Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig
See Advice on Gaelic Education.
Tha a’ Chomhairle seo e stèidhichte air fianais bho sgrùdaidhean, lèirmheasan agus fèin-luachadh dearbhte, a’ gabhail a-steach gach raon de dh’Fhoghlam Gàidhlig agus còmhraidhean eile le raon farsaing de luchd-ùidhe.
Ciamar a thèid an goireas fèin-luachaidh seo a chleachdadh gus obair a leasachadh?
Bu chòir a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig a chleachdadh còmhla ris na frèamaichean-obrach càileachd Dè cho math ’s a tha...? airson an cur ann an co-theacsa raon na Gàidhlig. Tha na frèamaichean-obrach seo a’ cur an cèill na h-inbhean a bhios sinn a’ cleachdadh gus measadh agus aithris a dhèanamh air càileachd agus leasachadh ann am foghlam ann an Alba.
Seo beagan cheistean beachdail airson taic a chur ri còmhradh proifeiseanta agus cuideachadh gus fòcas fèin-mheasaidh agus leasachadh a chur air Gàidhlig.
-
Dè an ìre ’s gu bheil àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ dol an sàs gu breithneachail anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig agus toraidhean sgrùdaidh gus na builean aca airson clann is daoine òga a leasachadh?
-
Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil leasachadh solar airson na Gàidhlig aig cridhe gnìomhachd fèin-mheasaidh agus na phàirt de phlanadh buadhmhor, ro-innleachdail airson leasachaidh?
-
Dè na dòighean-obrach againn airson coileanadh a thogail agus a’ bheàrn ruigsinneachd a tha ceangailte ri bochdainn a dhùnadh thar gach raon den churraicealam?
-
Ciamar a tha sinn a’ cleachdadh na tuigse againn air co-theacsa sòisealta, eaconamach agus cultarach na sgoile gus cur ri agus cruthachadh planadh airson leasachadh?
-
Dè na dòighean anns am bi sinn a’ cruinneachadh agus a’ toirt aire air sreath de fhianais air càileachd a’ bhogaidh a bhios sinn a’ solarachadh?
-
Dè tha sinn a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh agus teagasg gu cunbhalach aig ìre de dh’àrd-chàileachd?
-
Dè cho èifeachdach ’s a tha ar cleachdadh nan teicneòlasan didseatach gus ionnsachadh a mheudachadh, an curraicealam a lìbhrigeadh agus sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair a leasachadh?
-
Dè an coltas a th’ air co-ionannachd agus cothromas airson clann agus òganaich ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig?
-
Tha Inbhean Proifeasanta Comhairle Coitcheann Teagaisg na h-Alba a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le ceithir iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig thar nan inbhean. Ciamar a bhios sibh gam fighe a-steach san t-suidheachadh agaibh?
Luchdaidhean a-nuas
Faodaidh sibh cuideachd a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig fhaighinn ann an earrannan fa-leth:
Taisbeanaidhean agus Goireasan Ionnsachadh Proifeiseanta
Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig - Prìomh fhiosrachadh (PowerPoint, 2.4MB)
Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig - Prìomh fhiosrachadh (PDF, 1.2MB)