Clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean
Is e comharra càileachd ‘clann a’ soirbheachadh agus a’ leasachadh ann an sàr àitichean’ a th' ann an clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus measadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh.
Tha eisimpleirean de chloinn a’ faighinn eòlas air sàr àitichean rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-cloinne, agus cùram-cloinne aois sgoile.
Themes for children experience high-quality spaces
The themes for this quality indicator are:
- quality, safety and maintenance of spaces
- children influence and affect change
- information management
Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo
Tha an comharra càileachd seo a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha e dachaigh shàbhailte, thèarainte agus bhrosnachail a bhith agad, far a bheil clann a’ faireachdainn gu bheil fàilte ga chur orra. Ge bith dè an stoidhle no meud a th’ air dachaigh an neach-aireach-cloinne, bidh iad a’ comasachadh deagh fheum den àite a tha ri fhaighinn a-staigh agus a-muigh gus eòlasan chloinne a leasachadh. Bidh àitichean a-staigh a’ faighinn solas nàdarra agus fionnarachadh èifeachdach.
Tha an comharra càileachd a’ brosnachadh gum bi dachaigh neach-aireach-cloinne in-ghabhalach agus a’ comharrachadh iomadachd, a’ gabhail a-steach eadar-dhealachaidhean ann an cainnt, cànan agus conaltradh. Nuair a thathar a’ dealbhadh agus a’ luachadh àitichean do chloinn, bu chòir beachdachadh gu faiceallach air rannsachadh làithreach agus cleachdaidhean as fheàrr. Dh’fhaodte ‘A’ Coileanadh a’ Chomais’ a chleachdadh mar phrìomh ghoireas. Tha aithne ann air còir chloinne gus tlachd fhaighinn bho chluich a-muigh agus cho cudromach ’s a tha cluich a-muigh airson slàinte is sunnd chloinne.
Tha an comharra seo a’ toirt fa-near cho cudromach ’s a tha e gum bi dachaigh an neach-aireach-cloinne air a chumail suas gu math airson clann. Tha e a’ cur cuideam air an fheum air cumail suas cunbhalach air an dachaigh, goireasan agus uidheaman. Tha e a’ toirt taic do dh’ìre iomchaidh de mheasadh cunnairt, gus cunnart sam bith a lughdachadh agus gus clann a chumail sàbhailte bho chron. Tha seo a’ gabhail a-steach feum air casg agus smachd teann air galaran. Tha aithneachadh ann, ged a dh’fheumar clann a chumail sàbhailte, gu bheil cluich chloinne a’ toirt cothrom dhaibh tomhas de riosg a ghabhail agus ionnsachadh bhuaithe. Bu chòir beachdachadh air a h-uile taobh de thèarainteachd, a’ gabhail a-steach tèarainteachd na dachaigh agus stòradh chlàran is fiosrachadh dìomhair.
Eisimpleirean airson càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichean
Càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichean a tha 'glè mhath'
Tha dachaigh an neach-aireach-cloinne fàilteachail, a’ coinneachadh gu h-iomlan ri feumalachdan chloinne agus air a dheagh chumail suas. Tha e a’ toirt teachdaireachd làidir do chloinn gu bheil iad cudromach. Tha luchd-airich-chloinne misneachail ann a bhith a’ dèanamh an fheum as fheàrr de na h-àitichean agus na goireasan a tha rim faighinn gus àrainneachd bhrosnachail a chruthachadh, a chumail suas agus a leasachadh do chloinn.
Tha luchd-airich-chloinne ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha cluich làitheil a-muigh agus na buannachdan a tha ann airson sunnd chloinne a leasachadh, agus, far a bheil sin buntainneach, ionnsachadh agus adhartas chloinne. Bidh iad a’ cuideachadh agus a’ brosnachadh chloinne gus rannsachadh a dhèanamh agus neo-eisimeileachd a thogail, agus ionnsachadh gu gnìomhach mun t-saoghal mhòr. Mar thoradh air sin, tha an àrainneachd chorporra a’ toirt taic do chloinn gus a bhith a’ faireachdainn sàbhailte, tèarainte agus ionmhainn fhad ’s a bhios iad faighinn cluich agus ionnsachadh a tha stèidhichte air na feumalachdan agus na h-ùidhean aca.
Bidh luchd-airich-chloinne ag obair sa bhad gus dèanamh cinnteach à sàbhailteachd is tèarainteachd chloinne, luchd-tadhail agus a chèile. Bidh iad fhèin, agus an luchd-taice far a bheil sin buntainneach, a’ dèanamh, a’ tuigsinn agus a’ roinn measadh cunnairt iomchaidh. Bidh luchd-airich-chloinne a’ cumail aire air clann le bhith a’ cumail sùil gheur air cunnart, ge bith a bheil iad a-staigh, a-muigh no anns a’ choimhearsnachd fharsaing. Mar thoradh air sin, tha clann sàbhailte agus chan eil na cothroman aca gus eòlasan cluiche dùbhlanach is spòrsail fheuchainn, air am bacadh.
Bidh luchd-airich-chloinne a’ cur prìomhachas air sàbhailteachd chloinne, agus aig an aon àm a’ gabhail ri dòigh-obrach dheimhinneach, chothromach a thaobh cunnart ann an cluich chloinne. Bidh clann an sàs ann an raon farsaing de chothroman cluiche dùbhlanach is inntinneach a tha a’ toirt taic do, agus a’ leudachadh, an leasachaidh is an ionnsachaidh. Tro na h-eòlasan sin, bidh clann a’ togail am misneachd annta fhèin. Bidh iad ag ionnsachadh measadh a dhèanamh air cunnartan agus an riaghladh dhaibh fhèin, a’ leasachadh sgilean agus foghainteachd riatanach.
Tha luchd-airich-chloinne air trèanadh math fhaighinn air ceumannan casg is smachd ghalaran. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil tuigse agus misneachd shoilleir ann air sàr àrainneachd ghlan is sàbhailte a lìbhrigeadh agus adhartachadh. Tha seo a’ toirt a-steach tuigse air ullachaidhean glanaidh agus sàbhailteachd bìdh. Far a bheil feum aig cloinn air cùram pearsanta, tha rèiteachaidhean air an dealbhadh gu h-èifeachdach agus bithear a’ cumail suas ìrean àrda de chasg agus smachd air galaran. Tha làn spèis air a thoirt do phrìobhaideachd, urram agus roghainnean chloinne agus tha àitichean iomchaidh ann airson am feumalachdan cùraim a choileanadh. Bidh rèiteachaidhean ag obair gu math airson sgrùdadh, cumail suas agus càradh shuidheachaidh, uidheamachd, agus carbadan sam bith agus thèid an cur an gnìomh gu cunbhalach. Thèid rudan ùra a chur an àite rudan millte gu sgiobalta.
Càileachd, sàbhailteachd agus cumail suas àitichan a tha 'lag'
Dh’fhaodadh an dachaigh agus goireasan airson taic a thoirt do chluich a bhith a’ coimhead robach no a’ faireachdainn nach eileas a’ coimhead às a dhèidh, seach a bhith blàth is fàilteachail do chloinn. Chan eil mòran aire ga thoirt do bhith a’ toirt coltas càileir air an àite no a sgeadachadh, agus tha càileachd na h-àirneise agus nan goireasan bochd. Dh’fhaodadh gu bheil droch fhàileadh ann no fuaim dhraghail.
Chan eil roghainn agus cothromachadh nan goireasan a’ coinneachadh gu leòr ri feumalachdan leasachaidh cloinne no a’ tabhann dùbhlan agus cothroman dhaibh a bhith a’ rannsachadh. Chan eil an àrainneachd chorporra, an àirneis agus na goireasan iomchaidh.
Chan eil cruth na h-àrainneachd chorporra a’ leigeil le clann an cluich agus an ionnsachadh fhèin a stiùireadh. Chan eil na goireasan a’ toirt taic do chloinn gus coileanadh. Chan eil ach beagan tuigse aig luchd-airiche air buannachdan a’ bhlàir a-muigh do chluich agus ionnsachadh chloinne. Chan eil beachdan chloinne a’ toirt buaidh air an ruigsinneachd a th’ aca air a’ bhlàr a-muigh. Chan eil an cleachdadh làithreach as fheàrr air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus eòlas san raon seo a chur am meud. Chan eil an neach-aireach an-còmhnaidh ag aithneachadh cuin a dh’fheumas clann eòlasan nas beòthaile. Cha deach cnapan-starra do chluich is ionnsachadh a-muigh aithneachadh agus cha deach beachdachadh orra gu leòr. Tha seo a’ ciallachadh nach eil an àrainneachd chorporra a’ coinneachadh ri feumalachdan chloinne.
Chan eil luchd-airich-chloinne an-còmhnaidh ag adhartachadh àrainneachd shàbhailte do chloinn. Is dòcha nach eil tuigse gu leòr aca air leasachadh chloinne agus is dòcha nach aithnich iad cuin a dh’fhaodadh nithean làitheil a bhith cunnartach. Mar thoradh air sin, dh’fhaodadh clann a bhith ann an cunnart bho chron a ghabhadh a sheachnadh.
Dh’fhaodadh gu bheil luchd-airich a’ cuingealachadh eòlasan chloinne gun adhbhar agus dh’fhaodadh sin buaidh a thoirt air misneachd na cloinne. Dh’fhaodadh cus bacaidh a bhith air cothroman cluiche is ionnsachaidh, a’ dèanamh cron air eòlasan chloinne. Chan eil na modhan-obrach airson casg is smachd ghalaran làidir agus tha iad a’ meudachadh cunnart gun sgaoil galaran.
Is dòcha nach deach beachdachadh gu math air tèarainteachd san dachaigh, a-muigh agus sa choimhearsnachd fharsaing. Tha comas ann gum faigh clann a-mach às an dachaigh no nach bi fios càite bheil iad an-còmhnaidh. Dh’fhaodadh seo an cur ann an cunnart.
Eisimpleirean airson clann a’ toirt buaidh air atharrachadh
Clann a’ toirt buaidh air atharrachadh a tha 'glè mhath'
Bidh luchd-airich-chloinne a’ cleachdadh na dachaigh gu math gus sàr eòlasan a bhrosnachadh do chloinn. Bidh iad an sàs gu gnìomhach le clann gus an urrainn dhaibh an cluich is an eòlasan a stiùireadh san dòigh a thogras iad. Thathar ag èisteachd ri clann agus tha fios aca gu bheil na beachdan aca cudromach. Tha luchd-airich-chloinne a’ tuigsinn comasan a h-uile pàiste, a’ gabhail a-steach leanabanan.
Tha luchd-airich-chloinne a’ toirt chothroman do chloinn co-dhùnaidhean a dhèanamh agus rudan a dhèanamh leotha fhèin taobh a-staigh crìochan sàbhailte na dachaigh aca. Tha iad air am brosnachadh gus a’ mhòr-chuid de thaobhan den chluich aca a stiùireadh agus air an cuideachadh gus uallach a ghabhail dhaibh fhèin aig amannan leithid àm greim-bìdh no nuair a bhios iad anns a’ ghàrradh. Tro chluich a-muigh, tha clann ag ionnsachadh mu sheasmhachd, a’ faighinn tuigse nas doimhne air mar a choimheadas iad às dèidh agus a ghleidheas iad an àrainneachd nàdarra. Bidh dòigh-obrach an neach-aireach a’ cumail clann an sàs agus a’ meudachadh am misneachd.
Bidh àirneis is goireasan a tha air an taghadh gu faiceallach agus air an cur ann an deagh shuidheachadh a’ toirt taic do gach pàiste roghainnean a dhèanamh agus cluich gu saor. Tha na goireasan is na stuthan eadar-dhealaichte, sùbailte agus freagairteach, a’ freagairt air comasan, feumalachdan, agus ùidhean fa leth na cloinne. Tha luchd-airich-chloinne a’ tuigsinn na deagh bhuaidh a th’ aig cluich beairteach, ioma-mhothachaidh air sunnd, foghainteachd agus ionnsachadh chloinne.
Tha luach ga chur ann an clann agus aithne ga thoirt dhaibh. Bidh sàr ghoireasan agus àitichean ann an dachaigh an neach-aireach a’ brosnachadh iomadachd, co-ionannachd agus in-ghabhail. Tha clann, an teaghlaichean, agus coimhearsnachdan nas fharsainge air an nochdadh gu deimhinneach anns na goireasan, na h-àitichean agus na h-eòlasan a tha rim faighinn. Tha clann a’ faighinn làn thaic gus an eòlas, an spèis agus an tuigse air a’ choimhearsnachd aca agus air an t-saoghal mhòr, a leasachadh.
Clann a’ toirt buaidh air atharrachadh a tha 'lag'
Chan eilear a’ sireadh no a’ toirt aire do dh’fheumalachdan agus beachdan chloinne gu cunbhalach nuair a thathar a’ leasachadh ghoireasan, a’ dealbhadh eòlasan no a’ cruthachadh chleachdaidhean làitheil. Chan eil taic ga thoirt do neo-eisimeileachd chloinne agus chan urrainn dhaibh an cluich is na gnìomhan aca fhèin a stiùireadh san dòigh a thogras iad. Chan eil clann an sàs agus air am brosnachadh gu leòr nan cluich, agus tha sin a’ cur bacadh air an sunnd agus adhartas ann an ionnsachadh.
Nuair a thathas a’ gabhail cùram de ghoireasan, a’ gabhail a-steach an àrainneachd nàdarra, cha bhithear a’ toirt aire do sheasmhachd. Chan eileas a’ toirt seachad mòran chothroman, ma tha gin idir, do chloinn ionnsachadh mu sheasmhachd agus cùram a ghabhail den àrainneachd nàdarra aca. Chan eileas a’togail an aire mu dhroch chleachdaidhean a thaobh lughdachadh sgudail agus a’ bhuaidh a th' aig ar cleachdadh de ghoireasan nàdarra.
Tha solar de ghoireasan is uidheam cluiche gann agus, uaireannan, seann-fhasanta agus neo-iomchaidh. Is dòcha nach eil clann air am brosnachadh agus bidh iad a’ call ùidh leis nach eil goireasan is gnìomhachd bhrosnachail ann. Chan eil roghainn is cothromachadh anns na goireasan aca agus chan eil iad a’ coinneachadh gu leòr ri feumalachdan leasachaidh chloinne no a’ tabhann dùbhlan is cothroman dhaibh a bhith a’ rannsachadh.
Dh’fhaodadh clann agus an teaghlaichean leth-bhreith fhulang mar thoradh air goireasan seann-fhasanta no neo-iomchaidh. Tha comas aig seo droch bhuaidh a thoirt air fèin-spèis chloinne agus an eòlas agus an tuigse air an t-saoghal mun cuairt orra.
Tha dòigh-obrach luchd-airich-chloinne a thaobh cunnart a’ seachnadh cunnart cus, no is dòcha nach eil cunnart air a bheachdachadh gu math. Tha seo follaiseach anns na cleachdaidhean làitheil agus eòlasan aca a-staigh agus a-muigh. Dh’fhaodadh seo leantainn gu cron. Is dòcha nach bi luchd-airich-chloinne ag obair gu h-èifeachdach le teaghlaichean gus an tuigse air buannachdan cluiche is eòlasan ionnsachaidh a-muigh nas cunnartaiche, a dhoimhneachadh.
Eisimpleirean airson riaghladh fiosrachaidh
Riaghladh fiosrachaidh a tha 'glè mhath'
Tha dachaigh an neach-aireach tèarainte is sàbhailte do chloinn agus aig an aon àm a’ toirt urram do na còraichean aca agus a’ nochdadh amasan is cinn-uidhe na seirbheis. Tha cleachdadh CCTV laghail, cothromach agus co-rèireach, agus a’ dìon an urraim. Chan eil e air a chleachdadh ach airson taic a thoirt do lìbhrigeadh cùram sàbhailte, èifeachdach agus coibhneil do chloinn.
Tha dìon fiosrachadh pearsanta cloinne air leth cudromach agus tha e a’ gèilleadh ri deagh chleachdadh agus riatanasan laghail iomchaidh. Tha luchd-airich agus luchd-taice fiosraichte mu na dleastanasan aca agus tha na sgilean aca gus an coileanadh gu làidir. Tha siostaman èifeachdach is buadhmhor ann airson clàran a chumail. Tha seo a’ gabhail a-steach riaghladh fiosrachadh dealanach a tha a rèir riatanasan dìon dàta coitcheann agus comhairle mu bhagairtean saidhbeir.
Riaghladh fiosrachaidh a tha 'lag'
Chan eil luchd-obrach a’ tuigsinn gu math mar a chleachdas iad CCTV. Chan eil luchd-airich, no luchd-taice, far a bheil sin buntainneach, fiosraichte mu na dleastanasan aca agus dh’fhaodadh sin còraichean chloinne agus teaghlaichean a bhriseadh. Is dòcha nach deach co-chomhairle a chumail ri teaghlaichean mu CCTV no nach deach fiosrachadh a thoirt dhaibh mu na còraichean aca. Chan eil na h-ullachaidhean airson CCTV a’ coinneachadh ri riatanasan reachdas làithreach.
Tha droch riaghladh air na h-ullachaidhean airson fiosrachadh pearsanta chloinne a stòradh agus a phròiseasadh agus chan eileas a’ gèilleadh ri reachdas buntainneach agus deagh chleachdadh. Far a bheil siostaman dealanach ann, chan eil iad freagarrach no tèarainte.
Ceistean dùbhlain airson clann a’ faighinn eòlas air sàr àitichean
Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:
- Ciamar as urrainn dhomh a bhith cinnteach gu bheil an àrainneachd chorporra air a cumail suas chun nan ìrean as àirde, a’ toirt àrainneachd fhàilteachail is fhallain do chloinn?
- Ciamar bheir mi seachad raon farsaing de dh’eòlasan cluiche is ionnsachaidh dùbhlanach a-muigh, a bhrosnaicheas slàinte is sunnd chloinne?
- Dè rinneadh gus dèanamh cinnteach gu bheil an àrainneachd chorporra sàbhailte?
- Ciamar a nì mi cinnteach gu bheil an t-seirbheis tèarainte agus nach urrainn do chlann fàgail gun fhiosta?
- Ciamar a nì mi cinnteach gu bheilear a’ toirt làn spèis do phrìobhaideachd, urram agus roghainnean chloinne?
- Dè na dòighean anns a bheil clann air an comasachadh gus a bhith neo-eisimeileach agus roghainnean a dhèanamh, a’ cumadh am feumalachdan cluiche is ionnsachaidh fa leth?
- Dè cho math ’s a tha clann air an cuideachadh gus sàr ghoireasan a thaghadh agus a chleachdadh a fhreagras air na feumalachdan, na h-ùidhean agus an leasachadh aca?
- Dè cho in-ghabhalach ’s a tha an t-seirbheis agam airson a h-uile pàiste is teaghlach?
- Ciamar a bhrosnaicheas mi iomadachd, co-ionannachd agus in-ghabhail agus ciamar a tha iad sin air an nochdadh gu deimhinneach anns na goireasan, na h-àitichean agus na h-eòlasan a tha rim faighinn?
- Ciamar a thèid faidhlichean is fiosrachadh chloinne a stòradh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad tèarainte?
- A bheil mi a’ sealltainn gu bheil mi a’ tuigsinn mar a tha laghan dìon dàta ag obair?