Cluich, ionnsachadh agus leasachadh

’S e comharradh càileachd ‘clann a’ cluich agus ag ionnsachadh’ a th’ ann an cluich, ionnsachadh agus leasachadh. Tha eisimpleirean de chleachdadh agus ceistean dùbhlain gu h-ìosal. Cuidichidh iad sin thu gus luachadh a dhèanamh air do chleachdadh làithreach agus raointean airson fàs a chomharrachadh.

Tha eisimpleirean de chluich, ionnsachadh agus leasachadh rim faighinn cuideachd airson suidheachaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-cloinne, agus luchd-airich-chloinne.

Cuspairean airson cluich, ionnsachadh agus leasachadh

Is iad na cuspairean airson a’ chomharra càileachd seo:

  • com-pàirteachadh chloinne
  • càileachd eadar-obrachaidhean
  • dealbhadh a tha ag amas air a’ phàiste

Mu dheidhinn a’ chomharra càileachd seo

Tha an comharra càileachd seo ag amas air còir chloinne air cluich, a’ cur cuideam air a bhith a’ faighinn spòrs, toileachas agus sàr eòlasan cluiche a-staigh agus a-muigh. Tha e riatanach gum bi clann an sàs gu brìoghmhor agus gu gnìomhach ann a bhith a’ stiùireadh an cluiche fhèin, rud a bhios a’ cumadh an leasachaidh.

Tha dùil gum bi tuigse aig luchd-obrach air mar a chuidicheas cluiche clann le bhith a’ leasachadh sgilean airson beatha is ionnsachadh. Bu chòir do dh’eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean a bhith a’ neartachadh chluich gu soirbheachail, a’ toirt aire do dh’fheumalachdan, ùidhean agus leasachadh gach pàiste fa leth. Bidh clann a’ dèanamh adhartas seasmhach ann an àrainneachdan cluiche agus a’ faighinn buannachd bho dhòighean dealbhaidh freagairteach.

Bu chòir do luchd-obrach a bhith an sàs gu sgileil ann an sàr eadar-obrachaidhean fo stiùir na cloinne. Bidh iad a’ caitheamh ùine ag eadar-obrachadh agus a’ còmhradh ri clann, ag èisteachd agus a’ freagairt gu mothachail fhad ’s a bhios iad a’ cur an cèill am beachdan agus am feumalachdan. Tha clann air an cuideachadh gus na coileanaidhean aca aithneachadh, a mhealtainn agus a chomharrachadh.

Eisimpleirean airson com-pàirteachadh chloinne

Com-pàirteachadh chloinne a tha 'glè mhath'

Tha tuigse làidir againn air mar a bhios clann a’ leasachadh, ag ionnsachadh agus a’ dèanamh adhartas. Bidh ar luchd-obrach a’ cleachdadh teòiridh is cleachdaidhean buntainneach gu sgileil gus sàr eòlasan cluiche a lìbhrigeadh. Tha seo a’ brosnachadh is a’ cumhachdachadh chloinne. Bidh sinn a’ tabhann cothroman cluiche is cur-seachad a chuidicheas clann ann a bhith a’ togail misneachd, ag ionnsachadh mun deidhinn fhèin agus a’ leasachadh an sgilean sòisealta. Tha clann air am brosnachadh gu mòr agus a’ làn chom-pàirteachadh ann an raon eòlasan beairteach, dùbhlanach, dealbhaichte agus freagairteach, a-staigh agus a-muigh.

Bidh innleachdas agus dòighean-obrach cruthachail a tha air an deagh dhealbhadh a’ brosnachadh mac-meanmna chloinne gu soirbheachail agus a’ neartachadh an eòlas cluiche. Tha sgilean airson beatha air an leasachadh agus air an neartachadh tro àrainneachd spòrsail, inntinneach. Tha seo a’ gabhail a-steach cleachdadh iomchaidh de theicneòlas didseatach gus eòlasan a leasachadh.

Bidh sinn ag obair gu h-èifeachdach le teaghlaichean gus an cuideachadh a’ tuigsinn nam buannachdan a gheibh clann bho eòlasan stèidhichte air cluich, a bheir dùbhlan agus toileachas dhaibh. Bidh an dòigh-obrach seo a’ brosnachadh leasachadh earbsa agus co-obrachaidh, a tha a’ toirt taic do shunnd is leasachadh chloinne agus a’ toirt chothroman dhaibh soirbheachadh.

Bidh clann a’ dèanamh roghainnean fiosraichte mu dheidhinn an cluiche anns an àrainneachd chruthachail againn a bheir dùbhlan is comas dhaibh. Bheir sinn dhaibh an ùine, an t-àite agus an taic a dh’fheumas iad gus co-dhùnaidhean a dhèanamh agus an guth a chleachdadh. Tha sinn sgileil ann a bhith a’ cleachdadh sàr eadar-obrachaidhean, àitichean agus eòlasan gus ùidhean chloinne a leudachadh agus a chumail suas.

Com-pàirteachadh chloinne a tha 'lag'

Chan eil cothroman gu leòr aig cloinn na beachdan agus na h-ùidhean aca fhèin a leantainn, san dòigh aca fhèin airson an adhbharan fhèin. Tha dìth brosnachaidh san àrainneachd cluiche againn san fharsaingeachd. Chan eil mòran ann a chuireas dùbhlan air, no a bhrosnaicheas, mac-meanmna agus feòrachas chloinne, no a bhrosnaicheas iad gus na beachdan aca a rannsachadh.

Chan eil ar tuigse air cluich fo stiùir chloinne air a leasachadh gu leòr. Chan eil feumalachdan leasachaidh fa leth chloinne agus na h-ùidhean aca air an nochdadh ann an eadar-obrachaidhean, eòlasan agus àitichean. Mar thoradh air sin, chan eil clann a’ com-pàirteachadh. Bidh iad a’ call chothroman gus misneachd a thogail agus an sgilean ceannardais agus sòisealta a leasachadh. Mar sin, chan eil ùidh agus brosnachadh aig cloinn agus is dòcha gum bi iad a’ fàs leamh, troimh-chèile no sàraichte.

Eisimpleirean de chàileachd eadar-obrachaidhean

Càileachd eadar-obrachaidhean a tha 'glè mhath'

Le beachd-sùla cùramach, is urrainn dhuinn ùidhean chloinne a mhìneachadh agus cothroman a lìbhrigeadh an smaoineachadh a leudachadh gun a bhith a’ stiùireadh an cluiche. Bidh sinn a’ cleachdadh measgachadh de dhòighean-obrach gus freagairt ri sanasan bho chloinn airson taic a thoirt do leasachadh fèin-riaghlaidh, co-fhaireachdainn, misneachd, cruthachalachd agus feòrachas.

Bidh sinn a’ toirt taic do chloinn fhad ’s a tha iad a’ fàs agus a’ leasachadh. Tha sinn a’ tuigsinn gur e dòigh luachmhor a th’ ann an eadar-obrachadh agus rannsachadh le cloinn airson briathrachas a leudachadh agus tuigse agus faireachdainn de dh’iongnadh agus de thoileachas mun t-saoghal a bhrosnachadh. Bidh sinn a’ dèanamh nan ath cheumannan comasach agus a’ moladh chloinne airson rudan fheuchainn.

Bidh clann a’ leantainn an ùidhean fhèin aig astar a tha ceart dhaibh, a’ faighinn spòrs fhad ’s a bhios iad a’ sgrùdadh an t-saoghail mun cuairt orra. Bidh sinn a’ gabhail ùine gus tuigse fhaighinn air conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach chloinne a chuidicheas sinn gus breithneachadh cuin a bu chòir dhuinn eadar-obrachadh agus cuin a bu chòir dhuinn feitheamh agus coimhead. Bidh sinn a’ brosnachadh eadar-obrachadh chloinne le chèile, ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha clann eile ann a bhith a’ neartachadh cluich. Leigidh seo le clann a’ chuid as fheàrr fhaighinn às na h-eadar-obrachaidhean agus na h-eòlasan aca.

Bidh cothroman iomchaidh aig ar cloinn tric airson an sgilean smaoineachaidh agus fuasgladh-cheistean a leasachadh tro chluich mac-meanmnach agus tro sgeulachdan innse. Bidh seo a’ cuideachadh chloinne gus an smaoineachadh fhèin a leudachadh, sgilean ùra a chleachdadh agus an ionnsachadh a dhaingneachadh ann an dòighean a tha brìoghmhor dhaibh.

Càileachd eadar-obrachaidhean a tha 'lag'

Tha dìth structair is dùbhlain ann an còmhraidhean is eadar-obrachadh le clann, agus tha seo a’ call chothroman airson togail air na h-ùidhean aca. Chan eil tuigse gu leòr againn mu fheumalachdan conaltraidh is cànain chloinne no an dòigh conaltraidh as fheàrr leotha. Tha seo ag adhbhrachadh gum bi cothroman air chall do chloinn adhartas a dhèanamh aig an astar fhèin agus faodaidh e ciallachadh gum bi clann diùid, troimh-a-chèile no air an sàrachadh.

Chan eil sinn a’ cur fòcas air a’ chloinn rè eadar-obrachadh agus chan eil sinn a’ tuigsinn agus a’ cur luach air smuaintean, ùidhean agus pròiseasan chloinne rè cluich. Bidh cleachdaidhean is eadar-obrachaidhean a tha air an stiùireadh le inbhich a’ cur bacadh air cluich chloinne gu tric. Mar thoradh air sin, chan eil cothroman aig clann a bhith an sàs gu domhainn anns a’ chluich aca, fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan agus an ùidhean fhèin a leantainn.

Eisimpleirean airson dealbhadh a tha ag amas air a’ phàiste

Dealbhadh a tha ag amas air a’ phàiste a tha 'glè mhath'

Tha clann aig cridhe ar dealbhaidh. Tha sinn sgileil ann a bhith ag aithneachadh agus a’ freagairt ri ùidhean fa leth, ìrean leasachaidh agus roghainnean cluiche chloinne. Thèid beachdachadh gu mionaideach air na rudan seo nuair a thathar a’ dealbhadh eòlasan is cothroman ùra. Bidh sinn a’ cleachdadh beachd-sùla air cluich cloinne fa leth gus an ùidhean a dhealbhadh, a chumail suas, a leudachadh agus dùbhlan a thoirt dhaibh.

Tha clann air am brosnachadh gu mòr agus a’ làn chom-pàirteachadh san raon de chothroman cluiche beairteach, dùbhlanach a tha air an tabhann tro chothromachadh de dhealbhadh rùnach agus freagairteach. Tha eòlasan a’ nochdadh beachdan, miannan, ceistean agus ath cheumannan brìoghmhor chloinne nan ionnsachadh.

Tro bheachd-sùla faiceallach air cluich, is urrainn dhuinn ùidhean chloinne aithneachadh agus adhartachadh agus taic a bharrachd sam bith a tha a dhìth a dhealbhadh agus a chur an gnìomh. Tha an dòigh-obrach air leth freagairteach againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann air an gabhail a-steach agus a’ leasachadh raon farsaing de sgilean airson beatha agus ionnsachadh.

Bidh sinn ag obair còmhla ri clann, teaghlaichean agus com-pàirtichean airson taic a thoirt do chlann gus an soirbheas a mhealtainn agus na coileanaidhean aca a cho-roinn.

Dealbhadh a tha ag amas air a’ phàiste a tha 'lag'

Bidh sinn a’ call chothroman cudromach airson beachd-sùla a ghabhail air cloinn fhad ’s a tha iad a’ cluich. Tha seo ag adhbhrachadh bheàrnan nar tuigse air nas urrainn dhaibh a dhèanamh, na h-ùidhean aca agus mar a tha iad a’ leasachadh.

Cha bhi sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a bhios teaghlaichean agus com-pàirtichean a’ toirt dhuinn. Tha seo ga dhèanamh duilich dealbhadh gu h-èifeachdach gus coinneachadh ri feumalachdan agus ùidhean sònraichte gach pàiste, a’ gabhail a-steach taic sam bith a bharrachd a tha a dhìth. Mar thoradh air sin, chan eil cuid de chloinn a’ faighinn nan cothroman ceart tro chluich agus chan eil dùbhlan ga thoirt dhaibh aig an ìre cheart.

Chan eil teaghlaichean an sàs no a’ faighinn fiosrachadh àrd-inbhe mu eòlasan an cuid chloinne, agus tha seo ag adhbhrachadh dìth cunbhalachd agus leantainneachd do chloinn.

Ceistean dùbhlain airson cluich, ionnsachadh agus leasachadh

Faodaidh na ceistean dùbhlain a leanas taic a thoirt do dh’fhèin-luachadh:

  • Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do agus a’ brosnachadh feòrachas nàdarra, cruthachalachd agus fuasgladh-cheistean chloinne san t-seirbheis againn?
  • Dè na dòighean-obrach a tha sinn a’ cleachdadh gus sgilean chloinne adhartachadh?
  • Ciamar a tha na dòighean-obrach againn a’ toirt taic do leasachadh fhaireachdainnean, sòisealta agus corporra?
  • Ciamar as urrainnear taic a thoirt do chloinn gus misneachd a bhith aca ann a bhith a’ stiùireadh an cluiche fhèin?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil sinn a’ cumail suas ris an teòiridh iomchaidh?
  • Ciamar a chuireas sinn ar n-eòlas an sàs gus taic a thoirt do shàr eòlasan cluiche?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil ar dòigh-obrach a thaobh feumalachdan chloinne ag aithneachadh smuaintean agus faireachdainnean neo-eisimeileach chloinne mar dhaoine fa leth?
  • Ciamar a bhios an t-seirbheis againn a’ cuideachadh chloinne gus an sgilean smaoineachaidh agus fuasgladh-cheistean a leasachadh?
  • Dè cho math ’s a bhios sinn a’ toirt taic do luchd-obrach ann a bhith a’ coileanadh an dreuchd a thaobh dealbhadh agus luachadh eòlasan chloinne?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha na pròiseasan againn airson leasachadh agus coileanadh chloinne a luachadh?
  • Dè cho math ’s a bhios fiosrachadh a chruinnichear mu fheumalachdan agus ùidhean chloinne a’ toirt buaidh air ar dealbhadh?
  • Ciamar a chuireas sinn cothroman am meud do chloinn a bhith air an cur fo dhùbhlan, cruthachail agus an sàs nan cluich is nan eòlasan?