Dìon chloinne
’S e comharra càileachd Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a th’ ann an dìon chloinne. Tha eisimpleirean airson cleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Mar phàirt den fhèin-luachadh agad, faodaidh na cuspairean seo do chuideachadh le bhith a’ meòrachadh air a’ chleachdadh làithreach agad agus a’ comharrachadh raointean airson leasachadh.
Tha eisimpleirean rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-cloinne, agus luchd- airich-chloinne.
Cuspairean airson dìon chloinne
Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:
- cultar sàbhailteachd agus sunnd
- reachdas, poileasaidh agus stiùireadh ann an cleachdadh
- cumhachdachadh luchd-obrach agus cloinne
Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo
Tha an comharra seo a’ buntainn ri raon dleastanasan luchd-stiùiridh, luchd-obrach agus com-pàirtichean gus dèanamh cinnteach gu bheil clann sàbhailte, a’ faighinn deagh chùram agus air an dìon bho chron. Tha e a’ nochdadh gu feum a h-uile duine cultar a bhrosnachadh a bhios a’ cur luach air, a’ cumail suas, a’ tuigsinn agus ag adhartachadh chòraichean chloinne. Tha cuideam air an fheum air dealas co-roinnte a stèidheachadh agus a chumail suas airson leas is dìon chloinne adhartachadh, a tha fighte a-steach do chultar sàbhailteachd, tèarainteachd agus sunnd.
Tha e a’ nochdadh an fheum air aire chùramach a thoirt do shunnd is sàbhailteachd chloinne mar phàirt de dhòighean-obrach làidir airson fèin-luachadh. Tha e a’ nochdadh an fheum air tuigse agus buileachadh reachdas, poileasaidh agus comhairle bhuntainneach, a tha air a stiùireadh le sàr ionnsachadh proifeasanta, stèidhichte air fianais. Tha an comharra ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha pròiseasan làidir a tha a’ toirt taic do luchd-obrach agus gan stiùireadh gus draghan mu shunnd, dìon chloinne no sàbhailteachd aithneachadh, freagairt a thoirt dhaibh, an clàradh agus aithris a dhèanamh orra gu h-iomchaidh.
Tha an comharra seo a’ cuimseachadh air cudromachd a bhith a’ togail deagh dhàimhean agus com-pàirteachasan èifeachdach gus cloinn a dhìon. Tha e ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e taic a thoirt do luchd-obrach, clann agus teaghlaichean gus ionnsachadh ann an dòigh mhothachail mu shunnd chloinne agus a’ chòir a bhith sàbhailte agus èisteachd fhaighinn. Tha e a’ nochdadh an fheum dèanamh cinnteach gu bheil taic mhath aig a h-uile pàiste agus neach-obrach gus an cuideachadh a dh’fheumas iad fhaighinn aig an àm cheart, airson dèanamh cinnteach gu bheil clann air an dìon.
Eisimpleirean airson cultar sàbhailteachd agus sunnd
Cultar sàbhailteachd agus sunnd a tha 'glè mhath'
Bidh an fheallsanachd againn a’ brosnachadh còraichean is co-ionannachd chloinne gu mothachail agus gu h-èifeachdach. Tha seo air a chumail suas le ceannardas làidir a bheir cumhachd don luchd-obrach gu lèir gus cleachdaidhean dìon chloinne a leasachadh gu leantainneach air feadh an t-suidheachaidh. Tha sinn a’ tuigsinn ar dleastanais laghail cho-roinnte a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann slàn is sàbhailte agus gu bheil taic aca gus soirbheachadh.
Bidh ar luchd-stiùiridh a’ toirt taic èifeachdach don luchd-obrach gu lèir gus dèanamh cinnteach gu bheil tuigse mhath againn air na dleastanasan co-roinnte againn. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil saor-thoilich agus luchd-obrach sealach sam bith làn mhothachail air na rèiteachaidhean againn airson dìon chloinne. Tha cultar cunntachalachd agus ionnsachadh leantainneach againn, air a stiùireadh le cleachdadh làidir meòrachail. Tha sinn a’ tuigsinn gum faod eadar-ghluasadan mar phàirt de chleachdaidhean làitheil no amannan atharrachadh mòr, buaidh a thoirt air cloinn ann an diofar dhòighean. Bidh ar cleachdadh làidir stèidhichte air còraichean agus fiosraichte mu chruaidh-chàs a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ smaoineachadh ro-làimh agus a’ freagairt gu sgiobalta agus gu mothachail gus cloinn a dhìon.
Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil feumalachdan agus eòlasan chloinne agus teaghlaichean eadar-dhealaichte. Bidh sinn a’ cur prìomhachas air com-pàirteachasan a bhrosnachadh sa choimhearsnachd agus le teaghlaichean airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn ag obair gu math còmhla gus clann a chumail sàbhailte. Bidh sinn a’ roinn fiosrachadh gu for-ghnìomhach mu thaic teaghlaich a dh’fhaodas cuideachadh tràth a thabhann ann an dòigh mhothachail, gus dèiligeadh ri feumalachdan agus gus casg a chur air cunnartan do chloinn.
Cultar sàbhailteachd agus sunnd a tha 'lag'
Chan eil an fheallsanachd againn a’ cumail suas no a’ brosnachadh chòraichean chloinne gu h-èifeachdach. Chan eil dòighean-obrach air an cur an sàs a leigeas le luchd-obrach èisteachd gu gnìomhach ri clann agus dàimhean earbsach a leasachadh. Chan eil feart no spèis ga thoirt do bheachdan chloinne. Chan eil clann is teaghlaichean a’ faireachdainn gu bheilear ag èisteachd riutha.
Chan eil ar luchd-stiùiridh air feumalachdan trèanaidh luchd-obrach a thaobh sunnd no dìon chloinne a chomharrachadh, no a làimhseachadh, gu h-iomchaidh. Chan eil uallach co-roinnte ann airson ionnsachadh proifeasanta leantainneach agus fèin-mheòrachadh. Nuair a thèid trèanadh a thoirt seachad, chan eil sinn a’ cur an sàs ionnsachadh ùr gu h-èifeachdach no ag ùrachadh chleachdaidhean.
Cha tèid draghan a thig am bàrr aithneachadh no a dh’fhreagairt ann an dòigh mhothachail agus ann an deagh àm an-còmhnaidh. Chan eil sinn fhathast air dòighean-obrach cunbhalach a stèidheachadh gus còraichean chloinne a thaobh sàbhailteachd agus dìon a chumail suas.
Eisimpleirean airson reachdas, poileasaidh agus stiùireadh ann an cleachdadh
Reachdas, poileasaidh agus stiùireadh ann an cleachdadh a tha 'glè mhath'
Tha tuigse fharsaing againn air na poileasaidhean dìon againn, a bhios sinn a’ cur an sàs gu cunbhalach air feadh ar n-obrach. Bidh an sgioba againn ag obair gu dlùth gus draghan a chomharrachadh, a chlàradh agus a dh’fhreagairt gu h-èifeachdach. Tha rèiteachaidhean dìon air an cur an gnìomh gu math agus air an sgrùdadh. Bidh sinn a’ cleachdadh ar n-eòlais air cleachdadh as fheàrr agus modhan-obrach ann an raointean leithid trusadh agus foillseachadh dhraghan gus clann a chumail sàbhailte.
Tha sinn dealasach a thaobh clann a dhìon bho chron. Tha modhan-obrach soilleir againn a leigeas le luchd-obrach agus saor-thoilich draghan innse mu cho-obraiche no neach-stiùiridh ma tha iad nan cunnart do phàiste. Tha ar poileasaidh agus ar modhan-obrach a’ toirt cumhachd do gach neach, cùisean dìon chloinne ris nach eileas a’ dèiligeadh gu h-iomchaidh, a thogail.
Tha an dòigh-obrach làidir againn a thaobh fèin-luachadh a’ toirt làn-fhiosrachadh do na h-ullachaidhean againn airson draghan mu shunnd no sàbhailteachd chloinne aithneachadh, freagairt riutha, an clàradh agus aithris. Bidh sinn a’ cleachdadh reachdas, stiùireadh nàiseanta agus poileasaidhean gus taic a thoirt don fhèin-luachadh againn. Bidh sinn gu gnìomhach a’ toirt aire do dh’fhiosrachadh ùr, leasachaidhean poileasaidh agus cùisean a tha a’ tighinn am bàrr gus ar cleachdadh a leasachadh.
Tha pròiseasan dìon chloinne glè èifeachdach againn gus taic a thoirt don chonaltradh againn le buidhnean eile. Tha ar luchd-obrach misneachail ann a bhith a’ cleachdadh nan dòighean-obrach seo. Tha tuigse shoilleir againn air ar dreuchd agus ar dleastanas gus clann a chumail sàbhailte agus cuin a bu chòir fiosrachadh a cho-roinn le daoine eile.
Bidh an dòigh-obrach fhor-ghnìomhach againn a’ beachdachadh gu faiceallach air neartan, feumalachdan, cunnartan agus factaran dìon chloinne fa leth agus an teaghlaichean. Bidh sinn a’ toirt aire shònraichte do dh’fheumalachdan sònraichte chloinne fa leth, a’ gabhail a-steach an fheadhainn aig a bheil feumalachdan taice a bharrachd no aig a bheil eòlas air cùram. Bidh an cleachdadh cunbhalach againn de dhòighean-obrach soilleir gar cuideachadh gu mòr ann a bhith a’ leasachadh agus a’ cumail suas chom-pàirteachasan èifeachdach. Bidh beachdan chloinne agus teaghlaichean a’ toirt làn bhuaidh air na co-dhùnaidhean agus na gnìomhan againn a tha air am breithneachadh gu faiceallach.
Reachdas, poileasaidh agus stiùireadh ann an cleachdadh a tha 'lag'
Tha ar tuigse lag agus ar buileachadh neo-èifeachdach air stiùireadh nàiseanta a’ ciallachadh nach eil poileasaidhean agus reachdas air an cur an gnìomh gu h-èifeachdach. Dh’fhaodadh dìth dhleastanasan soilleir agus dìth uallaichean co-roinnte droch bhuaidh a thoirt air sàbhailteachd agus cùram chloinne.
Tha dìth stiùireadh sònraichte anns na poileasaidhean againn mu dhìon chloinne agus mar a chuireas sinn draghan an cèill nuair a bhios cuideigin san sgioba againn, a’ gabhail a-steach cuideigin ann an dreuchd ceannardais, a dh’fhaodadh a bhith na chunnart do chloinn. Chan eil iad soilleir a bharrachad mu dè bu chòir a dhèanamh nuair nach eil cùis dìon chloinne ga làimhseachadh ceart.
Chan eil na cleachdaidhean cumail chlàran againn cunbhalach no a’ glacadh ceart mar a dh’fhaodadh diofar sheòrsaichean cron, cunnart a chruthachadh no a mheudachadh, do phàiste. Tha cothroman air chall gus dèanamh cinnteach gu bheil taic ann, no gu bheil gnìomh iomchaidh air a ghabhail. Chan eil ceumannan a tha air an aontachadh air an leantainn gu cunbhalach, a bhios a’ cuingealachadh leasachaidhean air sunnd chloinne. Chan eil cothrom aig luchd-obrach iomchaidh air fiosrachadh deatamach airson clann a chumail sàbhailte no air a cho-roinn gu h-iomchaidh le buidhnean com-pàirteachais. Dh’fhaodadh na beàrnan seo sàbhailteachd agus cùram chloinne a chur ann an cunnart.
Eisimpleirean airson cumhachdachadh luchd-obrach agus chloinne
Cumhachdachadh luchd-obrach agus chloinne a tha 'glè mhath'
Bidh sinn mothachail air cruaidh-chàs anns a h-uile cleachdadh agus eadar-obrachadh againn le clann, an teaghlaichean agus daoine taobh a-staigh agus taobh a-muigh an sgioba againn. Bidh sinn a’ neartachadh dhàimhean earbsach agus urramach le clann, teaghlaichean agus a’ choimhearsnachd ionadail.
Tha ar n-eadar-obrachadh stèidhichte air còraichean chloinne. Tha sinn glè eòlach air clann fa leth. Bidh sinn a’ conaltradh gu modhail le teaghlaichean agus le chèile gus aithne iomlan a chur air cloinn agus na feumalachdan sunnd aca. Leigidh seo leinn clann agus teaghlaichean a chomharrachadh a dh’fhaodadh a bhith ann an cunnart bho chron agus freagairt gu h-iomchaidh.
Is e sgioba sàr sgileil a th’ annainn le tuigse dhomhainn air cleachdaidhean dìon chloinne, agus bidh sinn ga chur an sàs gus àrainneachdan sàbhailte is earbsach a chruthachadh dha na h-uile. Bidh clann a’ faireachdainn tèarainte nuair a bhios iad a’ cur am beachdan an cèill, ag innse mu dhraghan agus ag iarraidh cuideachadh. Tha sinn a’ cur prìomhachas air èisteachd le co-fhaireachdainn agus freagairt le cùram. Tha seo air a chumail suas le sgioba ceannardais co-fhaireachail a bhios a’ cumhachdachadh chàich agus a chuireas luach air sunnd luchd-obrach agus a bhrosnaicheas fosgarrachd.
Bidh sinn a’ lìbhrigeadh chothroman brosnachail gu cunbhalach far am bi clann a’ luachadh agus a’ riaghladh chunnartan iomchaidh agus ag ionnsachadh mar a chumas iad sàbhailte. Tro ar n-eadar-obrachaidhean freagairteach agus taic a tha air a dheagh bhreithneachadh, bidh sinn a’ cuideachadh chloinne gus sgilean a thogail agus ionnsachadh mar a chumas iad iad fhèin sàbhailte. Bidh clann a’ leasachadh foghainteachd agus an tuigse air sàbhailteachd chorporra agus fhaireachdainnean gu fìor mhath.
Tha na dòighean-obrach smaoineachail againn a’ toirt taic mhath do theaghlaichean gus ionnsachadh mu dhìon-cloinne agus còraichean chloinne anns an t-suidheachadh againn. Tha seo a’ toirt a-steach sàr chothroman do chloinn agus do phàrantan gus an fhoghainteachd saidhbeir agus sgilean sàbhailteachd eadar-lìn a leasachadh.
Cumhachdachadh luchd-obrach agus cloinne a tha 'lag'
Chan eil sinn an-còmhnaidh a’ tuigsinn no a’ toirt urram do na diofar dhòighean anns a bheil clann a’ cur an cèill am beachdan agus an eòlasan. Is ann ainneamh a bhios sinn a’ mothachadh na tha clann a’ cur an cèill tro fhaclan no gnìomhan. Mar thoradh air sin, is dòcha nach aithnich sinn comharra chudromach, a’ ciallachadh gum feum pàiste dìon no taic, agus nach dèan sinn dad ma dheidhinn.
Chan eil sinn ag aithneachadh ar pàirt ann a bhith a’ toirt taic do chloinn gus foghainteachd a thogail. Chan eil luach gu leòr ga chur ann an cleachdaidhean seasmhach, cunbhalach. Faodaidh atharrachaidhean tric san sgioba-obrach agus dòighean-obrach neo-chunbhalach a dhèanamh duilich do chloinn dàimhean tèarainte, earbsach a chruthachadh le luchd-obrach.
Chan eil sinn a’ sealltainn gu cunbhalach gu bheil eòlas obrachaidh againn air cleachdaidhean dìon chloinne. Chan eil sinn air ar brosnachadh no a’ faighinn taic a bhith for-ghnìomhach ann a bhith ag aithneachadh, a’ freagairt ri, a’ lughdachadh no a’ cur às do chron do chloinn. Chan eil pròiseasan airson draghan a thogail soilleir, no chan eil iad air an cur an gnìomh, gu cunbhalach.
Ceistean dùbhlain airson dìon chloinne
Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:
- Dè cho èifeachdach ’s a tha luchd-stiùiridh agus luchd-obrach a’ cur stiùireadh nàiseanta an gnìomh agus a’ toirt aire do reachdas gus clann a chumail sàbhailte, tèarainte agus air an dìon bho chron?
- Gu dè an ìre a bhios ar dàimhean ri clann, luchd-obrach, teaghlaichean, com-pàirtichean agus a’ choimhearsnachd ionadail a’ brosnachadh leas is sàbhailteachd chloinne?
- Dè cho math ’s a bhios na pròiseasan fèin-luachaidh agus dearbhadh càileachd againn a’ toirt taic do leasachaidhean ann an dìon? Gu dè an ìre a bhios iad a’ neartachadh raointean leithid trusadh luchd-obrach is saor-thoilich, dealbhadh pearsanta, agus cleachdadh gus clann a chumail sàbhailte fhad ’s a tha iad a’ cluich agus ag ionnsachadh?
- Gu dè an ìre a bhios sàr ionnsachadh cunbhalach, proifeasanta a’ leasachadh ar cleachdaidh?
- Dè na h-atharrachaidhean a rinn sinn mar thoradh air ionnsachadh proifeasanta? Ciamar a tha fios againn gu bheil buaidh mhath air a bhith aig atharrachadh cleachdaidh air cloinn agus/no luchd-obrach?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ comharrachadh agus a’ toirt taic do chlann a tha ann an cunnart bho chron, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha air, no a bha roimhe air a’ chlàr dìon-chloinne?
- Dè cho èifeachdach ’s a bhios sinn a’ comharrachadh agus a’ toirt taic do chloinn aig a bheil eòlas air cùram agus a tha a’ fuireach le teaghlaichean càirdeis, altraim no uchd-mhacachd no ann an cùram-còmhnaidh?
- Dè cho math ’s a bhios sinn a’ clàradh agus a’ roinn fiosrachadh buntainneach ann an clàran-ama gus ar gnìomhan a stiùireadh agus gus builean a leasachadh do chloinn is do theaghlaichean?
- Dè an fhianais a tha ag innse dhuinn gu bheil sinn a’ cleachdadh dòigh-obrach a tha fiosraichte mu chruaidh-chàs gu h-èifeachdach?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha luchd-obrach a’ toirt taic do chlann, do phàrantan agus dha chèile gus foghainteachd saidhbeir agus sgilean sàbhailteachd eadar-lìn a leasachadh?
- Dè na dòighean sam bi sinn a’ dìon urram chloinne agus aig an aon àm a’ cumail suas an sàbhailteachd agus an sunnd?
- Dè cho èifeachdach ’s a bhios luchd-obrach a’ toirt taic do chloinn gus ionnsachadh mar a dh’aithnicheas agus a stiùireas iad cunnart fhad ’s a bhios iad a’ cluich agus ag ionnsachadh?
- Dè cho math ’s a tha feumalachdan sunnd luchd-obrach air an aithneachadh agus a’ faighinn taic nar cleachdaidhean a thaobh dìon chloinne?