Lìbhrigeadh gheallaidhean a’ phlana
Tha am Plana Gàidhlig againn na phàirt de phlanadh corporra HMIE. Tha e a’ ceangal ri prìomhachasan Riaghaltas na h-Alba tron Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta, Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha na planaichean seo a’ cur an cèill àm ri teachd seasmhach airson a’ chànain, a bharrachd air sàr-mhathas agus cothromas airson an luchd-ionnsachaidh uile ann an Alba.
Chaidh am Plana Gàidhlig ullachadh mus deach ath-leasachadh an fhoghlaim ann an Alba a chur an cèill. Tha HMIE ag aithneachadh gum feum am plana, mar sin, a bhith ath-thriallach agus co-fhreagrach, a’ comasachadh atharrachadh buntainneach agus co-rèireach rè ùine a’ phlana.
Ann a bhith a’ lìbhrigeadh ar lèirsinn airson na Gàidhlig ann an Alba, tha HMIE air na gealltanasan àrd-ìre againn a thaobh foghlam a cho-thaobhadh ri adhbhar an Luchd-sgrùdaidh. ’S iad na h-amasan àrd-ìre seo:
a’ foillseachadh fianais sgrùdaidh a thaobh roinn na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach air cùisean a tha sònraichte don roinn, a’ gabhail a-steach aig tachartasan. a’ co-phàirteachadh fianais sgrùdaidh le àrd-stiùirichean, tidsearan agus com-pàirtichean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil roinn na Gàidhlig na pàirt den phrògram leantainneach de sgrùdaidhean cuspaireil agus, far a bheil e iomchaidh, a’ lìbhrigeadh aithisg chuspaireil nàiseanta air prìomh thaobhan de dh’Fhoghlam Gàidhlig rè ùine a’ phlana.
A’ toirt taic ri sgrùdadh agus fèin-luachadh airson leasachadh ann an roinn na Gàidhlig. Bidh seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil follaiseachd leantainneach ann a thaobh mar a tha sinn a’ dèanamh sgrùdadh air roinn na Gàidhlig. Bidh sinn ag ath-ùrachadh na sgrìobhainne againn, Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, stèidhichte air deagh chleachdadh agus air na frèamaichean-obrach sgrùdaidh againn, mar a tha iomchaidh.
Tha gealltanasan àrd-ìre corporra aig HMIE cuideachd, a tha a’ toirt taic do dh’amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a thaobh ionnsachadh, cleachdadh agus brosnachadh na Gàidhlig a chur am meud. Thathar a’ coileanadh seo le:
- luchd-obrach aig a bheil teisteanasan is sgilean sa Ghàidhlig
- ro-innleachd conaltraidh
- stòrasan Gàidhlig air an làraich-lìn againn
- ionnsachadh proifeiseanta airson luchd-obrach, mar eisimpleir
Ann a bhith a’ dèanamh sin, tha sinn ag amas air beàrnan a lùghdachadh gus am faod sinne ar pàirt a chluich ann a bhith a’ coileanadh sàr-mhathas, cothromas agus co-ionannachd airson roinn na Gàidhlig.
Barantachadh agus cunntachalachd phoblach
Ann an 2024 agus 2025, ann an co-rèir ris a’ phlana sgrùdaidhean bhliadhnail againn, lìbhrig HMIE prògram aontaichte de sgrùdaidhean thar thràth-bhliadhnaichean is cùram-chloinne, bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean agus roinn na Gàidhlig.
Am measg nan soirbheachasan, rinneadh:
- 22 sgrùdaidhean air solar tro mheadhan na Gàidhlig
- 24 sgrùdaidhean airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
- 4 sgrùdaidhean a bharrachd airson roinn na Gàidhlig
Tha aithisgean foillsichte air toraidhean sgrùdaidh airson roinn nan sgoiltean a’ toirt seachad gnìomhan soilleir air mar a ghabhas piseach a thoirt air cleachdadh.
Bha cha mhòr a h-uile litir fhoillsichte air sgrùdaidhean a’ comharrachadh co-dhiù aon raon neirt agus aon phuing-ghnìomha airson taic a thoirt air piseach. Bha cha mhòr a h-uile aithisg fhoillsichte air toraidhean sgrùdaidh ri faotainn sa Ghàidhlig air an aon latha ’s a bha an tionndadh sa Bheurla ann.
Aithisgean an dèidh sgrùdaidhean sgoile air a’ Ghàidhlig far an robh sin iomchaidh. An-dràsta, chan eilear a’ dèanamh sgrùdaidhean air ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd (CLD) gu cunbhalach.
Rinn sgrùdadh cuspaireil nàiseanta luachadh air dè cho math ’s a bha ùghdarrasan ionadail a’ toirt taic do sgoiltean airson piseach a choileanadh. Rinn an sgrùdadh measadh air taic nan ùghdarrasan ionadail airson Gàidhlig ann an grunn ùghdarrasan ionadail. Lìbhrig HMIE ionnsachadh proifeiseanta do lìonra ùghdarrasan ionadail stèidhichte air toraidhean an sgrùdaidh chuspaireil nàiseanta. Tha an aithisg seo a’ comharrachadh neartan agus dòighean cudromach sam faodadh Gàidhlig a bhith air a leasachadh sna h-ùghdarrasan ionadail.
A’ brosnachadh piseach, a’ togail comas agus a’ co-phàirteachadh deagh chleachdadh
Tha HMIE a’ cumail orra a’ brosnachadh piseach thar roinn na Gàidhlig le bhith a’ comharrachadh, a’ toirt ri chèile agus a’ co-phàirteachadh cleachdadh èifeachdach air a tharraing à toraidhean sgrùdaidh.
Bha adhartas deimhinneach san raon seo rè 2024 agus 2025, le grunn shoirbheachasan ion-chomharraichte a thaobh brosnachadh piseach le bhith a’ comharrachadh agus a’ co-phàirteachadh cleachdadh èifeachdach.
Soirbheachasan
Dh’fhoillsich HMIE 5 rannsachaidhean cùise a tha a’ nochdadh cleachdadh fìor èifeachdach, le 3 a bharrachd air a’ chlàr-ama airson foillseachadh ann an 2025 agus 2026.
Tha na rannsachaidhean cùise seo a’ cur ri tuigse nas doimhne san roinn a thaobh lìbhrigeadh èifeachdach airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Tha seo a’ comasachadh ionadan le bhith a’ planadh airson dòighean-obrach bogaidh a neartachadh, a’ toirt taic do leasachadh fileantachd agus a’ meudachadh càileachd eòlasan ionnsachaidh san fharsaingeachd. Tha na rannsachaidhean cùise seo a’ cur ri corpas de dh’eòlas proifeiseanta, a tha a’ fàs agus a’ fàs nas co-thàthaich thar an t-siostaim.
Thog HMIE comas le bhith a’ co-phàirteachadh toraidhean sgrùdaidh air tràth-bhliadhnaichean agus air cleachdadh sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil aig lìonraidhean is còmhraidhean nàiseanta. Tha seo air taic a thoirt do luchd-obrach le bhith a’ sealltainn dè thathar a’ measadh mar chleachdadh fìor èifeachdach ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh.
Airson roinn nan tràth-bhliadhnaichean, thathar air soilleireachadh a dh’aon ghnothach mar a tha Gàidhlig a’ buntainn ris an fhrèam-obrach leasachadh càileachd ùr, a tha co-roinnte le Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim, airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne.
Tha Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig fhathast ga cleachdadh air sgrùdaidhean. Tha na com-pàirteachaidhean seo a’ neartachadh tuigse luchd-cleachdaidh a thaobh dè tha a’ dèanamh suas solar làidir agus air prìomhachasan cudromach air feadh roinn na Gàidhlig.
Tha HMIE a’ cumail orra a’ neartachadh comas tro dhreuchd nam Measadairean Luchd-sgrùdaidh (AAs), agus tha adhartas follaiseach an dà chuid ann an trusadh agus ann an ionnsachadh proifeiseanta. An-dràsta, tha an sgioba de Mheasadairean Luchd-sgrùdaidh (AAs) aig HMIE nas motha na bha e riamh gu ruige seo. Tha AAs nan luchd-foghlaim agus nan àrd-stiùirichean ann an sgoiltean is ùghdarrasan ionadail a tha air an aithneachadh airson deagh chleachdadh. Bidh iad a’ sgrùdadh còmhla ri HMIE bho àm gu àm.
Tha HMIE a’ nochdadh adhartas fa chomhair thargaidean nàiseanta airson cleachdadh na Gàidhlig le bhith a’ comharrachadh dhreuchdan sa bheil Gàidhlig riatanach agus le bhith a’ dèanamh agallamhan airson nam Measadairean Luchd-sgrùdaidh (AAs) tro mheadhan na Gàidhlig, air an stiùireadh le luchd-sgrùdaidh speisealaichte. Tha an dòigh-obrach seo a’ comasachadh HMIE barantas a thoirt seachad gu bheil an ìre riatanach de dh’fhileantachd sa Ghàidhlig aig tagraichean a bharrachd air comas proifeiseanta.
Rè na h-ùine aithrisidh seo, chaidh Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig ath-ùrachadh tro lìbhrigeadh beòil seach tro fhoillseachadh sgrìobhte ath-ùraichte. Tha a’ chomhairle seo fhathast luachmhor ann a bhith a’ toirt taic do fhèin‑luachadh agus bidh i a’ fiosrachadh ghnìomhachdan sgrùdaidh. Tha i fhathast a’ cur air adhart tuigse chunbhalach agus de dh’àrd-chàileachd air na modhan-teagaisg sònraichte a tha a’ buntainn ri Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh).
Thathar a’ sireadh agus a’ beachdachadh air barailean luchd-ùidh air Gàidhlig ann a bhith a’ leasachadh fhrèamaichean-obrach càileachd agus leasachaidh ùra agus a thaobh mhodhan-obrach sgrùdaidh san àm ri teachd. Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant nam pàirt den ro-innleachd conaltraidh luchd-ùidh againn ann a bhith a’ co-dhealbhachadh fhrèamaichean-obrach leasachaidh càileachd.
Tha HMIE air obair gu for-ghnìomhach le roinn na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach le clann is daoine òga, gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt fa-near am beachdan air Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Chaidh seo a choileanadh tro mheadhan na Gàidhlig.
A’ fiosrachadh poileasaidh is cleachdadh foghlaim
Tha HMIE a’ cumail orra a’ cur gu mòr ri leasachadh poileasaidh nàiseanta le bhith a’ toirt seachad luachaidhean neo-eisimeileach, stèidhichte air fianais, air an tarraing à beachdan-sùla air cleachdadh air feadh Foghlam Meadhan Gàidhlig, Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Ionnsachadh mu Chultar na Gàidhlig.
Tha an dreuchd seo fhathast aig teis-meadhan dèanamh cinnteach gu bheil cruthachadh poileasaidh stèidhichte air fianais bho sheòmraichean-sgoile, suidheachaidhean thràth-bhliadhnaichean agus ùghdarrasan ionadail.
A bharrachd air sin, chuir HMIE ri fianais luachail leantainneach air pròiseasan poileasaidh nàiseanta, a’ gabhail a-steach Achd nan Cànanan Albannach 2025, Achd an Fhoghlaim (Alba) 2025 agus an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig 2017.
A’ fiosrachadh ar ro-innleachd dhaoine is chorporra
Tha HMIE air adhartas a dhèanamh le gealltanasan corporra a tha a’ cur an cèill mar a bu chòir do HMIE cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig a chur am meud taobh a-staigh nan obrachaidhean làitheil aca agus leis a’ phoball. Tha na gealltanasan seo a’ cluiche pàirt chudromach ann a bhith ag àrdachadh inbhe agus faicsinneachd na Gàidhlig.
Is urrainn do luchd-sgrùdaidh an Rìgh pàirt a ghabhail ann an trèanadh a thaobh sgrùdadh a dhèanamh air Gàidhlig. Tha seo a’ cuideachadh luchd-sgrùdaidh gus taic a thoirt do chleachdadh measaidh cunbhalach, gu h-àraid a thaobh na tha air leth mu chànan is modh-teagaisg ann an Gàidhlig. Thathar a’ tabhann trèanadh-inntrigidh is ionnsachadh proifeiseanta ann am Foghlam Gàidhlig don h-uile neach-sgrùdaidh ùr an Rìgh. Tha am branndadh ùr againn ri fhaotainn sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, agus faodar a’ Ghàidhlig a chleachdadh air thoiseach.
Foir-shealladh ro-innleachdach airson 2025 gu 2026
Tha HMIE a’ dèanamh adhartas làidir a-steach don ath bhliadhna aithrisidh ceangailte ris na prìomh dhreuchdan aca. Tha HMIE a’ toirt taic do leasachadh le foghlaim air leth, a tha a’ dèiligeadh ri trì gu 18 bliadhna a dh’aois, tro sgrùdaidhean. Uile gu lèir, tha na leasachaidhean seo a’ nochdadh adhartas deimhinneach agus HMIE a’ gluasad a-steach don ath chearcall aithrisidh.
Tha a’ bhuidheann cuideachd air freagairt ri fios air ais bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha iad a’ cumail orra a’ neartachadh a’ ghealltanais aca gus dèanamh cinnteach gu bheil spèis cho-ionann ann don Ghàidhlig agus don Bheurla thar mòr-chuid nan raointean-obrach aca.