A’ co-roinn fianais sgrùdaidh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig – làn bhogadh tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne

Tha na h-amasan a leanas aig a’ ghoireas seo:

  • co-roinn mar a tha luchd-ullachaidh a’ churraicealaim a’ stèidheachadh am modh-obrach air làn bhogadh de dh’àrd-chàileachd san t-seòmar-cluich agus air a’ bhlàr a-muigh mar a bhith deatamach do na 1140 uairean a thìde an-asgaidh
  • eisimpleir a thoirt mu cheannardas atharrachaidh thar ùine le rianachd èifeachdach a thaobh luchd-obrach, goireasan agus ionnsachadh proifeiseanta gus coinneachadh ri prìomhachasan ionadail agus nàiseanta.
  • eisimpleir a thoirt mu mar a tha clann agus pàrantan a’ faighinn taic ann am foghlam ath-shlànachadh 0-5 gus a bhith ag ùrachadh, ag ath-nuadhachadh agus ag ath-bhreithneachadh
  • aithne a thoirt air mar a cho-obraich an siostam gus taic a thoirt do Fhoghlam Gàidhlig tro ionnsachadh aig astar agus misneachadh a bhith a’ togail air ais nas làidire an dèidh a’ mhòr-ghalair

Bhideo

Luchdaidhean a-nuas

Prìomh eadar-theangachaidhean de theacsa Gàidhlig (PDF, 370 KB)

Slaidhlean air an cleachdadh ann an taisbeanadh (PDF, 578 KB)

Ceistean Dùbhlain (PDF, 205 KB)

Ceistean Dùbhlain

  1. Dè na feartan de chleachdadh èifeachdach a tha ri ur miann san fhiolm seo? Ciamar as urrainn dhaibh buaidh a thoirt air a’ churraicealam agaibh?

  2. Dè cho math ’s a tha sibh a’ cleachdadh nan 1140 uairean a thìde ann an tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne gus a’ bheàrn buileachaidh a lùghdachadh, co-ionannachd agus buaidh adhartachadh a thaobh fileantachd chloinne sa Ghàidhlig?

  3. Dè na gnìomhan a tha sibh a’ coileanadh gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh, teagasg agus cluich bogaidh gu cunbhalach de dh’àrd-chàileachd, an dà chuid a-staigh agus air a’ bhlàr a-muigh?

  4. Ciamar a tha sibh a’ fighe a-steach eadar-obrachadh èifeachdach agus cunbhalach sa Ghàidhlig mar phàirt de fhèin-fhiosrachaidhean air an tòiseachadh le leanabh, air an tòiseachadh le inbheach agus air an stiùireadh le inbheach a bhios ag adhbharachadh gum bi a’ chlann fileanta sa Ghàidhlig?

  5. Dè na dòighean sa bheil agus dè cho math ’s a tha an leasachadh de chànan sòisealta a’ faighinn taic gus dèanamh cinnteach gun urrainn don chloinn tòiseachadh a’ bruidhinn na Gàidhlig airson adhbharan fìor agus gnothachail?

  6. Ciamar a tha an curraicealam agaibh ag adhartachadh feòrachas a thaobh cultar sònraichte na Gàidhlig?

  7. Dè na modhan-obrach a bhios sibh a’ cleachdadh gu math gus dearbhadh gu bheil a’ chlann a’ dèanamh adhartas nan ionnsachadh? Dè cho math ’s a tha sibh a’ tracadh gu bheil a’ chlann a’ faighinn làn bhogadh sa Ghàidhlig?

  8. Dè na prìomh fheartan a tha aig eadar-ghluasad èifeachdach 0-5 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?

  9. Dè cho math ’s a tha sibh a’ toirt taic do agus a’ leasachadh dol an sàs phàrantan agus ionnsachadh teaghlaich? Ciamar a tha pàrantan/luchd-cùraim air am brosnachadh is air am fiosrachadh gus an toir iad taic gu h-èifeachdach don chànan a thathar a’ cleachdadh san dachaigh?

  10. Ciamar a tha sibh a’ toirt taic do luchd-cleachdaidh tuigse mhath a bhith aca de làn bhogadh? Dè cho comasach ’s a tha e dhaibh an tuigse seo a chur an sàs gu soirbheachail an uair a tha foillseachaidhean ùra a’ tighinn a-mach airson foghlam tro mheadhan na Beurla? Mar eisimpleir, “A' Coileanadh a' Chomais”

  11. Dè cho math ’s a tha an curraicealam àrd-sgoile agaibh a’ toirt taic do chinn-uidhe iar-sgoile dheimhinneach agus dreuchdan ann an tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?

  12. Dè na beachdan a tha aig a’ chloinn mu mar a dh’fhaodadh na fèin-fhiosrachaidhean aca san sgoil-àraich a bhith air an leasachadh?