Ceannardas agus Foghlam Meadhan na Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh - Bun-sgoile

Tha na h-amasan a leanas aig a’ ghoireas seo:

  • taisbeanadh cudromachd co-cheannardais làidir agus lèirsinn cho-roinnte airson Foghlam Gàidhlig
  • a bhith a’ toirt eisimpleir de cheannardas atharrachail thar ùine co-cheangailte ri fèin-luachadh èifeachdach, co-obrachadh, conaltradh proifeiseanta agus ionnsachadh proifeiseanta da rèir gus buaidh fhaotainn do Fhoghlam Gàidhlig
  • brosnachadh ath-thogail nas làidire bhon ghalar mhòr-sgaoilte, agus aig a’ cheart àm ag aithneachadh mar a dh’fhaodadh teicneòlas cuideachadh ann an ruigsinn an amais seo
  • co-roinn mar a tha luchd-cruthachaidh a’ churraicealaim a’ brosnachadh chom-pàirtichean agus òganaich ann a bhith a’ cumadh an t-slighe air adhart airson a’ churraicealam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh

Sharing Inspection Finding - slides (PDF, 308 KB)

Sa chiad phàirt: Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh (HMI) a’ co-roinn prìomh theachdaireachdan bhon raon de fhianais sgrùdaidh a th’ aca airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh.

San dàrna pàirt: (bho fhrèam ama 11:00 agus às dèidh sin) Tha àrd-stiùirichean, luchd-teagaisg, daoine òga agus a’ choimhearsnachd bho Chomhairle nan Eilean Siar a’ taisbeanadh mar a tha iad a’ leasachadh càileachd na Gàidhlig agus bogadh nan eadar-obrachaidhean, farsaingeachdan agus eòlasan.

Ceistean Dùbhlain

  1. Dè na feartan de chleachdadh èifeachdach a tha ri ur miann san fhilm seo? Ciamar as urrainn dhaibh sin buaidh a thoirt air luchd-ionnsachaidh?

  2. Dè an ìre gu bheil àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ dol an sàs gu breithneachail anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig 2017,agus toraidhean sgrùdaidh gus Foghlam Gàidhlig de dh'àrd chàileachd a dhearbhadh? A bheil an t-astar de leasachadh leantainneach iomchaidh airson buaidh a thoirt orra sin?

  3. Dè an ìre gu bheil thu a’ cleachdadh guth luchd-ionnsachaidh gus slighe Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh a chumadh san àm ri teachd?

  4. Dè an ìre gu bheil clann agus daoine òga a’ nochdadh nam buannachdan an lùib ionnsachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ sìor fhàs dà-chànanach?

  5. Ciamar a tha sgrùdadh is tracadh air adhartas agus coileanadh a’ dèanamh cinnteach gu bheil bunait thèarainte aig clann is daoine òga ann an Gàidhlig mus tòisich iad air sgilean sa Bheurla?

  6. Dè na ro-innleachdan a tha èifeachdach ann an teagasg Beurla do chlann agus iad a’ gluasad bho ìre làn bhogaidh chun na h-ìre bogaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?

  7. Ciamar a tha com-pàirtichean agus buill den choimhearsnachd a’ cur taic ri curraicealam Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?

  8. Dè cho èifeachdach ’s a tha ur cleachdadh de theicneòlas didseatach gus a’ Ghàidhlig a mheudachadh ’s a leudachadh sa churraicealam? A bheil thu a’ dol an sàs le cothroman leithid e-Sgoil, Film-G, An Deasbad Beag?

  9. Dè cho math ’s a tha Foghlam Luchd-Ionnsachaidh ga fhighe a-steach tarsainn a’ churraicealaim tro mhodh-obrach chànanan 1 + 2?

  10. A bheil a’ Ghàidhlig ri faicinn agus ri cluinntinn anns an sgoil agus mu thimcheall na sgoile agus a bheil ìomhaigh àrd gu leòr aice aig tachartasan tar-sgoile?