Aithisg adhartais air Plana na Gàidhlig
Tha an aithisg seo a’ toirt geàrr-chunntas air an adhartas a rinneadh le Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam (HMIE) ann a bhith a’ lìbhrigeadh ghealltanasan a’ Phlana Ghàidhlig rè na bliadhna acadaimigich 2024 gu 2025.
Tha an aithisg a’ measadh an lìbhrigidh fa chomhair nan gnìomhan planaichte a thaobh sgrùdadh, a’ togail comas, a’ toirt taic do phiseach, a’ toirt buaidh air poileasaidh agus uallaichean corporra.
Tha fianais air adhartas a’ tighinn bho sgrùdadh a rinneadh taobh a-staigh na buidhne agus bho dhàta adhartais, a bharrachd air luachaidhean an luchd-ùidh tro cheisteachain agus còmhraidhean.
Bun-stèidh reachdail airson na h-aithisge seo
Tha aithisg air adhartas fon Phlana Ghàidhlig mar dhleastanas fo Earrann 6 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha seo a’ comasachadh Bòrd na Gàidhlig iarraidh air ùghdarras poblach buntainneach aithisg a chur a-steach a thaobh dè an ìre ris a bheil an t-ùghdarras poblach air na ceumannan sa phlana a chur an gnìomh.
Tha amasan a’ Phlana Ghàidhlig nam pàirt bunasach de dhleastanasan sgrùdaidh reachdail na buidhne. Tha na h-amasan ann am Plana Gàidhlig HMIE a’ cur an cèill mar a bhios sgrùdadh a’ nochdadh agus a’ luachadh nàdar sònraichte na Gàidhlig ann am foghlam.
Tha HMIE ag amas air dèanamh cinnteach gu bheilear air spèis cho-ionann don chànan fhighe a-steach thar dhòighean-obrach agus aithriseadh. Uile gu lèir, tha amasan Plana Gàidhlig HMIE a’ co-thaobhadh ris na prìomhachasan nàiseanta airson na Gàidhlig.
Tha barrachd cudromachd aig a’ Ghàidhlig fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2025. Tha Earrann 33(1) den Achd a’ stèidheachadh gu foirmeil oifis Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam ann an Alba. Tha an Achd a’ toirt seachad ainm oifigeil sa Ghàidhlig air a son.
Tha an Achd a’ cur dhleastanasan reachdail sònraichte air an Àrd-neach-sgrùdaidh, a dh’fheumas leas an luchd-ionnsachaidh a tha a’ faighinn foghlam Gàidhlig adhartachadh agus a dhìon.
Tha Earrann 43 a’ sònrachadh gum feum an t-Àrd-neach-sgrùdaidh aire a thoirt do "fheumalachdan is leas an fheadhainn a tha a’ faighinn, no a bhios a’ faighinn, foghlam aig ionad foghlaim buntainneach, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha a’ faighinn, no a tha airson faighinn, Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig is Foghlam Meadhan Gàidhlig, agus do dh’ealantas nan daoine a tha a’ toirt seachad teagasg no trèanadh ann an ionad foghlaim buntainneach.”
Geàrr-chunntas gnìomhach
Ann an 2024 gu 2025, chùm HMIE orra a’ lìbhrigeadh ghnìomhachdan susbainteach a thaobh sgrùdadh is leasachadh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig, Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus siostam an fhoghlaim nas fharsainge ceangailte agus eadar-eisimeileach.
Chlàraich HMIE adhartas deimhinneach ann an grunn raointean, gu h-àraid:
- barantachadh agus cunntachalachd phoblach air an neartachadh
- luchd-sgrùdaidh speisealaichte air an cur an dreuchd
- aithriseadh air adhartas
- cur ri leasachadh poileasaidh nàiseanta ann an dòigh a bha stèidhichte air fianais
Tha Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig fhathast soirbheachail ann a bhith a’ toirt taic do fhèin-luachadh airson roinn na Gàidhlig. Tha i cuideachd a’ toirt taic do fhollaiseachd a thaobh mar a bhios sinn a’ dèanamh sgrùdadh air roinn na Gàidhlig còmhla ri frèamaichean-obrach eile na roinne, leithid an t-sreatha air Dè cho math’s a tha ar.
Dh’fhoillsich sinn aithisg nàiseanta a thug seachad mion-sgrùdadh air toraidhean sgrùdaidh Gàidhlig san Fhaoilleach 2026 A’ Luachadh Càileachd Foghlam na Gàidhlig.