachail do chloinn. Chan eil mòran aire ga thoirt do bhith a’ toirt coltas càileir air an àite no a sgeadachadh, agus tha càileachd na h-àirneise agus nan goireasan bochd. Dh’fhaodadh gu bheil droch fhàileadh ann no fuaim dhraghail. San fharsaingeachd, chan eil an àrainneachd chorporra, an àirneis no na goireasan iomchaidh, le cothroman gann airson stuthan inntinneach agus obair chloinne a thaisbeanadh.

Chan eil cruth na h-àrainneachd chorporra a’ leigeil le clann an cluich fhèin a stiùireadh. Chan eil na goireasan a tha an luchd-obrach a’ toirt seachad a’ toirt taic do chom-pàirteachadh chloinne no a’ nochdadh na h-ìre leasachaidh aig a bheil iad.

Chan eil ach beagan tuigse aig luchd-obrach air buannachdan a’ bhlàir a-muigh do chloinn. Chan eil clann a’ faighinn taic gu leòr gus faighinn chun a’ bhlàir a-muigh. Chan eil an cleachdadh no an rannsachadh as fheàrr a th’ againn an-dràsta air an cleachdadh gu h-èifeachdach gus ar n-eòlas san raon seo fhiosrachadh. Chan eil sinn an-còmhnaidh ag aithneachadh cuin a dh’fheumas clann eòlasan nas beòthaile. Cha deach cnapan-starra do chluich is com-pàirteachadh a-muigh aithneachadh agus cha deach beachdachadh orra gu leòr. Tha seo a’ ciallachadh nach eil an àrainneachd chorporra a’ coinneachadh ri feumalachdan chloinne.

Chan eil sinn an-còmhnaidh ag obair gu math còmhla gus àrainneachd shàbhailte a bhrosnachadh do chloinn. Is dòcha nach eil tuigse gu leòr againn air leasachadh chloinne agus is dòcha nach aithnich sinn cuin a dh’fhaodadh nithean làitheil a bhith cunnartach. Mar thoradh air sin, dh’fhaodadh clann a bhith ann an cunnart bho chron a ghabhadh a sheachnadh.

Dh’fhaodadh gu bheil sinn a’ cuingealachadh eòlasan chloinne gun adhbhar agus dh’fhaodadh sin buaidh a thoirt air misneachd na cloinne. Dh’fhaodadh cus bacaidh a bhith air cothroman cluiche, a’ dèanamh cron air eòlasan chloinne. Chan eil na modhan-obrach againn airson casg is smachd ghalaran làidir agus tha iad a’ meudachadh cunnart gun sgaoil galaran.
Is dòcha nach eil na h-ullachaidhean airson tèarainteachd san t-suidheachadh, a-muigh agus sa choimhearsnachd fharsaing, air an deagh bheachdachadh. Tha comas ann gum faigh clann a-mach às an t-suidheachadh gun fhiosta don luchd-obrach. Dh’fhaodadh seo an cur ann an cunnart.

Eisimpleirean airson clann a’ toirt buaidh air atharrachadh

Clann a’ toirt buaidh air atharrachadh a tha 'glè mhath'

Tha tòrr com-pàirt aig clann ann a bhith a’ toirt buaidh air dealbhadh is cleachdadh àitichean, a bheir dhaibh teachdaireachd làidir, shoilleir gu bheil iad cudromach. Bidh sinn an sàs gu gnìomhach le clann gus an urrainn dhaibh an cluich is an eòlasan a stiùireadh san dòigh a thogras iad. Thathar ag èisteachd ris a’ chloinn agus tha fios aca gu bheil na beachdan aca cudromach. Tha sinn a’ tuigsinn comasan a h-uile pàiste. Bidh sinn ag atharrachadh ar cleachdaidhean gus coinneachadh ris na feumalachdan aca agus gus an guthan a chomasachadh.

Tha an àrainneachd againn a’ toirt chothroman do chloinn co-dhùnaidhean a dhèanamh agus rudan a dhèanamh leotha fhèin taobh a-staigh crìochan sàbhailte an t-suidheachaidh againn. Tha iad air am brosnachadh gus a’ mhòr-chuid de thaobhan den chluich aca a stiùireadh, agus bidh sinn gan cuideachadh gus uallach a ghabhail dhaibh fhèin aig amannan leithid àm greim-bìdh no nuair a bhios iad sa bhlàr a-muigh. Tro chluich a-muigh, tha clann ag ionnsachadh mu sheasmhachd, a’ faighinn tuigse nas doimhne air mar a choimheadas iad às dèidh agus a ghleidheas iad an àrainneachd nàdarra. Bidh an dòigh-obrach againn a’ cumail clann an sàs agus a’ meudachadh am misneachd.

Tha àrainneachd in-ghabhalach againn far a bheil misneachd aig cloinn nan comasan fhèin. Bidh àirneis is goireasan, a tha air an taghadh gu faiceallach agus air an cur ann an deagh shuidheachadh, a’ toirt taic do gach pàiste roghainnean a dhèanamh agus cluich gu saor. Tha na goireasan is na stuthan againn eadar-dhealaichte, sùbailte agus freagairteach, a’ freagairt air comasan, feumalachdan agus ùidhean fa leth na cloinne. Tha sinn a’ tuigsinn na deagh bhuaidh a th’ aig cluiche beairteach, ioma-mhothachaidh air com-pàirteachadh, foghainteachd agus sunnd chloinne.

Tha àrainneachd thaiceil againn far a bheil luach ga chur ann an cloinn agus aithne ga thoirt dhaibh. Bidh sàr ghoireasan agus àitichean a’ brosnachadh iomadachd, co-ionannachd agus in-ghabhail. Tha clann, an teaghlaichean agus coimhearsnachdan nas fharsainge air an nochdadh gu deimhinneach anns na goireasan, na h-àitichean agus na h-eòlasan a tha rim faighinn. Tha clann a’ faireachdainn gu bheil iad air am faicinn agus air an toirt a-steach. Tha an suidheachadh beairteach againn a’ toirt làn thaic do chloinn gus an eòlas, an spèis agus an tuigse air a’ choimhearsnachd aca agus air an t-saoghal mhòr, a leasachadh.

Clann a’ toirt buaidh air atharrachadh a tha 'lag'

Chan eilear a’ sireadh no a’ toirt aire do dh’fheumalachdan agus beachdan chloinne gu cunbhalach nuair a thathar a’ dealbhadh na h-àrainneachd chorporra no nuair a thathar a’ dealbhadh eòlasan agus a’ cruthachadh chleachdaidhean làitheil.

Chan eil taic ga thoirt do neo-eisimeileachd chloinne agus chan urrainn dhaibh an cleachdaidhean cùraim, an cluich no na gnìomhan aca fhèin a stiùireadh. Chan eil na h-eòlasan a tha sinn a’ tabhann a’ tàladh is a’ brosnachadh chloinne. Chan eil sinn a’ cur mòran ri an leasachadh gu bhith nan daoine òga soirbheachail.

Nuair a tha sinn a’ gabhail cùram de ghoireasan san t-seirbheis, a’ gabhail a-steach an àrainneachd nàdarra, cha bhi sinn a’ toirt aire do sheasmhachd. Chan eil sinn a’ toirt seachad mòran chothroman, ma tha gin idir, do chloinn ionnsachadh mu sheasmhachd agus cùram a ghabhail den àrainneachd nàdarra aca. Chan eil sinn a’togail an aire mu dhroch chleachdaidhean a thaobh lughdachadh sgudail agus a’ bhuaidh a th' aig ar cleachdadh de ghoireasan nàdarra.

Tha ar solar de ghoireasan is uidheam cluiche gann agus, uaireannan, seann-fhasanta agus neo-iomchaidh. Is dòcha nach eil clann air am brosnachadh agus bidh iad a’ call ùidh leis nach eil goireasan is gnìomhachd brosnachail ann. Chan eil leud is cothromachadh anns na goireasan againn agus chan eil iad a’ coinneachadh gu leòr ri feumalachdan leasachaidh chloinne.

Ann an cuid de chùisean, dh’fhaodadh clann agus an teaghlaichean fulaing leth-bhreith mar thoradh air goireasan seann-fhasanta no neo-iomchaidh. Tha comas aig seo droch bhuaidh a thoirt air fèin-spèis chloinne agus an eòlas agus an tuigse air an t-saoghal mun cuairt orra.

Dh’fhaodadh gu bheil ar dòigh-obrach a thaobh cunnart a’ seachnadh cunnart cus, no is dòcha nach eil cunnart air a bheachdachadh gu math. Tha seo follaiseach ann an cruth nan àitichean a-staigh agus a-muigh. Dh’fhaodadh seo leantainn gu cron. Is dòcha nach bi sinn ag obair gu h-èifeachdach le teaghlaichean gus an tuigse air buannachdan cluiche is eòlasan ionnsachaidh a-muigh nas cunnartaiche, a dhoimhneachadh.

Eisimpleirean airson riaghladh fiosrachaidh

Riaghladh fiosrachaidh a tha 'glè mhath'

Tha an àrainneachd chorporra againn tèarainte is sàbhailte do chloinn agus aig an aon àm a’ toirt urram do na còraichean aca agus a’ nochdadh ar n-amasan is ar prìomh chinn-uidhe. Tha cleachdadh CCTV laghail, cothromach agus co-rèireach, agus a’ dìon an urraim. Chan eil e air a chleachdadh ach airson taic a thoirt do lìbhrigeadh cùram sàbhailte, èifeachdach agus coibhneil do chloinn.

Tha dìon fiosrachadh pearsanta chloinne air leth cudromach agus tha e a’ gèilleadh ri deagh chleachdadh agus riatanasan laghail iomchaidh. Tha ar luchd-stiùiridh agus ar luchd-obrach fiosraichte mu na dleastanasan aca agus tha na sgilean aca gus an coileanadh gu làidir. Tha siostaman èifeachdach is buadhmhor ann airson clàran a chumail. Tha seo a’ gabhail a-steach riaghladh fiosrachadh dealanach a tha a rèir riatanasan dìon dàta coitcheann agus comhairle mu bhagairtean saidhbeir. Tha ar luchd-obrach a’ tuigsinn agus a’ cur an gnìomh gu h-iomlan na dreuchdan agus na dleastanasan aca a thaobh riaghladh fiosrachaidh.

Riaghladh fiosrachaidh a tha 'lag'

Chan eil luchd-obrach a’ tuigsinn gu math mar a chleachdas sinn CCTV. Chan eil ar luchd-stiùiridh agus ar luchd-obrach fiosraichte mu na dleastanasan aca agus dh’fhaodadh iad còraichean chloinne, theaghlaichean agus luchd-obrach a bhriseadh mar thoradh air sin. Is dòcha nach deach co-chomhairle sam bith a chumail ri teaghlaichean mu CCTV, no nach deach fiosrachadh a thoirt dhaibh mu na còraichean aca. Chan eil na h-ullachaidhean airson CCTV a’ coinneachadh ri riatanasan reachdas làithreach.

Tha droch riaghladh air na h-ullachaidhean airson fiosrachadh pearsanta chloinne a stòradh agus a phròiseasadh agus chan eileas a’ gèilleadh ri reachdas buntainneach agus deagh chleachdadh. Chan eil mothachadh no tuigse aig ar luchd-obrach air an dreuchd aca ann a bhith a’ cleachdadh fiosrachadh gu h-iomchaidh no ga stòradh gu tèarainte. Far a bheil siostaman dealanach ann, chan eil iad tèarainte no freagarrach.

Ceistean dùbhlain airson clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean

Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:

  • Ciamar as urrainn dhuinn a bhith cinnteach gu bheil an àrainneachd chorporra againn a’ toirt a’ chothroim as motha do chloinn a bhith a’ coinneachadh ri dùbhlan, a bhith cruthachail agus an sàs nan cluich?
  • Gu dè an ìre a bhios na h-àrainneachdan againn a’ toirt taic do dhiofar sheòrsaichean cluiche?
  • Ciamar as urrainn dhuinn a bhith cinnteach gu bheil an àrainneachd chorporra againn air a cumail suas chun nan ìrean as àirde, agus a’ toirt àrainneachd shàbhailte is fhallain do chloinn?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil an t-seirbheis againn tèarainte, agus nach urrainn do phàiste sam bith fàgail gun fhiosta don luchd-obrach?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheilear a’ toirt làn spèis do phrìobhaideachd, urram agus roghainnean chloinne?
  • Dè cho math ’s a tha clann air an cuideachadh gus sàr ghoireasan a thaghadh agus a chleachdadh a dh’ fhreagras air na feumalachdan, na miannan agus an leasachadh aca?
  • Dè cho in-ghabhalach ’s a tha an suidheachadh againn airson a h-uile pàiste is teaghlach? A bheil e a’ gabhail ri agus a’ brosnachadh, sàbhailteachd fhaireachdainnean?
  • Ciamar a bhrosnaicheas sinn iomadachd, co-ionannachd agus in-ghabhail agus ciamar a tha iad sin air an nochdadh gu deimhinneach anns na goireasan, na h-àitichean agus na h-eòlasan a tha rim faighinn?
  • Ciamar a tha fios againn gu bheil an suidheachadh againn a’ toirt seachad raon farsaing de dh’eòlasan cluiche is ionnsachaidh dùbhlanach a-muigh, a bhrosnaicheas slàinte is sunnd chloinne?
  • Ciamar a thèid faidhlichean is fiosrachadh chloinne a stòradh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad tèarainte?
  • A bheil sinn a’ sealltainn gu bheil sinn a’ tuigsinn mar a tha laghan dìon dàta ag obair?