A’ Togail Fèin-aithne Eileanach: A’ Neartachadh Ionnsachadh tro Ghàidhlig, Cultar agus Coimhearsnachd
See English version.
Tha bun-sgoil Bhun Easain dìreach taobh a-muigh baile Bhun Easain ann am Muile ann an suidheachadh dùthchail iomallach. Tha 27 sgoilearan anns an sgoil eadar Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Meadhan Beurla. Thòisich Foghlam Meadhan Gàidhlig san bhun-sgoil ann an 2019. Bidh na sgoilearan bun-sgoile cha mhòr uile a’ dol dhan sgoil ann an còmhdhail sgoile. Tha Aonad Ro-chòig aig an sgoil cuideachd le naoinear sgoilear far am bi clann ag ionnsachadh tron Bheurla le prògram Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Às dèidh BS7, gluaisidh clann air adhart do dh’àrd-sgoil air tìr-mòr agus bidh iad a’ fuireach ann an ostail tron t-seachdain.
An raon leasachadh
Bha luchd-obrach airson feum nas fheàrr a dhèanamh de na goireasan beartach a tha rim faighinn sa choimhearsnachd agus san àrainneachd ionadail. Bha iad mothachail cuideachd air an dùbhlan san fhad-ùine a thaobh a bhith a’ brosnachadh dhaoine òga gus tilleadh chun an eilein às dèidh dhaibh gluasad air falbh airson foghlam àrd-sgoile.
Bha dualchas Gàidhlig làidir na sgoile cudromach dhan sgoil agus bha seo na prìomhachas, le luchd-obrach ag amas air àrainneachd ionnsachaidh a chruthachadh a bhiodh a’ comharrachadh cànan, cultar agus nàdar sònraichte beatha eileanach.
Na rinn an suidheachadh
Ceannardas agus lèirsinn
Chleachd luchd-obrach an tuigse làidir aca air a’ cho-theacsa ionadail gus atharrachadh a stiùireadh. Dh’ùraich iad lèirsinn na sgoile leis na sgoilearan an sàs gu mòr:
“A’ cruthachadh luchd‑ionnsachaidh misneachail ann an coimhearsnachd coibhneil agus chruthachail.”
Thug an lèirsinn choitcheann seo buaidh air planadh, ionnsachadh agus obair com-pàirteachais.
Ionnsachadh, teagasg agus measadh
Bha luchd-obrach ag amas air piseach a thoirt air sgrìobhadh, air dòighean-obrach stèidhichte air cluich agus air rannsachadh a leasachadh, agus air sgilean fuasgladh cheistean na cloinne a neartachadh. Bidh tidsearan a’ suidheachadh dùilean àrda, a’ cleachdadh cheasnachadh èifeachdach, agus a’ diofarachadh ionnsachadh gu h-iomchaidh.
Bha ionnsachadh a-muigh, teicneòlas didseatach agus co-theacsan fìor-bheatha air am fighe a-steach air feadh a’ churraicealaim. Chaidh measadh a chleachdadh gu math gus na h-ath cheuman a phlanadh, agus chuidich fios air ais clann gus a bhith nan luchd-ionnsachaidh misneachail agus neo-eisimeileach.
Ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig:
- Bha luchd-obrach a’ toirt seachad làn bhogadh de dh’àrd-chàileachd.
- Bha sgoilearan nas sìne nan deagh eisimpleirean de chleachdadh na Gàidhlig do chloinn nas òige.
- Bha bogadh a’ dol air adhart a-staigh, a-muigh agus tro obair phròiseict.
- Bhiodh clann a’ co-roinn Abairt na Seachdain sa Ghàidhlig leis a’ choimhearsnachd, a’ cuideachadh gus cleachdadh làitheil na Gàidhlig a leudachadh.
Ann am Foghlam Meadhan Beurla:
- Dh’ionnsaich clann Gàidhlig mar a’ chiad chànan a bharrachd aca.
- Chaidh taic a chumail ri ionnsachadh le luchd-obrach agus le oidean Gàidhlig bho Earra-Ghàidheal is Bòid san fharsaingeachd a’ tadhal orra.
- Neartaich òrain, gnothaichean cultarach agus a bhith a’ gabhail pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig cleachdadh na Gàidhlig nas fharsainge air feadh na sgoile.
Beartachadh a’ churraicealaim agus com-pàirteachasan
Leudaich com-pàirtichean cothroman ionnsachaidh gu mòr. Tha eisimpleirean a’ gabhail a-steach:
- Ag obair le eòlaiche oilthigh air ainmean-àite Gàidhlig gus sgoilearan a chuideachadh gus an cruinn-eòlas agus eachdraidh chultarail ionadail aca a thuigsinn.
- A bhith a’ co-dhealbhadh turas nàdair leis a’ choille coimhearsnachd agus còmhla ri maor coille, a’ cruthachadh soidhnichean dà-chànanach agus bileag do luchd-tadhail.
- Turasan cunbhalach dhan ghàrradh coimhearsnachd gus ionnsachadh mu sheasmhachd, fàs biadh agus còcaireachd.
- A’ stèidheachadh fèill dhreuchdan agus seachdain dhreuchdan, le taic bho ghnìomhachasan ionadail, a’ toirt fiosrachadh do sgoilearan mu obraichean, preantasachdan agus slighean dreuchd eileanach.
- A’ tabhann leasanan seòlaidh do sgoilearan BS5–7 tro sgoil seòlaidh ionadail, agus iad a’ togail misneachd agus sgilean co-cheangailte ri beatha eileanach.
Com-pàirteachadh teaghlaich agus coimhearsnachd
Chùm Comhairle nam Pàrantan taic ghnìomhach ri togail airgid, tursan sgoile agus ceanglaichean coimhearsnachd. Dh’obraich pàrantan/luchd-cùraim gu dlùth leis an sgoil, a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gun robh ruigsinneachd co-ionann air cothroman leasachaidh.
A’ bhuaidh leantainneach a th’ air a bhith ann
Buileachadh agus coileanadh
Tha fianais bho measaidhean a’ sealltainn gun tàinig piseach air sgrìobhadh air feadh na sgoile, agus gu bheil barrachd misneachd ann am fuasgladh cheistean. Tha seo mar thoradh air cleachdadh nas treasa de rùintean ionnsachaidh, fios air ais de dh’àrd-chàileachd agus diofarachadh a tha air a phlanadh gu math.
Cànan, cultar agus fèin-aithne
Sheall clann ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig gun robh ìre fileantachd nas fheàrr aca agus gun robh iad a’ cleachdadh na Gàidhlig barrachd san sgoil agus taobh a-muigh na sgoile. Chuidich gnìomhachdan coimhearsnachd, leithid Abairt na Seachdain gus dearbh-aithne chultarach a neartachadh.
Ghabh clann ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig pàirt ann an Gàidhlig gu brosnachail mar chànan a bharrachd agus chuir iad ri tachartasan coitcheann agus ri àiteachan ionnsachaidh.
"Chuir e ri mo thuigse air an sgìre agam a bhith ag ionnsachadh ainmean-àite Gàidhlig ionadail. Tha mi nas misneachaile mu bhith ag ràdh nan diofar ainmean-àite leis gu bheil fios agam na tha iad a’ ciallachadh.”
Sgoilear BS5.
Sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair
Chuir seachdain nan dreuchdan agus com-pàirteachasan le gnothachas ri tuigse nan sgoilearan air cothroman agus slighean obrach gu h-ionadail a bheir cothrom do dhaoine òga fuireach san eilean.
Chaidh misneachd a thaobh uisge a leudachadh agus thog sgoilearan sgilean practaigeach tro leasanan seòlaidh a bha buntainneach an dà chuid ri cur-seachadan agus cosnadh san àm ri teachd.
“Chuir na seiseanan seòlaidh cunbhalach ri mo mhisneachd air an uisge. Chuidich e mi a bhith a’ faireachdainn nas sàbhailte a bhith a’ cur car uair is uair oir tha fios agam a-nis dè dìreach a bu chòir dhomh dèanamh.”
Sgoilear BS6
Com-pàirteachasan agus com-pàirteachadh coimhearsnachd
Tha com-pàirteachasan a-nis cunbhalach agus stèidhichte.
- Chùm gnìomhachas a bha an sàs ann an seachdain nan dreuchdan taic ri obair curraicealaim nas fhaide air adhart le bhith a’ toirt seachad toradh ionadail airson còcaireachd.
- Chuir sgoilearan ri goireasan turasachd le bhith a’ cruthachadh stuthan dà-chànanach co-cheangailte ri coilltean.
- Mar thoradh air a’ cho-obrachadh le eòlaiche ainmean-àite, chaidh pròiseact ealain a chur air dòigh a’ gabhail a-steach Bun-sgoil Eilean Ì agus sgoil ann an Svalbard, le fòcas air àrainneachdan eileanach coitcheann tro ealain, òrain agus ionnsachadh coimhearsnachd.
Fiosrachadh taice
Goireasan agus com-pàirteachasan coimhearsnachd

Chaidh sgoilearan BS5–7 dhan choille-uisge ann an Tìr Fheargain le com-pàirtichean coimhearsnachd. Rinn iad rannsachadh san sgìre, a’ coimhead air craobhan, crotail agus còinneach, agus gu sònraichte chòrd a’ ghrian air Tòrr Fada riutha.
Bùth-obrach air Saidheans Mara
Dh’obraich sgoilearan leis a’ Chomann Albannach airson Saidheans Mara ann am bùth-obrach air mucan-mara agus leumadairean. Bha ùidh mhòr aig a’ chlann ann agus chòrd e riutha gu sònraichte a bhith a’ dèanamh coimeas air meud nan diofar bheathaichean mara gu h-ionadail.
Cladhach Àrc-eòlais
Chaidh na sgoilearan BS4–7 againn gu Eilean Ì gus obrachadh le Urras Nàiseanta na h-Alba air cladhach àrc-eòlais aig Bothain Maol. Thug seo cothrom sgoinneil dhaibh a bhith ag ionnsachadh barrachd mun choimhearsnachd ionadail aca agus a bhith a’ sgrùdadh nan diofar dhreuchdan taobh a-staigh an Urrais Nàiseanta. Dh’ionnsaich sgoilearan sgilean ùra agus chunnaic iad cò ris a dh’fhaodadh e a bhith coltach a bhith ag obair mar àrc-eòlaiche.
Dualchas agus Cultar na Gàidhlig
Bha deagh latha againn nuair a thàinig Trail West airson bùth-obrach còmhla ruinn gus an t-òran aca Ar Cànan ’S Ar Ceòl ionnsachadh mar phàirt den phròiseact aca còmhla ri Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich. Bha an latha loma-làn seinn, dannsadh agus tòrr spòrs.
Iomain – Cupa Iomain na h‑Òige
Chluich sgoilearan ann an Cupa Iomain na h‑Òige, agus bha deagh latha aca de dh’iomain, Gàidhlig, spòrs agus spòrsalachd. B’ e àrd-phuing an latha gun do bhuannaich Bun Easain anns a’ cho-fharpais airson BS1–3.
Chaidh an cupa a thoirt dhuinn le Iomain Cholmcille, agus tha seo a’ cur an comas a bhith a’ cruthachadh co-fharpais iomain air feadh an eilein.
Ainmean-àite Gàidhlig
Chuidich an co-obrachadh le eòlaiche oilthigh Gàidhlig le bhith a’ cruthachadh an taisbeanaidh seo, a’ cuideachadh sgoilearan gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air tùs nan ainmean-àite sna sgìrean sa bheil iad a’ fuireach.
Soidhnichean Coille
Dh’obraich sgoilearan ann an Coille Coimhearsnachd Thìr Odhrain còmhla ri maor an Urrais Nàiseanta gus soidhnichean dà-chànanach agus bileag do luchd-tadhail a dhèanamh airson na slighe nàdair.
Gàrradh Coimhearsnachd
Rè fear de na tursan againn dhan Ghàrradh Coimhearsnachd, ghabh sgoilearan pàirt ann am buain, glanadh, gearradh, còcaireachd agus, gu dearbh, ithe! Le taic bho na com-pàirtichean againn anns a’ Ghàrradh Choimhearsnachd, rinn sgoilearan tì luibhean, pasta pesto, brot agus ùbhlan caineil.
Seachdain nan Dreuchdan
Mar phàirt de ghnothaichean Seachdain nan Dreuchdan, thadhail sgoilearan air Isle of Mull Weavers gus ionnsachadh mu mar a tha an gnothachas ionadail seo ag obair. Fhuair iad a-mach gur e measgachadh fìor inntinneach de mheacanaigs, matamataig, obair chruaidh, brosnachadh, cruthachalachd, deuchainn is mearachd, agus beagan draoidheachd a th’ ann am fighe.
Seòladh
Ag obair le Companaidh Leas Coimhearsnachd a tha an sàs gu sònraichte ann an spòrs-uisge, bha na sgoilearan BS5-7 an sàs ann an sreath de leasanan seòlaidh. Chuidich na seiseanan seo sgoilearan gus misneachd a thogail air an uisge agus a bhith a’ togail sgilean seòlaidh ùra.
Tuathanas gu Truinnsear

Chuir sinn crìoch air an topaig againn Tuathanas gu Truinnsear le turas aig an sgoil air fad gu bèicear organach agus companaidhean caise san sgìre. Dh’ionnsaich sgoilearan mar a tha gnìomhachasan ionadail ag obair, rannsaich iad cothroman obrach co-cheangailte agus fhuair iad tuigse air mar a tha an àrainneachd ionadail bunaiteach do na gnìomhachasan seo.
Pròiseact Tidal Arts – Artica (Svalbard)
Dh’obraich sgoilearan BS5–7 còmhla ri eòlaiche air ainmean-àite Gàidhlig agus luchd-ealain ionadail, agus sgoilearan à Bun-sgoil Eilean Ì, air pròiseact a’ coimhead air mar as urrainnear eòlas a cho-roinn thar àrainneachdan eileanach tro ealain lèirsinneach, fuaim agus com-pàirteachadh coimhearsnachd.
Chòrd e ris a’ chlann a bhith ag èisteachd ri sgeulachdan, a’ seinn òrain Ghàidhlig, a’ cruthachadh obair ealain, agus a’ cruinneachadh chlachan a thèid a cho-roinn leis a’ chloinn ann an Svalbard.