Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig

See Advice on Gaelic Education.

Tha a’ Chomhairle seo e stèidhichte air fianais bho sgrùdaidhean, lèirmheasan agus fèin-luachadh dearbhte, a’ gabhail a-steach gach raon de dh’Fhoghlam Gàidhlig agus còmhraidhean eile le raon farsaing de luchd-ùidhe.

Ciamar a thèid an goireas fèin-luachaidh seo a chleachdadh gus obair a leasachadh?

Bu chòir a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig a chleachdadh còmhla ris na frèamaichean-obrach càileachd Dè cho math ’s a tha...? airson an cur ann an co-theacsa raon na Gàidhlig. Tha na frèamaichean-obrach seo a’ cur an cèill na h-inbhean a bhios sinn a’ cleachdadh gus measadh agus aithris a dhèanamh air càileachd agus leasachadh ann am foghlam ann an Alba.

Seo beagan cheistean beachdail airson taic a chur ri còmhradh proifeiseanta agus cuideachadh gus fòcas fèin-mheasaidh agus leasachadh a chur air Gàidhlig.

  • Dè an ìre ’s gu bheil àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ dol an sàs gu breithneachail anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig agus toraidhean sgrùdaidh gus na builean aca airson clann is daoine òga a leasachadh?

  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil leasachadh solar airson na Gàidhlig aig cridhe gnìomhachd fèin-mheasaidh agus na phàirt de phlanadh buadhmhor, ro-innleachdail airson leasachaidh?

  • Dè na dòighean-obrach againn airson coileanadh a thogail agus a’ bheàrn ruigsinneachd a tha ceangailte ri bochdainn a dhùnadh thar gach raon den churraicealam?

  • Ciamar a tha sinn a’ cleachdadh na tuigse againn air co-theacsa sòisealta, eaconamach agus cultarach na sgoile gus cur ri agus cruthachadh planadh airson leasachadh?

  • Dè na dòighean anns am bi sinn a’ cruinneachadh agus a’ toirt aire air sreath de fhianais air càileachd a’ bhogaidh a bhios sinn a’ solarachadh?

  • Dè tha sinn a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh agus teagasg gu cunbhalach aig ìre de dh’àrd-chàileachd?

  • Dè cho èifeachdach ’s a tha ar cleachdadh nan teicneòlasan didseatach gus ionnsachadh a mheudachadh, an curraicealam a lìbhrigeadh agus sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair a leasachadh?

  • Dè an coltas a th’ air co-ionannachd agus cothromas airson clann agus òganaich ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig?

  • Tha Inbhean Proifeasanta Comhairle Coitcheann Teagaisg na h-Alba a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le ceithir iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig thar nan inbhean. Ciamar a bhios sibh gam fighe a-steach san t-suidheachadh agaibh?

Luchdaidhean a-nuas

Faodaidh sibh cuideachd a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig fhaighinn ann an earrannan fa-leth:

  1. Ro-ràdh (PDF, 504KB)

  2. Reachdas (PDF, 604KB)

  3. Poileasaidh (PDF, 585KB)

  4. Foghlam Meadhan Gàidhlig (PDF, 690KB)

  5. Ag obair còmhla ri pàrantan (PDF, 506KB)

  6. Ionnsachadh proifeiseanta fad dhreuchd (PDF, 987KB)

  7. làn-bhogadh, a’gabhail a-steach measadh (PDF, 697KB)

  8. An ìre-bogaidh (bogadh san Fhoghlam Fharsaing Choitcheann bho deireadh P3/toiseach P4 suas) (PDF, 733KB)

  9. Irean àrd-sgoile (PDF, 654KB)

  10. A’ leasachadh fileantachd le prògram air a dhealbh airson cànan, gràmar agus briathrachas (PDF, 600KB)

  11. A’ gluasad air adhart (PDF, 592KB)

  12. Modh-obrach 1+2 a thaobh Ionnsachadh Cànain (PDF, 505KB)

  13. A’ cruthachadh feallsanachd airson na Gàidhlig ann an sgoiltean tro Mheadhan na Gàidhlig is ann an suidheachaidhean eile (PDF, 601KB)

  14. Luchd-ionnsachaidh le feumalachdan a-bharrachd (PDF, 600KB)

  15. Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (PDF, 504KB)

  16. Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig: curraicealam 3-18 agus Ionnsachadh Cànain ann an Alba: Modh-obrach 1+2 (PDF, 711KB)

  17. Ag ionnsachadh mu chànan is mu chultar na Gàidhlig (PDF, 575KB)

Taisbeanaidhean agus Goireasan Ionnsachadh Proifeiseanta

Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig - Prìomh fhiosrachadh (PowerPoint, 2.4MB)

Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig - Prìomh fhiosrachadh (PDF, 1.2MB)

Bogadh Dr Anndra Oilthigh Dhùn Èidinn (PDF, 663KB)